The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Beagan air dà fhichead bliadhna air ais bha mi an sàs a’ cur dà uisge-beatha ùr air a’ mhargaid. Ged is mi fhìn a tha ga ràdh bha an obair-margaidhea­chd agamsa agus aig feadhainn a lean leatha às mo dhèidh glè shoirbheac­hail, ach saoilidh mi gur e brìgh Tè Bheag Nan Eilean agus Poit Dhubh a dh’fhàg gum bheil iad le chèile a’ reic gu math feadh an t-saoghail an-diugh. Gum meal Pràban na Linne an naidheachd air soirbheach­adh chun na h-ìre sin! Thug sgeulachd air an do laigh mo shùil bho chionn ghoirid tachartas àraid bho làithean tràth na buidhne sin air ais gu mo chuimhne. Nuair a thadhail mi air taigh-òsta ann am Muile thòisich an t-òstair a’ cur às a chorp mu chosgais dibhe agus gu h-àraid ìre na cìse anns a’ chosgais. Aig an àm ud ma ’s math mo chuimhne bha mu sheachd ceud sa cheud de chìsean ann an cosgais bucas de dhusan botal! Chrìochnai­ch an t-òstair a chuid searmoin a’ càineadh an riaghaltai­s leis a’ bheachd, nach do dhìochuimh­nich mi, ag ràdh gun robh an dùthaich air a dhol mar a chaidh Ìmpireachd na Ròimhe a’ cur chìsean air an cuid chìsean gus an tuilleadh airgid a thogail! Gu fortanach cha b’ ann ormsa a bha a chuid corraich ag amas agus cheannaich e beagan den uisge-bheatha gus fhiachainn san taigh-òsta aige!

Dè thug seo na mo chuimhne? Thug an sgeulachd gum bheil an riaghaltas am beachd ’s dòcha cìsean a chur air taidhriche­an charbadan! ’S e an argamaid a th’ ann a rèir choltais gum bheil na taidhriche­an as buige a’ crìonadh nas luaithe agus a’ cur ri truaillead­h na h-àrainneach­d. Mar sin theagamh gun tèid co-dhùnadh cìsean a chur air taidhriche­an agus sin a’ dol am meud a rèir buige an rubair a bhios annta. Chan eil teagamh nach cuireadh sin bacadh air mòran de chleasan cuibhle bhalaich òga an siud ’s an seo, ach bheireadh e buaidh cuideachd air rèiseadh chàraichea­n agus air cosgais cleachdadh charbadan dhan mhòr-shluagh san fharsainge­achd. Mar a tha a’ sìor fhàs nas bitheanta tha dìon na h-àrainneach­d na adhbhar (leisgeul!) airson na h-argamaid seo, ach nan tachradh a leithid bhiodh sinne uile a dh’fheumas carbadan a chleachdad­h a’ pàigheadh peanas eile airson a bhith beò!

Car mar a tha cùisean leis na cosgaisean a tha sinn a’ pàigheadh airson cumhachd dealain is gas an-dràsta. Chan e na tha sinn a’ cleachdadh den chumhachd idir as dorra dhuinn, thèid againn air smachd a chumail air sin, ach chan eil dad as urrainn dhuinn a dhèanamh mu na cosgaisean làitheil a tha mar fhiachan oirnn dìreach airson a bhith ceangailte ris na seirbheise­an. Thathas ag innse dhuinn gum bheil tomhas de na cosgaisean sin gan cleachdadh gus cumhachd ath-nuadhachai­l a thoirt air adhart, ach nuair a chithear ìre na buannachd a tha leithid tuathan-gaoithe a’ cosnadh saoil am bheil e cothrom gum biodh a’ mhòr-shluagh a’ giùlan uimhir de chosgais leasachaid­h.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom