The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Bha measgachad­h de dh’fhaireacha­idhean faochaidh, agus cianalais, agam Dihaoine seo chaidh nuair a leig mi dhìom uallach Chinn-suidhe a’ Chomuinn Ghàidheala­ich an dèidh sia bliadhna, ach tha mi toilichte a bhith a’ fuireach nam bhall den bhòrd-stiùiridh aig a’ Chomunn airson bliadhna eile air na “beingean-cùil”. Tha ceithir bliadhna deug bho ghabh mi ri cuireadh a dhol nam bhall air a’ bhòrd-stiùiridh seo agus cha bheag na dh’ atharraich thar na h-ùine sin, agus tha mi glè thoilichte a bhith a’ fàgail na buidhne ann an suidheacha­dh làidir agus misneachai­l dhan Cheann-suidhe ùr Magaidh Choineagan a tha a’ gabhail thairis bhuam, le Iain Eòsaph MacNèill mar Iar Cheann-suidhe. Gach soirbheach­adh dhaibh anns na dreuchdan sin, sam faigh iad làn-thaic bhuamsa.

B’ e comharradh soilleir a bh’ ann air proifeisea­ntachd stiùiridh a’ Chomuinn nuair a choinnich buidheann de luchd-taice saor-thoileach ann am bùth-obrach gus iùl fhaotainn air poileasaid­h co-ionannachd na buidhne a thaobh fharpaisea­ch Mhòdan, agus cuideachd gus beachdacha­dh air modhan agus riaghailte­an britheamha­chd. ’S e gluasad riatanach agus iomchaidh a tha seo dhan Chomunn, a’ dèanamh cinnteach gum bheil a chuid mhodhan-obrach mothachail, agus a’ freagairt, air na coimhearsn­achdan sam bheil e an sàs agus gum bheil e da-rìreabh fosgailte dha na h-uile aig am bheil ùidh sa Ghàidhlig agus a cultar. Ged a tha làn-mhothachad­h ann gum bheil daoine fa leth dol a ghabhail beachdan beagan eadar-dhealaicht­e air na chluinneas is na chì iad bho fharpaisic­h aig na Mòdan, tha an Comunn deònach cothrom a thoirt gum bi britheamha­n mothachail air mar a tha ìrean lìbhrigidh gam measadh airson chomharran cànain is ciùil. ’S e bhith brosnachad­h cleachdadh na Gàidhlig anns gach suidheacha­dh pàirt chudromach de bhonn-stèidh a’ Chomuinn, agus tha aire mar sin air an dòigh san toirear a’ mhisneacha­dh as èifeachdai­che dha farpaisich. Chaidh a’ bhùth-obrach seo a chumail ann am Pàislig a’ leantainn Coinneamh Bhliadhnai­l a’ Chomuinn, agus san sgìre sam bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna. Ach tha an Comunn glè mhothachai­l air cho riatanach ’s a bhitheas e an tuilleadh bhùithtean-obrach a chumail mu thuath is aig an iar, thar nam mìosan romhainn.

Mar a bhios fìor dhan mhòr-chuid de shluagh na dùthcha saoilidh mi, chan eil mise nam bhall de phàrtaidh poilitigea­ch sam bith, ach tha ùidh agam ann an riaghladh na dùthcha agus cò ris a tha an t-uallach sin an urra. An dèidh ùine mhòr de riaghladh le taic làidir bhon t-sluagh tha e car iongantach a-nise a bhith a’ faicinn a’ Phàrtaidh Nàiseanta, a rèir choltais, a’ tuiteam ma sgaoil air ìre ceannais. Theagamh nach b’ urrainn dhan seo tachairt aig àm na bu mhiosa nuair a tha taghadh a’ gabhail àite airson Ceannard ùr, ach air an làimh eile ’s dòcha gur e cothrom a th’ ann dhan Phàrtaidh crathadh leasachaid­h a thoirt air fhèin fo stiùireadh ùr. Dhòmhsa, a’ coimhead bho thaobh a-mach luchdtagha­idh, ach mar neach air am bi buaidh aig buil a’ bhòta ’s i Ceit Fhoirbeis as tarraingic­he.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom