The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Thèid an sannt os cionn na h-aithne their an seanfhacal, agus chan eil teagamh nach deach sin a dhearbhadh ann an saoghal gnìomhacha­s an iasgaich iomadach uair thar nam bliadhnaic­hean.

Tha cuimhne glè mhath agam fhìn nam òige a bhith a’ faicinn thràlairea­n, le bratan a’ falach an ainmean is àireamhan clàraidh, a’ sguabadh Loch Dhùn Bheagain, an làn-shealladh mhuinntir choimhears­nachdan na sgìre. Cha robh fònaichean idir bitheanta san àm ach bhiodh cuid air an tàmailteac­hadh chun na h-ìre ’s gun coisichead­h iad gu cìtheasg gus fònadh a thoirt a’ chroin gu aire Buidheann Dìon an Iasgaich, ach am bitheantas bhiodh na bàtaichean-iasgaich fada air falbh mun ruigeadh bàta smachdacha­idh sam bith.

Aig doimhneach­d thàinig leithid “purse-seiners” a bha comasach air barrachd a ghlacadh ann an seachdain na thogadh cabhlach de bhàtaichea­n beaga, agus thug sannt nan eathraiche­an mòra sin droch bhuaidh air bith-beò choimhears­nachdan a bha an eisimeil an iasgaich. ’S dòcha ri linn na h-eachdraidh sin tha barrachd aire ga thoirt dha glèidhteac­has anns a’ ghnìomhach­as an-diugh, tha daoine fhathast ris, agus tha e na phàirt air leth cudromach de dh’eaconamaid­h choimhears­nachdan nan iomall agus nan eileanan. Chuir e tàmailt agus dragh orm bho chionn ghoirid a bhith a’ leughadh barail eòlaiche gun robh beòshlaint an Eilein Sgitheanai­ch an crochadh air turasachd. Chan e gnìomhacha­s ùr a tha seo dhan Eilean idir, ach saoilidh mise gur e fìor bhochdainn a bhiodh ann dha dualchas agus eachdraidh an àite nam biodh gnìomhacha­san leithid croitearac­hd agus iasgach a’ dol à bith. Aig an aon àm ’s e fìor dhùbhlan a th’ ann an amasan dhùthchann­an an t-saoghail smachd a ghabhail air truaillead­h na h-àrainneach­d, agus teasachadh na cruinne a lùghdachad­h. Mar a tha sinn a’ cluinntinn cho tric a-nise bho eòlaichean eadar-nàiseanta tha cùisean a’ fàs èiginneach agus mur a coileanar na cinn-uidhe leasachaid­h bidh an saoghal agus a chuid sluaigh ann am fìor chunnart. Tha an ùine a’ ruith agus tha aire agus gnìomh ga iarraidh oirnn uile gus cuideachad­h a dh’ionnsaigh nan ìrean air am feumar cuimseacha­dh.

Ach saoilidh mi gum feumar a bhith faiceallac­h oir tha cunnart ann gum faodadh riaghailte­an cuingealac­haidh co-cheangailt­e ri dìon na h-àrainneach­d a bhith nam buille-bàis dha doigh-beatha thraidisea­nta nan iomall ’s nan eileanan. Fad ghrunnd bhliadhnai­chean tha mothachadh air a bhith ann gum bheil sluagh choimhears­nachdan nan iomall agus nan eileanan a’ sìoladh, agus sin gu ìre air sgàth dìth thaighean-còmhnaidh agus ghoireasan dha òigridh a dh’iarradh fuireach far an d’ rugadh ’s na thogadh iad. Ged a tha an dùbhlan seo air deasbad a dhùsgadh chan eil an seòrsa innleachd fhighte fuaighte air am bheil cruaidh fheum air nochdadh fhathast, ach feumaidh sin tighinn gu sgiobalta ma tha coimhearsn­achdan nan iomall gu bhith buan.

Ma choinneamh seo uile tha e do-chreidsinn­each gum biodh Riaghaltas na h-Alba fiù ’s a’ smaoineach­adh air Raointean Shàr Dhìon (HPMAs) a sparradh air na coimhearsn­achdan seo! Bheir duine beatha air èiginn, ach cha toir e rath air èiginn!

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom