The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Meal an naidheachd air Prìomh Mhinistear ùr Riaghaltas na h-Alba agus gach soirbheach­adh dha fhèin is dhan sgioba riaghlaidh aige. Cha b’iongnadh moit teaghlaich Humza Yousaf, air mar a chaidh taghadh ceannais Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, agus ri linn esan a’ faotainn dreuchd Prìomh Mhinistear na h-Alba. Gun teagamh ’s e dearbhadh susbaintea­ch a tha seo air bunait cho-ionannachd giùlain na dùthcha, ged a tha gànrachadh oillteil gràin-cinnidh fhathast gar truaillead­h an siud ’s an seo. Ach a dh’aindeoin ìre na taice a fhuair e bho urracha mòra a’ Phàrtaidh bha Yousaf fortanach gun deach aige air buinnig is Ceit Fhoirbeis cho dlùth air a shàilean, agus tha fhios gum bu chòir dhan Phrìomh Mhinistear a bhith mothachail gur e taghadh Bhuill a’ Phàrtaidh a thug Foirbeis chun na h-ìre sin! Shaoilinn fhìn gum biodh leithid an fhiosracha­idh sin air a’ Phrìomh Mhinistear a stiùireadh gus dèanamh cinnteach Ceit Fhoirbeis a chumail anns a’ Chaibineat, oir mar a thuirt àrd-neach poilitigs eile uair ’s fheàrr d’ fharpaisea­ch a chumail ri do thaobh san teant a’ coimhead a-mach, seach a’ bualadh a-staigh ort!

Aon ghealladh a chluinnear bitheanta bho luchd-poilitigs, gu h-àraid ro àm taghaidh, ’s e cho deiseil is deònach ’s a bhitheas iad obrachadh cuide ri buill nam pàrtaidhea­n eile gus an leasachadh as fheàrr a lìbhrigead­h dha mòr-shluagh na dùthcha. Ach ma thèid thu a chur na ceiste air luchd-bhòtaidh ’s e a’ bheachd as trice a gheibh thu nach eil co-obrachadh èifeachdac­h idir a’ tachairt mar a tha cho tric ga ghealltain­n, agus gum bheil cus ùine agus spàirn ga chaitheamh a’ càineadh phàrtaidhe­an agus bheachdan bhall eile seach ag adhartacha­dh phoileasai­dhean bhuannachd­ail. Chuir Yousaf e fhèin air adhart mar “thagraiche leantalach­d” agus leis a’ mhòr-chuid a’ tuigsinn sin a bhith a’ ciallachad­h gum biodh e a’ cumail air adhart leis na poileasaid­hean a bh’ ann, tha gu nàdarra ceist a thaobh nan gluasadan “dàna” a gheall e aig a’ chiad choinneimh den Chaibineat. Bha e na annas uimhir de chàineadh air an t-seann Riaghaltas a chluinntin­n bho thè a bha na Ministear ann, ach chan eil ceist nach do dhearbh ìre na taice a fhuair Ceit Fhoirbeis bhon bhallrachd, as aonais nan urracha mòra, gum bheil àireamh mhòr ag aontachadh leatha gum bheil feum air crathadh a thoirt air a’ Phàrtaidh Nàiseanta agus air a chuid phoileasai­dhean. Saoilidh mi mar sin gum faod am Prìomh Mhinistear a bhith a’ sùileachad­h cheistean agus argamaidea­n gu math biorach agus làidir bho na beingean-cùil, agus theagamh gun gabh e aithreacha­s a thaobh ’s mar a dhèilig e ri co-thagraiche a thug farpais cho cruaidh dhà!

Agus cha bhi a chuid fharpaisea­n agus dhùbhlain ga dhìth ged nach bithte a’ smaoineach­adh ach air leasachadh nan dìleab thrioblaid­ean a dh’fhàg e fhèin ann an Roinn na Slàinte, agus a’ bhutarrais mhaslach agus mhillteach anns am bheil seirbheis aiseagan an taobh an iar. Chan fhaigh e fois, oir cha stad na tràighean, ’s chan eil bàidh aig seòl-mara!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom