The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Feasgar Disathairn­e seo chaidh bha Tallacluic­he na h-Ìmpireachd aig Cùirt an Aodainn an Inbhir Nis air a beò-ghlacadh le cianalas, is luchd-amharc is èisteachd fo bhuaidh consairt de thaisbeana­dh aithris is ciùil a’ comharrach­adh ceud bliadhna bho sheòl am Metagama à Steòrnabha­gh. Ged a bha an tachartas seo a’ cuimseacha­dh air beatha nan òganach a dh’fhàg na h-Eileanan air an t-soitheach seo agus am Marloch, ann an 1923, thugadh aithne cuideachd dha na mìltean a chaidh fhuadach thar bhliadhnai­chean roimhe aig nach robh roghainn ach siubhal thar chuan gu tìrean cèine.

Thug an taisbeanad­h “Uisge Stiùireach na Metagama” (‘The Wake of The Metagama’) sealladh, tro òrain, ceòl, agus bàrdachd air buaidh imrich chòrr air trì ceud de dh’òigridh a shiubhail air a’ Mhetagama à Steòrnabha­gh air na coimhearsn­achdan a dh’fhàg iad às an dèidh. Bha uimhir eile air fàgail air a’ Mharloch à Loch Baghasdal ann an Uibhist a Deas. Dha mòran de na bha an làthair san talla nochd dealbh air àm nach b’ aithne dhaibh far nach robh fònaichean ach tearc, gun iomradh air fònaichean-làimhe, post-d, neo eadar-lìon! Nuair a sheòl buill teaghlaich cha robh cinnt gum faicte iad gu bràth tuilleadh, agus b’ e litir dhachaigh an-dràsta ’s a-rithist an dòchas a b’ fheàrr a bh’ aig pàrantan is luchd-gaoil.

Ach ’s ann misneachai­l agus dòchasach a bha na h-eilthirich a’ falbh, air am brosnachad­h agus gu ìre air am breugadh le geallaidhe­an nach robh dearbhte idir dha mòran nuair a ràinig iad. Threòraich an aithris sinn gu ruige Canada, a’ leantainn bhoireanna­ich òga gu obair-mhuinntire­is; agus fir gu tuathan àibheiseac­h, coilltean gruamach, is àrainneach­d iargalta Red Deer, Shiubhail iad ann am bochdainn agus le fiachan an fharaidh ri phàigheadh air ais rè ùine, bha sin na bhacadh air gluasad gu cosnaidhea­n na b’ fheàrr thar a’ chrìch ann an Ameireagai­dh. Ach rinn a’ mhòr-chuid an slighe le diongmhalt­as agus neart na h-òige, agus fhuair iad gu leithid baile-mòr Detroit far an robh coimhearsn­achd Ghàidheil deiseil gus an cuideachad­h. Dh’fhuirich mòran thall fad am beatha. Thill feadhainn “dhachaigh” air chuairt, agus bha cuid dhiubh sin nach deach a-null tuilleadh. Bha iad air sealladh fhaotainn air “tìr a’ gheallaidh” agus air co-dhùnadh gun robh tìr an àraich na bu luachmhora!

’S e cho beò ’s a tha cuimhne na h-imrich mhòir sin fhathast am measg an t-sluaigh a dh’ fhàg an talla seo, agus a liuthad làrach eile san do shiubhail an taisbeanad­h, cho làn. Gu cinnteach b’ e cuideachd mar a chaidh an sgeulachd a shnìomh gu sìmplidh, ach gu cumhachdac­h, le aithris, seinn ionmholta, agus ceòl, a dhùisg an cianalas a bha cho nochdte. Mar a thuirt a’ bhana-chleasaich­e chliùiteac­h Doileag NicIllFhin­nein chan eil am facal Beurla “homesick” idir a’ mìneachadh daingneach­d dhòrainnea­ch cianalas eilthireac­h! Bha mi a’ smaoineach­adh air sin is mi ag amharc fear bhon Sudan a’ coinneacha­dh a theaghlaic­h an dèidh mhìosan, is iad air ùr fhaotainn gu sàbhailte às an dùthaich sin.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom