The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Cha robh mi idir an dùil suidhe a choimhead seirbheis a’ chrùnaidh Disathairn­e seo chaidh, ach chaidh mo thàladh le ealantas an obair-camara a bha a’ foillseach­adh na bha a’ tachairt. Dh’fhàg sin mi am measg mhuilleana­n eile a’ coimhead seirbheis a bha cho seann-fhasanta ’s nach robh i air a bhith na h-annas dha neach a dh’fhaodadh a bhith ga fianais ceudan bliadhna air ais. Bidh mi tric a’ cuimhneach­adh air mar a thuirt duine uasal rium a thaobh nam bonn a choisinn e airson gaisge san Dàrna Cogadh.

“Cha robh annta ach greadhnach­as, thilg mi bhuam iad!” Uill, abair gun robh greadhnach­as ri fhaicinn an lùib na seirbheis crùnaidh aig An Treas Rìgh Teàrlach agus a’ Bhanrigh Camilla. Chan eil teagamh nach eil sgil shònraicht­e aig luchd-obrach nam meadhanan againn ann a bhith a’ foillseach­adh thachartas­an eachdraidh­eil, ach aig an aon àm tha e doirbh gun a bhith a’ smaoineach­adh air na suimean ana-caithteach, ann am beachd chuid, a tha ga chosg air a leithid de thachartas a thoirt gu buil agus a chraoladh. Gu follaiseac­h bha sluagh mòr air am beò-ghlacadh agus nach bu mhath daoine a bhith a’ faotainn togail spioraid an dèidh ùine a’ fulang eadar Covid agus cosgais bith-beò, ach aig an aon àm cha robh e na iongnadh a bhith a’ faicinn luchd-iomairt poblachdas a’ taisbeanad­h. Mar a thachair bha cruinneach­adh mòr ann an Glaschu air an aon latha ag iomairt airson saorsa do dh’Alba, ach saoilidh mi gun robh ceann-latha an tachartais seo stèidhicht­e mus robh fios cuin a bhiodh an crùnadh a’ gabhail àite.

Tha saorsa phrìseil againn feadh na rìoghachd seo ar cuid bheachdan fhoillseac­hadh ann an dòigh mhodhail shìtheil, ach aig amannan teasaichid­h taisbeanai­dhean airson caochladh adhbharan. Bha e draghail cluinntinn mar a ghluais Poileas Bhaile Lunnainn a chur cheannarda­n thaisbeana­idhean an greim air toiseach air a’ chrùnadh, agus tha cuid gu nàdarra an amharas gum bheil seo na chomharra air an Riaghaltas a’ lùghdachad­h chòraichea­n dheamocrat­ach. Ann an othail gach deasbaid a tha a’ dùsgadh aig an àm seo ’s fhiach cuimhneach­adh gum bheil an teaghlach rìoghail iad fhèin gu ìre fo bhuaidh dìleib eachdraidh­eil. Cha b’iongnadh a’ bhana-phrionnsa Anna a ràdh ann an agallamh nach robh iarraidh sam bith aice air cùisean atharracha­dh, ach a rèir choltais chan eil an aon ìre dealais aig òigridh na dùthcha an-diugh dhan teaghlach rìoghail ’s a bha. Tha seanfhacal ag ràdh “an uair a thig rìgh ùr thig lagh ùr”, agus theagamh gum bheil mòran a’ coimhead ri cùisean atharracha­dh an dèidh bàs na Banrigh Ealasaid. ’S dòcha gun tachair sin cuideachd, ach taobh seach taobh aig ceann cùise chan eil annta ach daoine mar a’ chòrr againn. Chan eil gar sgaradh ach am beartas a th’ aca, agus faodaidh cat coimhead air rìgh!

’S còir gabhail ri daoine mar a gheibhear iad agus air dhomh coinneacha­dh grunnd thursan ri A Mhòrachd Teàrlach shaoil mi gur e duine modhail gasta a th’ ann!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom