The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

’S e lìonmhorac­hd nan làmh a nì an obair aotrom! Sin seanfhacal air a bheil a’ mhòr-chuid glè eòlach tha mi cinnteach, agus bidh deagh chuimhne aig an fheadhainn a thogadh ann am baile croitearac­hd air mar a bhiodh teaghlaich­ean a’ dol cuideachd aig amannan cur is buain, agus obair-mònach. Thig boillsgidh­ean cuimhne thugam air làithean brèagha sona, dhòmhsa co-dhiù, nuair a bhithte a’ buain mhònach air monadh Ùiginish.

Ma bha latha gu bhith ga thoirt air an obair rachadh sgioba trì, neo ceithir, iarainn a chur air dòigh agus bhuaineadh iad sin connadh bliadhna dhan dachaigh. Agus abair othail a’ deasachadh airson an latha chudromach sin, gu sònraichte am biadh, feòil ròsta, buntàta, sgonaichea­n, agus duf ! Tha cuimhne agam air ciste làn bìdh, soithichea­n, coire mòr dubh, agus na dh’fheumte gus teine a lasadh, ga togail gu cùl na làraidh a ghiùlainea­dh an sgioba agus an àirneis buana a dh’ionnsaigh na mòintich. Latha de dh’obair chruaidh dha na h-inbhich, latha cluiche shona dhuinne mar chloinn, agus cothrom èisteachd ri còmhraidhe­an is sgeulachda­n eirmseach aig àm bìdh!

‘S e fear de na cuimhneach­ain thràtha a th’ agam, nuair a bha mi mu cheithir bliadhna, mo mhàthair gam shlaodadh tro na cruitean gu taigh Thòmais Mhurchaidh far an robh an làraidh gar feitheamh is mo mhàthair gu bhith a’ toirt latha buana cuide riutha.

Bidh mi tric cuideachd a’ cuimhneach­adh air an toileachas a bh’ ann siubhal ann an làraidh, neo carbad sam bith, nuair a bha iad sin cho tearc nar coimhearsn­achdan, agus bha sinn a’ saoilsinn gun robh na làraidhean cho mòr!

An-diugh tha fhios againn cho beag ’s a bha iad an taca ris na h-innealan air am bheil sinn eòlach a-nise agus a h-uile càil saoilidh sinn a’ fàs nas motha is nas luaithe ged nach eil ’s dòcha cinn-uidhe a’ fàs dad nas fhasa an ruigheachd. Bidh co-dhiù cuid agaibh mothachail air mar a tha meudachd nan trèilearan air làraidhean mòra air fàs thar nam beagan bhliadhnai­chean a chaidh, agus barrachd dhiubh sin a-nise a’ ruith air sia neo fiù barrachd aisealan.

Ged a tha sin a’ sgaoileadh cuideam nan luchdan a bhios iad a’ giùlan air na ròidean chan eil sin a’ ciallachad­h cus buannachd air nam mìltean mhìle de sheann ròidean-cartach ris am bheil uimhir de dh’Alba fhathast an eisimeil airson còmhdhail. ’S beag an t-iongnadh ged a bhiodh na ròidean sin a’ tuiteam às a chèile eadar ìre na trafaig, is le turasachd a’ cur gu mòr ri sin, agus cuideam is leud làraidhean is bhusaichea­n an latha ’n-diugh. Cha b’iongnadh a bharrachd muinntir an Eilein Sgitheanai­ch a bhith a’ dèanamh toileachas ris na milleanan a tha Comhairle na Gàidhealta­chd a’ cur ri leasachadh ròidean an Eilein am- bliadhna.

Bho dheireadh a’ mhìos seo bidh làraidhean le trèilearan faisg air seachd troigh nas fhaide ceadaichte air na ròidean againn, agus ged nach bi luchdan nas truime tha dùil gum bi nas lugha thursan lìbhrigidh ann!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom