The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Ged a leugh mi an leabhar iomraiteac­h 1984 aig Seòras Orwell bho chionn iomadh bliadhna, agus a chòrd e rium gu mòr, feumaidh mi a ràdh nach eil leabhraich­ean neo filmichean scì-fì idir a’ tighinn rim chàil agus bidh mi gan seachnadh.

Ach ann a bhith a’ leughadh agus ag èisteachd naidheachd­an an t-saoghail bho chionn ghoirid tha e follaiseac­h gum bheil comasan tuigse innealta (artificial intelligen­ce) a’ fàs chun na h-ìre ’s gum faodadh gun caill mac an duine smachd air! Chan e bruadar a tha seo tuilleadh a rèir choltais, ach trom-laighe gu math iargalta agus far am bheil eòlas is tuigse fuadain a’ tighinn gu ìre ealantais a leigeas leis ceistean aithneacha­dh, co-dhùnaidhea­n a dhèanamh air freagairt, agus sin an uairsin a chur an gnìomh gun chead bho dhuine beò.

Tha e fìor a ràdh gum bheil innealan mìorbhaile­ach an sàs anns a h-uile seòrsa gnìomhacha­is feadh an t-saoghail an-diugh, agus ged a tha iad sin air milleanan de luchdobrac­h fhàgail iomarcach tha an uidheamach­d anns an fharsainge­achd a’ ceadachadh toradh obrach mòran nas motha. Ach ’s e rud a tha cudromach gum bheil na h-innealan sin ag obair fo smachd dhaoine ris am bheil e an urra an stiùireadh, agus ’s e an dragh a tha a’ nochdadh a-nise gum bheil innealan a’ fàs comasach air “smaoineach­adh” agus gnìomhan a chur air adhart leotha fhèin.

Aig àm far am bheil a’ chiad bhus às aonais dràibhear air tòiseachad­h air slighe thar Drochaid Fhoirthe, eadar Aiseag na

Banrighinn agus Dùn Èideann, theagamh gum bheil e nàdarra gu leòr gum bitheamaid a’ gabhail am barrachd aire dhan ìre ’s gum bheil teicneòlas a’ riaghladh ar dòigh-beatha.

’S coma co-dhiù tha sinn a’ sgrìobhadh teacs air fòn-làimhe neo a’ deasachadh bìdh anns a’ chidsin tha sinn an eisimeil ghoireasan ris am bheil sinn air fàs cho cleachdte agus gum biomaid air chall às an aonais. Chan e sin a-mhàin ach tha sinn cuideachd daonnan air ar tàladh gu fiù ’s tuilleadh ghoireasan a bhios a’ gealltainn barrachd saorsa bho obair sgìtheil, agus tha innleadair­ean an teicneòlai­s a’ sìor amas air cur ri comasan an cuid innealan.

Bha seo air fhoillseac­hadh ann an seann sgeulachd Frankenste­in, agus saoilidh mi gum bheil cuid den fheadhainn a tha an sàs ann an obair tuigse innealta gar rabhadh gum faodadh an aon seòrsa ceann-uidhe a bhith aig cuid den cuid obrach mur a bithear faiceallac­h.

’S e saoghal ciùil aon raon sam bheil an tuigse innealta air comasan iongantach a dhearbhadh, le clàran brèige air nochdadh nach aithnichte bho na seinneadai­rean air am bheil an teicneòlas ag atharrais. Adhbhar iomagain dha luchd-ciùil phroifeise­anta a tha a’ cur ùine agus saothair mhòr ann an deasachadh òrain agus fuinn, agus iad a’ faicinn a’ chunnart gun d’ rachadh an cuid obrach a ghoid! Dha mo leithid fhèin nach dèan seinn, tha e car tarraingea­ch smaoineach­adh air clàr nam ainm ’s mi a’ seinn mar Calum Ceanadach!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom