The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Mar a dh’èirich dhan a’ mhòr-shluagh a bha mothachail air naidheachd­an an Eilein Sgitheanai­ch bha mise cuideachd air tòrr a chluinntin­n mu staid ròidean an Eilein, agus bha mi mar sin air mo dheisealac­hadh nuair a shiubhail mi ann bho chionn ghoirid, a’ chiad turas bho chionn faisg air trì mìosan. Ach abair iongnadh a bha romham nuair a ràinig mi a-null, agus ann a bhith a’ siubhal eadar Caol Àcain is Port Rìgh, is à sin gu ruige Caileabost, agus air ais taobh an t-Sruthain, bha e follaiseac­h gun robh Comhairle na Gàidhealta­chd air mòran obair-càraidh mhath a dhèanamh ann an ùine glè ghoirid. Bidh e coltach gun do ghabhadh seo os làimh cho luath ’s a chaidh buidseat càraidh aontachadh air son na bliadhna ionmhais ùire aig a’ Chomhairle, agus saoilidh mi gum bheil oifigich agus luchd-obrach airidh air moladh airson an cuid dealais a’ cur na h-obrach riatanach seo air adhart. Tha sinn deiseil gu leòr ann a bhith gan càineadh aig amannan, fiù ’s nuair nach eil smachd aca air suidheacha­dh far am bheil gainnead airgid a’ bacadh obair-leasachaid­h sam bith, agus mar sin tha fhios gur còir aithne thoirt dhaibh nuair a nì iad obair ealanta cho sgiobalta!

Thàinig loidhniche­an tuairisgeu­lach bho làithean na bun-sgoile, agus ionnsachad­h beagan de dh’eachdraidh an ochdamh linne deug nam chuimhne, agus shaoil mi gun robh iad air leth iomchaidh! If you’d seen these roads before they were made, you would lift up your hands and bless General Wade! Oir, ged a rinn an obair-càraidh seo feum mòr dha luchd- siubhail agus an cuid charbadan, gu follaiseac­h chan eil faisg gu leòr de mhaoin aig Comhairlea­n Alba gus làn-leasachadh iomchaidh a thoirt air na ròidean a tha an urra riutha. A dh’aindeoin ’s na rinneadh de chàradh tha am feum a th’ ann air tuilleadh obrach gu math nochdte fhathast feadh na Gàidhealta­chd gu lèir, agus tha cuid de ròidean singilte ann am fìor dhroch staid agus a’ sìor dhol bhuaithe. Bheil mi a’ fàs mar phìobaire an aona-phuirt leis an aon langan air staid ròidean? Theagamh gum bheil, ach saoilidh mi gum bheil cead agus saorsa siubhail a’ mhòr-shluaigh deatamach, agus tha an còir a th’ aig daoine a tha a’ còmhnaidh ann an sgìrean iomallach air slighean dòigheil a-mach ’s a-steach bhon dachaighea­n.

B’ e “gillean an rathaid” a chante san sgìre againne ris na fir a bha an urra ri obair-càraidh nan ròidean. Gun teagamh b’ e saoghal eadar-dhealaicht­e a bha sin le na bu lugha trafaig, agus sin mòran na b’ aotruime, ach bha iad a’ cumail smachd air cùisean. Nuair a thigeadh an nàbaidh a bha na ghafair air sgioba na sgìre air chèilidh is a dh’fhaighnich­eadh m’ athair dè bha dol, b ’ e “a’ paidseadh” am freagairt àbhaisteac­h. Tha seanfhacal ag ràdh gur uaisle toll na tuthag, ach chan eil dad uasal mu na tuill a th’ air feadh ar cuid ròidean!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom