The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Tha mise agus mo chomhaoise­an air leth fortanach mar phàistean a rugadh sa bhliadhna san tàinig Seirbheis Nàiseanta na Slàinte gu bith ann am Breatann, agus tha mòran againn beò ri linn èifeachdas na seirbheis sin thar na seachdad is còig bliadhna a chaidh. Ged a tha dùbhlan nach beag aig an t-seirbheis gu nàiseanta an-dràsta, is dìleab Còbhaid agus gainnead luchd-obrach air mìltean euslaintic­h fhàgail a’ feitheamh ùine mhòr airson obair-lannsa, tha seirbheis slàinte agus stàit shochairea­n Bhreatann nan adhbhair farmaid ann an dùthchanna­n feadh an t-saoghail. Agus chan iongnadh leithid de dh’fharmad air seirbheis stèidhicht­e air amas taic mheidigeac­h a thoirt dha na h-uile, an-asgaidh, mar agus far am bheil feum, ge bith aois, gnè, cinneadh, neo creideamh! Tha làn-fhios agam gum bi cuid a leughas seo nach bi uile gu lèir ag aontachadh, is iadsan air dàil neo fàillinn air choreigin fhulang san t-seirbheis, ach saoilidh mi gum bheil gnàth-eòlas a’ mhòr-shluaigh gam fàgail taingeil gum bheil Seirbheis Slàinte Nàiseanta againn. Chan eil teagamh nach eil dùbhlain aig luchd-stiùiridh na seirbheis cumail suas le atharraich­ean thinneasan is ghalaran, leigheasan ùra, agus sluagh a tha beò nas fhaide, agus tha dùbhlan agus dleastanas air an Riaghaltas aithne, agus prìomhacha­s iomchaidh, a thoirt dha buidseat gus leithid de sheirbheis a lìbhrigead­h gu h-èifeachdac­h.

Theagamh nach eil e na annas gum bheil pàrtaidhea­n poilitigea­ch a’ nochdadh innleachda­n leasachaid­h eadar-dhealaicht­e dha Seirbheis na Slàinte air a’ cheann-bliadhna sònraichte seo, ach nach bochd nach amaiseadh iad air obrachadh nas dlùithe le chèile air rud a tha cho sònraichte cudromach agus luachmhor dhan Rìoghachd. ’S coma cò aca ris an èist sinn tha na planaichea­n gu bhith an urra ri comas na dùthcha am maoineacha­dh, agus anns an fharsainge­achd dol a thoirt ùine mhòr an coileanadh. Nach biodh e ciallach gum biodh aonta Eadar-Phàrtaidh air innleachd agus slighe leasachaid­h rud a tha cho bunaiteach agus deatamach dhuinn uile ri seirbheis slàinte agus stàit shochairea­n Bhreatann. Am bheil e cus dhuinn a bhith a’ sireadh de chiall agus tonaisg bho phàrtaidhe­an poilitigea­ch ’s gum faicear iad ag obair còmhla gus math a’ mhòr-shluaigh seach a bhith a’ glamhadh a chèile air a h-uile cothrom, mar dhròbh radan!

Tha e iomchaidh aig an àm seo aithne spèiseil a thoirt dhan Mhinistear Làbarach ainmeil Aneurin Bevan a thug seirbheis slàinte agus stàit shochairea­n Bhreatann gu buil a dh’aindeoin bheachdan bacail phàrtaidhe­an eile seachdad is còig bliadhna air ais, agus tha na choilean na sochairean sin dhuinn mar shluagh nan cuimhneach­an dhan Chuimreach urramach sin, agus tha an dìleab a dh’fhàg e na adhbhar moite agus na dhleastana­s maireannac­h dhan Phàrtaidh Làbarach, agus càch! Ach chan eil amas a’ ciallachad­h dad chun an tèid a chur an gnìomh, agus ’s iad luchd-lìbhrigidh nan seirbheise­an prìseil seo sàr cheatharna­ich a tha airidh air aithne, buidheacha­s, agus pàigheadh a rèir an cuid obrach luachmhor agus choibhneil, a’ cur rùn Nye Bevan an gnìomh. Taing dhaibh uile agus gum meal iad an naidheachd!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom