The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Gu cinnteach tha suidheacha­dh an t-saoghail air atharracha­dh a-nise. Dùthchanan dhan glasadh fhèin sìos, a’ toirmeasg do dhaoine dhol a-mach ach a’ mhàin airson biadh no medicin a cheannachd, no mu tha eigin aig càirdean. Agus a h-uile càil a tha sin airson daoine dhìon bho rud nach gabh fhaicinn leis an t-sùil ach rud a tha fios aig na h-uile a dh’fhaodadh cron mòr a dhèanamh no fiughs bàs aobhrachad­h. Tha eagal agus uamhaltas air daoine bhualadh mu de dh’fhaodadh tachart leis mar a tha’n tinneas a’ sgaoileadh.

Tha an tinneas air buaidh a thoirt air a h-uile earrain dha’r beatha agus chaneil sinn, mu tha sinn a’ leanntainn a’ chomhairle tha sinn a’ faighinn, a’ measgachad­h agus a’ conaltradh ri chèile mar a b’abhaist.

Tha sin cuideachd air buaidh a thoirt air eaglaisean agus àitichean aoraidh eile, agus chaneil sinn a’ cruinneach­adh mar a th’air a bhith tachart bho chionn dà mhìle bliadhna. Ach Là na Sabaid a chaidh, bha cothrom againn cruinneach­adh airson aoradh troimh sheirbhise­an air an eadar-lìon.

Bha sinn fhìn ag eisdeachd ri seirbhis a thàinig bho eaglais Naomh Chalum Cille ann an Dùn Èideann. Sin an eaglais a thug asteach a’ chlann againn ’n uair a chaidh iad dhan an oilthigh, agus a sheall as an deidh mar gum b’ann leotha fhèin a bha iad. Chan e mhàin gu robh an teagaisg math ach bha an t-seinn math cuideachd, seinn a bha gluasad do spiorad agus a’ buadhachad­h air d’aignidhean. Chaneil fhios agam co mheud a bha lathair a’s an eaglais fhèin, ach tha fios agam gu robh gu leòr ag eisdeachd ann an iomadach cearnaidh dha na rioghachd agus gu dearbha dhan an t-saoghal.

Tha laoidh ann a tha’g radha nach eil a’ ghrian a’ dol sìos air aoradh do Dhia, oir tha’n aoradh a’ dol air adhart mar a tha saoghal a’ cuir car, agus mar a tha là ùr a’ soilleirea­chadh a’s a h-uile dùthaich ma seach. Tha’n eadar-lìon a’ toirt cothrom dhuinn a bhith còmhla na’r muilionan aig an aon àm, agus ged a tha sin math, chaneil fhios agam de cho furusda ’s a bhitheas e dha na daoine is sine fas cleachdta ris a seòrsa aoradh a tha sin, mu tha e dol a sheasamh fada.

Tha sinn air a bhith air ar dèanamh airson a bhith beò a-measg a chèile, agus tha sinn dha choimhead neònach mu tha duine seachnadh chàich. Ach tha saoghal ùr an teicneòlai­s air ar sgarradh bho chèile, fhads a tha e aig an aon àm a’ toirt cothrom dhuinn coinneacha­dh ri barrachd dhaoine na shaoileadh tu a b’urrain tachart. Ciomar a ghabhas an dà rud a tha sin a thoirt ri chèile far a bheil an teicneòlas a dèanamh càirdeas comasach, seach a bhith dha’r fuadach bho chèile?

’S e aon bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aige seo, gun daingnich e daoine nam beachd, mu thig iad troimhe, gun dèanadh iad a chùis gun a dhol a-measg dhaoine eile idir. Ceart gu leòr tha sinn a’ coimhead gluasadan far a bheill strainnsea­ran dhan cuir fhèin a-mach airson cuideachad­h seann dhaoine agus daoine tinn a tha glaist’ a-stigh. Agus tha seirbhisea­n eigin a’ deanamh obair ion-mholta gach là.

A-measg gach caochladh, tha gealladh ann dhan an fheadhainn is le Dia gu bheil fasgadh ann dhaibh bho a sgiathan, agus nach spìon càil iad as a làimh, agus tha e’g radha, bidh iad ’n am pobull dhomh-sa, agus bidh mise a’m’ Dhia dhaibh-san.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom