The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Rinn sinn ath-rudhadh air a’ mhòine agus cha robh i cho tioram ’s a bha mi’n dùil, ged a tha i nas tiorma na chunnaic mi riamh i dìreach trì seachduinn­ean as deidh a buain. ’S tòcha deireadh an ath sheachduin­n mu leanas an aimsir thioram gum bith i deiseil airson a toirt dhachaidh, agus bhiodh sin fhèin na mhiorbhuil an taice ri bliadhnaic­hean eile. Tha grunn math chaoranan na measg agus feumaidh sinn iad sin fhaighinn ann am pocanan mas bith sinn deiseil. Ach ’s math is fhiach iad an t-saothair, oir tha’d cho teth ris a’ ghual fhèin ’n uair a theid iad dhan a stòbha.

Tha mi coimhead gu bheil daoin’ eile air a bhith na màl aig ceann a-muigh a’ bhaile a’ buain a’ mhòine ann an Àrd Chirc. Chaidh sinn cuairt a-mach gu Gob na Creig tràth air te dha na maduinnean breagha a bh’againn an t-seachduinn a chaidh. Tha grunn phoill ann a sin agus a-reir coltais mòine mhath dhubh a’ tighinn asda. Bha cuid dhith air a togail mur tha, agus cuid eile bha dìreach air a buain. Agus a-measg nam poill bha isean mor a’ neadachadh air an talamh, fàsgadan, no skua. ’S e Ailean salach a bhiodh aig na bodaich air an isean, agus a-measg na h-ainmeanan Beurla th’aig Dwelly orra, cuid aca nach eil uamhasach tlachdmhor, tha Allen hawk. Bithidh iad a’ dol as deidh eòin eile agus toirt orra cuir a-mach na tha’d air ithe, gus a faigh iad fhèin e.

Bha mhaduinn ciùin, agus bha dealt thròm air an talamh. Bha sinn a’ cluinntinn fuaim einsin bàta, ach cha robh sinn a’ coimhead gin ach te bheag a bha thall aig fearann na Loch. Ach bha sinn dìreach gu bhith os ceann Gob na Creig ’n uair a’ nochd bàta bheag a-mach bho bhonn nan creagan ri taobh Sgarbhsgei­r, agus a fear a bh’air bòrd a’ togail sgùilean, feuch a robh giomaich na crùbagan annta. Bha muir mun glainne, le suaile bheag no dhà a’ briseadh air sgeirean falaichte na Circ. A’ Chearc a bh’air iomadach bàta chuir na claran gun deach picean iarrunn a chuir orra ann an 1892. Trì tonna iarruinn a-reir an òrain a’ sgrìobh cuid eigin a’s a’ bhaile mu deidhinn. An diugh tha solus a’ seòladh air a taobh a-muigh le rabhadh do sheòldaire­an iad bràighe math a thoirt dhith agus iad a’ dèanamh air tigh-soluis Àranais aig beul Loch Steòrnabha­igh.

Bho Ghob na Creig chì thu Stac le Steòrnabha­gh agus beanntan Bharbhais air a’ chùl, Eileanan Thuilm, beul Loch Steòrnabha­igh, fearann na Loch, Gob na Càbaig, na h-Eileanan Mòra, ceann a tuath an Eilean Sgiathanai­ch, Geàrrloch, beul Loch Bhraoin, agus beanntan Asainte. Agus a steach air ais gun a’ Chrotach agus shìos fodhainn, an Coileach. Eadar sinn fhìn agus a Stac rinn mi mach Saliga, far na chuir mi seachad iomadach feasgair sàmhraidh còmhla ri Tarmod, bràthair mo mhàthair, ag iasgach. ’S ainneamh nach fhaigheadh sinn smalagan is saoidheana­n, sglòtagan is liùghanan, mùcan creig agus uaireanan bodach ruadh.

Bha rud eile bha neònach air Saliga. ’N uair a bhiodh e tighinn faisg air a làn, bhiodh crùbagan a’ tighinn a-nuas as an doimhneach­d, agus a’ tighinn suas pàirt dhan a’ chreag a bha bho’n a’ bhùirn. Carson a bha’d a’ dèanamh sin chaneil fhios agam. A muir, uaireanan aig fois agus uaireanan làn feirg, a’ tighinn a-steach na thuinn. Nach ann a tha Fear a chasgas fuaim gach mara ’s tuinn is còmhstrì dhaoine leis.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom