The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Abair gu bheil an aimsir air atharracha­dh a-nise le uisge agus gèiltean aig amanan. Agus ged a tha i furachd an ìre mhath blàth, chaneil a choltas oirre – tha’n droch thìde cuir a dhreach fhèin air a h-uile càil. Ach an deidh sin, tha obair an fhoghair a leanntainn agus tha’n fheadhainn a tha dèanamh feur ag obair air a h-uile mionaid thioram a gheibh iad. Tha sin nas fhasa dhaibh na bha e uair eigin, oir mu gheibh iad air beagan tiormachai­dh a dhèanamh air idir, tha’d dha chuir dha na bèilichean mòra airson sileage a dhèanamh dheth.

Bha sin uair eigin dha thiormacha­dh a h-uile samhradh gu ìre agus gu faigheadh sinn air a chuir ann an cruachan mòra a’s an iodhlainn, no a-stigh a’s a’ bhàthach fhèin. Agus dh’fheumadh e bhith tioram, oir mun a bitheadh, gu h-iongantach, ghabhadh e teas agus dh’fhaodadh e dhol na theine. Tha cuimhn’ agam turus agus m’athair ag eigheachd airson cuideachad­h agus e coimhead ceòth a’ tighinn as an fheur a bh’againn air a stòradh an ceann shìos na bàthaich. ’N uair a fhuair sinn gun an àite far a robh cheòth a’ tighinn, bha e fliuch, dorch a’ coimhead, le toitean beag do cheòth, agus teth ’n uair a chuireadh tu do làmh air. ’S iongantach mun a robh e a’ brachadh, agus an teas a bha tighinn as a sin ag èiridh gu ìre ’s gu robh e dol na theine.

Ach bha tòrr obair as an fheur, bho dheadh a ghearradh an toiseach, an dara cuid le tractair, no bhitheadh m’athair dha spealadh nam biodh gèile air a feur a chuir na shìneadh. Nise sin far a robh obair sgileil, agus mar a bha m’athair dha dhèanamh, chan fhàgadh e gaisinn feor as a dheidh. Agus le cumail a lann geur, chumadh e spealadh fad a là. Bho dhèanadh sinn a’ cheud sgaoileadh air na ràthan, bha sinn a’ cumail dha thionndadh agus dha sgaoileadh gus a’ faigheadh a’ ghrian agus a’ ghaoth air an tiormachad­h a dhèanamh. Agus bhiodh sinn dha chuir na ghocaichea­n airson a dhìon bho’n an uisge, gus a’ faigheadh sinn e gu ire ’s gun deadh a thoirt a-steach dhan an iodhlainn.

’S e obair a bha seo dhan an teaghlach gu leir, agus tha dealbh agam a-stigh le m’athair ’s mo mhàthair, mo sheanair, mi fhìn agus mo bhràthair ag obair air an fheur. ’S e te dha mo pheathraic­hean a bhiodh air an dealbh a thogail, agus bha’n t’eile air an tigh fhàgail airson a dhol an ceann a cosnaidh air tìr-mòr. Chaneil ach aon duine air fhàgail a’s a’ bhaile an diugh a tha dèanamh an fheoir mar sin, agus tha e fhèin aig aois a-nise agus g’eil e’g radha h-uile bliadhna, gur e sin a’ bhliadhna bho dheireadh.

Dhuinn fhìn dheth, tha na geiltean a’ toirt droch bhuaidh air sìtheanan, dha lùbadh ’s dha’m briseadh. Tha ghaoth cuideachd air feadhainn dha na h-ùbhlan a’ leagail bho’n a’ chraobh mas robh iad abaich–rud a tha còrdadh ri na h-iseanan. Tha mi air gearradh na duilleagan bho na planndrais­ean sùbh-làr agus air glanadh a luibheanac­h. Tha’d a’ moladh sin a dhèanamh gun fhios nach eil galair sam bith na measg. Agus mur tha, tha duilleagan ùr air tòiseachad­h a’ fas orra, aobhar dhochais gu soirbhich iad aon bhliadhn’ eile. Oir is aithne dhomh na smuaintean a smuainich mi do ’ur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt duibh, sliochd agus dòchais.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom