The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Tha bò agus laogh againn air a lot. Chaneil a laogh ach beagan is seachduinn a dh’aois agus tha e cuir seachad tòrr dhan a là na laithe, ach tha a’ mhàthair ag ithe mar a beatha, le feur gu leòr air fàs airson a’ cumail a dol airson mìos. Tha ise dubh agus a laogh dubh le breacan geal mu amhaich agus a’ bhroilleac­h agus rionnag gheal na mhaol. ’N uair a tha laogh ag eiridh, stòcha gun tòisich e buiceil, coltas g’eil a’ bhroinn làn, agus a dh’aindeoin uisge agus fuachd, g’eil e farachduin­n falainn.

Tha còrr is leth cheud bliadhna bho chuir sinn air falbh a bhò bho dheireadh a bh’againn fhìn. Bò ruadh le breacan geal air a cliathaich­ean agus mu ceann, Ayrshire ma’s math mo chuimhne, a bha math airson bainne. Bha bò an uairsin a’s gach darnach a tigh, agus chan e mhàin an fheadhainn aig a robh’n crodh a bha buannachd as, ach ’n uair a dheadh laogh ùr a bhreth, bha bainne gu leòr ann airson a roinn eadar sinn fhìn agus nabaidhean aig nach robh crodh idir. Bha’d, stòcha, air fàs ro aosd’ airson an cumail.

Bha trì stallaiche­an an ceann shìos na bàthaich. Bha pìos iaruinn a’s a’ bhalla air ceann a-stigh gach stalla, far am biodh iad ceangailte. Bha sruthan dìreach air taobh a-muigh an casan deiridh a bha dol a-mach air an toll-dilidh an ceann na bàthaich. Bhiodh bò, laogh agus damh againn uaireanan, agus bhiodh iad a’ faighinn deagh ghreadhadh. Bha min a’ choir eigin, bran a chanadh iad ris, agus treaceil dha mheasgacha­dh dhaibh, a chul air sneapan, buntàta, feur is corc agus stuthan eile bha tighinn ann am pocanan. Bhiodh a vet a’ tighinn a shealltain­n orra an drasda ’s a-rithist agus bhiodh e dèanamh cinnteach nach robh iad a’ fulang le tinneasan àraid.

Bha’m bainne dha chleachdad­h airson ìm agus gruth a dhèanamh. Chaneil cuimhn’ agam a bhith dèanamh càis, ged a bhiodh mo mhàthair ag innse dhuinn mar a bhiodh iad dha dhèanamh. Ach bhitheadh sinn a’ cuideachad­h leis an ìm. Bha biot againn a bha coltach ri baraile a’ fàs nas caoile mar a bha i tighinn suas. Bha cas mun cas bruis a’ tighinn a-mach as a’ cheann shuas aice, le cearcal fiodh air a ceann shìos le ceithir toill ann. Bhitheadh sinn ag obrachadh sin sìos is suas gun tòisichead­h an ìm a’ tighinn na chnapan. Agus mun a bitheadh duine coimhead, bhiodh sinn a’ togail mullach na biot, a’ glacadh na cnapan ìm agus dhan ithe.

Ach mun iomadach rud eile, thàinig là far an deach an co-dhunadh a dhèanamh nach robh an crodh gu bhith againn tuilleadh. Bha cus obair annta direach airson bainne, agus bha bhan a’ bhainne a’ dol seachad aig ceann a staran, sia là a’s an t-seachduinn. Thàinig a là agus dh’fhalbh sinn le na trì beathaiche­an sìos gu Allt nan Gall. Bha Mac a’ Bhreacan ann a sin, agus sluagh mòr a’ coimhead beathach as deidh beathach a dol dhan a’ chearnag bheag a bha’d air a thogail far a bheil raon ball-coise a Rudha an diugh.

Saoghal a tha’n diugh milis na mo chuimhne, mun fearann a bha sruthadh le bainne agus le mil. Ach math agus dha robh e, feumaidh sinn ar siùil a thogail oir ’s ann air thoiseach oirnn fhathast a tha Tìr a’

Gheallaidh.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom