The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Agus as deidh an t-sneachd, thàinig a’ ghrian airson greis bheag co dhiùbh - agus airson an àm sa dhan a’ bhliadhna, tha an aimsir air a bhith blàth. Chan e mhàin a sneachd ach tha i air a bhith reòite cuideachd, agus ’n uair a chaidh mi mach cuairt di-luain a chaidh, bha deigh air na lòin, agus bha’n talamh cruaidh fo mo chasan, gus na thog blàths na grèin’ sin air falbh. Se seachduinn a th’air a bhith ann far a bheil sluagh na rioghachd air a bhith cuir clach no dhà air càrn cuimhneach­aidh Diùc Dhùn Èideann, a bhàsaich seachduinn an dè.

A’s an obair a th’agam, tha mi air faicinn grunn do bhoill na Teaghlaich Rìoghail, ach cha do thurchair mi riamh air an Diùc. Choinnich a nighean againn ris agus e air chuairt an Oilthigh Dhùn Èideann. Dh’fhoighnich e ceist dhith a bha i smaoineach­adh a bha neònach, “Ciomar a bha fios agad gum bu chòir dhut a bhith ann a-seo an-diugh?” dh’fhoighnich e. “Bha gu bheil clas agam ann a-seo a h-uile seachduinn,” fhreagair i.

Thàinig m’athair tarsuing air aig àm an Dara Cogaidh. Bha’m athair air bòrd an HMS Howe, soitheach batal cogaidh, a bha na pàirt dhan a’ chabhlachd a bha slàraigead­h air eilean Sicily, gus a’ faigheadh na saighdeara­n cas air tìr ann a 1943. Bha’n Diùc air bòrd an HMS Wallace, agua a-reir aithris thug an Diùc a’ char a pleinichea­n nan Gearmailte­ach a bha leagal bombaichea­n orra, le ràth a chuir a-mach as a deidh le canastaire­an ceòth, agus a’s an dorchadas, bha na pleinichea­n a’ leagail nam bombaichea­n air a ràth seach an t-soitheach fhèin.

Se sgeulachd a bh’aig m’athair, gu robh sùil gheur dha chumail air an HMS Wallace, airson dèanamh cinnteach nach deadh a’ cuir fodha, no a’ toirt an greim, a chionns gum bitheadh e air a bhith na bhuille do mhisneachd na rioghachd nan deadh am Prionnsa, mar a bh’ann an uairsin, a mharbhadh no a thoirt na phrìosanac­h dhan a’ Ghearmailt. Bha’m athair air ceann aon sgiobadh a chaidh air bòrd te dha an dà shoitheach cogaidh Eadailteac­h air an d’fhuair iad grèim, airson an toirt a dh’Alexandria. Bhitheadh e’g innse dhuinn, ’n uair a bhiodh a watch seachad, agus e dol a chadal, gum bitheadh gunna laimh aige fo’n a chluasag, gun fhios nach fhaigheadh gin dha na seòldairea­n Eadailteac­h a bha nam prìosanaic­h air bòrd, ma sgaoil.

Bha urram aig a’ ghinealach a dh’fhalbh dhan an Teaghlach Rìoghail, agus tha tòrr dheth cocheangai­lte ris mar a chaidh iad troimh’n an Dara Cogadh, mar a chaidh iad fhèin. Agus cha b’e aon duine a’s a’ ghinealach sin a bhiodh ag innse dhuinn mu mhinistear ainmeil, a bhiodh ag earalachad­h a’ choithiona­l iad a bhith ’g urnuigh airson a bhanaPhrio­nnsa Ealasaid, fada mas robh i na bann-rìgh, a chionn agus gu robh beatha dhuilich gu bhith roimpe. Bha iad nas teagmhaich­e mu dheidhinn an ath ghinealach sìos bho’n a sin, ged tha.

An diugh, tha’n Teaghlach Rìoghail a’ caoidh agus ag ionndrainn, dìreach mun teaghlach sam bith eile dha bheil am bàs air briseadh a-steach. Chunnaic mi aon phìos sgrìobaidh a bha ’g radha nach leigeadh a’ Bhannrìgh seachad an dreuchd idir, ged a bhàsaich an Diùc, oir gu robh i coimhead na dreuchd mar chomh-cheangal eadar i fhèin agus Dia, agus gun cumadh i oirre fhads a bha comasan aice. Bha a seann mhinistear ceart. ’S iomadh rud duilich ris a robh aice ri coinneacha­dh, ach tha i gu math soilleir gu bheil a dòchas agus a muinighin ann an Dia.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom