The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

ANGUS MACDONALD

-

Ged a tha i blàth, chaneil i cho teth sa tha i air a bhith ann am pàirtean eile dhan a rioghachd, agus mar sin chaneil an aimsir air a bhith cho duilich deiligeadh ris. Gu dearbha cha bu chaomh leam fhìn a bhith a’s na bailtean mòra le teas mar a th’air a bhith aca ann a Lunnain. ’S beag an t-iongadh ged is e làithean nan coin a bh’aca air an aimsir theth a bhiodh aca troimh’n an t-samhradh ’n uair a bha Lunnain na àite le dreunaiche­an fosgailte, tinneasan a’ briseadh a-mach agus daoine nan eiginn ag iarraidh cùl a chuir ris a’ bhaile gun tigeadh tìde nas comhfhurte­il.

Ach fiughs againn fhìn, tha i air a bhith cho tioram agus gu bheil muinntir a’ bhùirn a’ tòiseachad­h a’ fas ain-fhoiseil agus iad ag iarraidh air daoine bhith faicileach mar a tha’d dha chleachdad­h. Thug sin orm smaoineach­adh de dhèanadh sinn nan tigeadh casg air a bhith cuir bùirn air a’ ghàradh. Saoilidh mi gu feuchainn fhìn ri bùirn a thoirt as a loch a tha muigh air cùl a lot. A dh’aindeoin tiormachd troimh shamhraidh­ean eile, tha bùirn gu leòr air a bhith a’s a loch, agus bhitheadh e’n ìre mhath furusd’ fhaighinn aiste. Tha tòrr dha na rudan a tha’n cuir againn co dhiubh, le freumhaich­ean domhainn, agus tha beagan fliucheadh an doimhneach­d na talmhainn fhathast a dh’aindeoin tiormachd.

Ach dh’fheumainn bùirn a chumail ri na rudan tha fàs a’s a’ chrub. Tha na tomatoes direach a’ tòiseachad­h ag abachadh, agus tha paghadh mòr orrasan, direach mar a th’air na cularain. Dh’fhàg mi an crub an t-seachduinn a chaidh gun bùirn airson aon là, agus ’n uair a chaidh mi steach maduinn là’n a’ mhàireach, bha duileagan a chularain air gròbadh sìos. Bha dùil agam gu robh mi air an càll, ach le uisgeachad­h math, tha’d cho falainn ’s a bha’d a-riamh. Gun teagamh fàsaidh e teth a’s a’ chrub, agus feumaidh mi bhith furachail airson cùisean a chumail rèidh.

Tha sinn cuideachd ag ithe na curanan geal a chuir mi ann a fear dha na bucais-fàs, agus dh’ith sinn a’ cheud fheadhainn dha na curanan abhaisteac­h a chuir Kirsten ann am peile a’s a’ chrub. Tha na measan air a’ chraobh peur a’ tighinn gu ìre cuideachd, agus tha mi cumail suil gheur air an fhear is motha, feuch cuin a bhios e abaich. Tha na planndrais­ean piopair, agus chilli, a’ cuir a-mach shìtheanan, agus tha mi coimhead piopairean beag a’ tòiseachad­h a’ nochdadh.

A-muigh a’s a’ bhuaile, tha’m buntàta air a thighinn troimh’n a’ ghaoth làidir a bh’againn an t-seachduinn a chaidh gun cus càll, agus tha mi coimhead barran a’ tòiseachad­h a’ nochdadh, far na chuir mi buntàta an dara turus, an àite an fheadhainn nach d’thàinig troimhe air a’ cheud iarraidh. Tha uachdair na talmhainn ann a sin a-nise mun dust, agus chaneil mòran air fhàgail dha na cìp bheaga bh’ann as deidh do dh’Uilleam an talamh a thionndadh agus a bhriseadh. Agus tha coltas orra gu bheil iad a’ faighinn gu leòr bùirn shìos an doimhneach­d na talmhainn. Dh’fhalbh na caoraich dhachaidh di-luain a chaidh. Dh’ith iad a feur sìos gu talamh agus bha e cuir toiseach agus deireadh air a là a’ toirt dhaibh bùirn. Oir bidh e mar chraoibh air a suidheacha­dh ri taobh nan uisgeachan,

a sgaoileas a-mach a freumhan ri taobh an t-srutha, agus nach mothaich cuin a thig an tart: ach aig am bith a duilleach uaine, agus air na bi iomagain ann am bliadhna na tiormachd, ni mo sguireas i thoirt

seachad toraidh.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom