The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Eadar stoirmean agus uisge tha e duilich thu fhèin a shuidheach­adh airson cus a dhèanamh a-muigh an drasda, seadh obair co dhiùbh. Mar sin chuir mi seachad speil di-sathurn’ a chaidh a’s a’ chrub. Tha craobh peur agus craobh plumbais againn, mu choinneamh a chèile lethach slighe sìos gach taobh dhan a’ chrub. Agus tha mi feuchainn ri toirt orra fàs mar espalier air asnaichean a’ chrub. Nise chaneil sin furusda a chionns gu bheil iad mun am beatha, a’ feuchainn ri fàs a h-uile taobh ach an taobh a tha mi’g iarraidh.

Dh’fhàs an dà chraobh gu math an uiridh, ach ged a fhuair sinn suas ri deich thar fhichead peur, a dh’aindeoins gu robh a’ chraobh plumbais bho bhlàth trath a-stearrach, cha d’ fhuair sinn càil bh’uaipe. Ach bha pìosan ùr dhan a h-uile meud a’ fàs mar a thogradh iad, agus bha sin a’ dèanamh an obair rèiteachai­dh duilich. Thagh mi pìosan aig ceann gach meangan a bha mi air a cheangal ri cliathaich­ean a’ chrub an uiridh, agus cheangal mi iad fhèin ri asnaichean a’ chrub agus na sailean ris a bheil na clàran a tha comhdach a’ chrub air an tairgneach­adh.

Tha mi feuchainn ri faighinn ann a loinichean a sìneadh a-mach, deas agus clì air gach taobh dhan a’ chraobh. Tha meangan na dhà agam cuideachd a’ dol an airde os mo cheann gu mullach a’ chrub, ach gu cinnteach chaneil iad cho dìreach sa mhiannaich­inn. Agus bha meangan no dhà nach robh deònach lùbadh, agus bhris iad agus b’fheudar dhomh an gearradh air ais ann an dòchas gun tig iad a-rithist agus gu fas iad gu ìre agus gun gabh a’ sìneadh a-mach mar a dh’iarrainn.

Tha eagal orm, le na duilleagan air falbh dhiabh, agus le gearradh asta torr dhan an fhàs nach robh mi’g iarraidh, g’eil iad a’ coimhead gu math lòm a-nise. Feumaidh mi am beathachad­h gu math airson dèanamh cinnteach gun tig iad air adhart ceart an ath-bhliadhn’. Tha fios agam gu bheil iad air freumhaich­ean math a chuir a-mach a chionns gu bheil iad a’ nochdadh an àitichean eile a’s a’ chrub. Ach chaneil fhios agam a bheil iad air a slighe a dhèanamh gun an taobh a-muigh.

Tha cuid dhan a chreamh a chuir mi a’s a’ chrub a’ tòiseachad­h a’ fàs. Tha goban beaga geal-uaine a’ tòiseachad­h a’ nochdadh troimh’n an talamh. Ach chaneil a h-uile gin a chuir mi a’ nochdadh, as bith an e sin an fheadhainn a dh’fheumas beagan do reòthadh mas tòisich iad a’ fàs. Agus tha a’ chraobh limon agus a’ chraobh oraindsear a’ fàs fhathast cuideachd, agus tha limon mòr (tha dhà bheag ann cuideachd) a’ tòiseachad­h a’ dol buidhe. Chaneil mi tuigse ciomar a tha sin ag obrachadh, leis nach e samhradh no foghair a th’ann, ach feumaidh mi direach gabhail ris, agus mu dh’obraicheas a’ chùis mar sin fhèin, math dha rìreabh.

Tha craobh na Nollaig air nochdadh, agus tha’n fheadhainn aig a bheil liut airson na rudan sin air a greadhnach­adh le soluis bhreagha agus ornaidean beaga. Bha bean-an-tighe ag radha gum b’fhiach a’ cuir an àirde nas tràithe am bliadhna airson togail a thoirt dhuinn bho chuidthrom na naidheachd­an agus an tinneas a tha sgàpadh mun plàigh a-rithist.

Tha sinn a’ tighinn gu dùbhlachd na bliadhna dha rìreabh, ach as

deidh di-màirt tha na làithean a’ fàs nas fhaide. Ach dèanadh iadsan uile aoibhneas a chuireas an dòigh annad; gu bràth dèanadh iad iolach, a chionn gun dìon thu iad; agus dèanadh iadsan luath-ghaire annad, leis an ionmhuinn

t’ainm.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom