The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Ged nach robh na gèiltean mòra cho dona againne sa bha iad shìos mu dheas, tha gèiltean gu leòr againn fhathast, le muill chlachan-meallain agus sleinnteac­h - agus eatorra tha làithean a tha dìreach bòidheach. Tha sìtheanan lus a’ chrom-chinn gu thighinn a-mach, agus gu dearbha tha cuid dhan an fheadhainn is lugha le sìtheanan orra mur tha. Ach tha lot bog fliuch leis na th’air a bhith ann do dh’uisge, agus tha Loch Drolabhat làn leis nach eil a sruthan a tha falbh aiste mòr gu leòr airson a’ tràigheadh ann an cabhaig.

Tha sinn fhathast ag ithe curanan, sneapan, buntàta agus na h-oineanan againn fhìn. Agus tha sin a dh’aindeoins cho duilich sa bha e toirt air na curanan fàs an uiridh, agus an eagal a bh’orm gu robh an galair air bualadh a’ bhuntàta. Bha mi amharasach mu chuid dha na h-oineanan cuideachd, ach tha sinn a’ faighinn gu leòr asta fhathast. Agus se’n fheadhainn a tha cruinn mun bàlla, seach an fheadhainn a tha coltach ri gun shuidh cuid eigin orra, an fheadhainn is fheàrr a tha cumail. Mu bhios an cothrom agam am bliadhna, feumaidh mi feuchainn ri’n togail mu tha’d tioram, seach a fàgail seachduinn no dhà ann an dòchas gu fàs iad nas motha.

Agus deireadh an t-seachduinn a chaidh, thog sinn a limon bho’n a’ chraobh as a’ chrub. Dh’fhairichea­dh tu fàladh a limon làidir cho luath sa gheàrr mi e bho’n a’ chraobh. Thug sinn a-steach e, agus gheàrr sinn troimhe. Bha’n craiceann aige gu math tiugh, ach bha e coimhead dìreach mar bu chòir dha bhith. Thug Kirsten oirnn pìos beag dheth fheuchainn agus bha e cho geur, agus gu robh e toirt sùgh bho ar fiaclan. Sgrìob i dheth uachdair a chraicinn, agus chuir i sin agus na bha na bhroinn ann an cèic a bha math dha rìreabh. Tha dà limon beag eile air tòiseachad­h a’ fàs agus tha iad mu mheud marbles aig an ìre sa.

Chuir mi lìon-fasgaidh air an dara ceann dhan a’ chlàr talamhainn eadar an crub agus te dha na callaidean, far a bheil na dearcan gorm a’ fàs. An uiridh, bha’d a’ dèanamh adhartas math, ach an uairsin thàinig a’ ghaoth an ear, agus i geàrrteach dha rìreabh, a’ sguabadh mu dhà cheann a’ chrub, agus a’ searg na planndrais­ean air a robh i ruighinn. Tha mi feuchainn a lìon-fasgaidh aig gach ceann a chionns gun dh’fhàs a chòrr aca, an fheadhainn a bh’ann a fasgadh a’ chrub, ceart gu leòr. Agus chì sinn de mar a dh’obraicheas e an tuilleadh fasgadh a chuir orra.

Tha grunn math do phlanndrai­sean beaga a’ tòiseachad­h a’ nochdadh as an t-sìol a chuir mi bho chionn dà sheachduin­n, agus tha mi nise air cuir càl fadalach agus lauthairea­ch, buineanan Bruiseal, corc Innseanach agus dhà na thrì do sheòrsaich­ean tomatoes eile. Tha e ciallach aig an ire-sa gu leòr a chuir, gun fhios nach bith feadhainn ann nach soirbhich, agus mu bhios cus ann, gabhaidh iad an toirt seachad.

Mhothaich mi do rud annasach. ’Nuair a bha mi coimhead troimh na leabhraich­ean sìl a bhitheas a’ tighinn a’s a’ phost, bha’d a’ reic pacaid sìl curanan, dhan an t-seòrsa is abhaist dhomh a bhith cuir, as a bheil 16,900 sìol, air prìs not a bharrachd air pacaid a’s a bheil trì mìle.

Ciomar a tha sin a’ dèanamh ciall? No co

chunnt iad? Chuir mi dhan iarraidh, agus gu cinnteach tha phacaid tròm, agus seasaidh a sìol trì bliadhna. Ach an dùil an e sìol math a th’ann, agus an dùil de’n toradh a bheir

e mach?

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom