The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Chuir sinn am buntàta an t-seachduinn a chaidh a’s a’ chlàr ùr a thionndaid­h Shaun dhuinn. Bha’n talamh air a dhol gu math mìn, agus ged a bha grunn chìp bheag air uachdar na talmhainn, tha chuid is motha dhan an fheur air a bhriseadh an àirde cho beag agus nach bith e fada gus a lobh e air falbh. Chuir mi guana agus todhair air a’ bhuntàta airson a h-uile cothrom a thoirt dha fàs, agus di-sathurn a chaidh, a là as deidh a chuir, thàinig an t-uisge. Nise chaneil càil a’ cuir dragh orm mu dheidhinn ach na geòidh, agus tha mi’n dòchas lìon fhaighinn a chuireas mi air an talamh airson an cumail air falbh. Tha na geòidh air a dhol nam plàigh ann a seo mar a tha’d a’s a h-uile àite eile.

Tha sinn cuideachd air tòiseachad­h air a’ mhòine. Chaneil an aimsir, a’ coimead romhainn, cho math sa bha e aig an àm sa an uiridh, ach tha tiormachd mhòr air a bhith ann, agus mu gheibh i là no dhà dhan an tiormachd agus a’ ghrian, bu choir gu seasadh a’ mhòine ri polla math. Tha sinn a’ faighinn a’ mhòine gu leir bho aon pholl. Chaneil sinn a’ buain faisg uighir sa bha sinn a buain uair eigin, ach an uiridh bhuain sinn dìreach gu leòr. Leis gu robh cuid againn fhathast ag obair bho’n an tigh, bha stòbha dol air gu math tràth a’s a’ mhaduinn, agus bha sin a’ cumail an tigh blàth gun againn ri bhith paigheadh fortan air dealan.

Tha làn dhà na thrì bharaichea­n do mhòine air fhàgail, agus tha’n aimsir blàth gu leòr airson dèanamh a chùis a-nise le cleachdadh rud beag dhan an ola, nach eil i fhèin saor. Bha sinn fortanach cuideachd am bliadhna gu robh fiodh gu leòr againn airson a losgadh cuideachd. Fhuair sinn fiodh bho seann tigh bràthair mo mhàthair, a tha’n imeis a bhith air a leagail, agus rinn sin cinnteach gun sheas a’ mhòine cho fada.

Tha mi smaoineach­adh gum bith beagan a’ bharrachd mòine againn am bliadhna. Tha mi fhathast a’ feuchainn ri slighe a thoirt bho rathad na mònach a-steach dhan a’ pholl. Mar a tha chùis an drasda, tha’n tractor a’ dol a-mach rathad na mònach, a’ tionndadh suas a rathad a bha dol gu na seann phoill a bh’againn, agus an uairsin a’ dol tarsuing pìos dhan a’ mhointeach, agus sìos broinn a’ phoill, a tha e fhein mun rathad, leis an tractor air a chruas gun till e gu rathad na mònach.

Ach tha mi’g obair pìos bho phìos a’ buain mòine bho’n a’ phìos mointeach eadar a rathad agus am poll, gus am bith an tractor air a’ chruas fad an t-siubhail. Bheir sin dhuinn beagan a’ bharrachd mòine am bliadhna. Agus tha mi cuideachd a’ feuchainn ri dà thaobh a’ phoill fhèin a tharruing dìreach. Tha sin a’ fàgail oiseanan nas motha aig ceann shuas dà thaobh a’ phoill, agus thig barrachd mòine bho’n a sin cuideachd.

Bha sinn a’ bruidhinn air a bha sinn a’s a’ mhòine, an dùil co smaoinich air feuchainn ri riasg a’ losgadh an toiseach. As bith co, nach iad a’ smaoinich air a rud. Ach bha cuid eigin ag radha rium gu robh iad a’ tòiseachad­h a’ lìonadh a-steach na poill ann am pàirtean eile dhan an Eilean, airson carbon a’ stòradh.

Chan fhada gum bith mhòine na pàirt do dh’eachdraidh. Chan urrain dhomh gun smaoineach­adh air na daoine rinn dia a pìos fiodh, agus a rinn teine leis a’ chòrr, agus nach robh coimhead càil

ceàrr.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom