The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Thàinig a sneachd an t-seachduinn sa mu dheireadh thall. Tha dusan bliadhna bho’n a bha mòran do shneachd againn. Gu dearbha, ged a bha rathad geal di-luain a chaidh ’nuair a dh’èirich sinn, agus ged a bha muill sneachd ann troimh’n a là, cha robh e càil coltach ri sneachd na làithean a dh’fhalbh. Bha dìreach gu leòr ann airson còmhdach a chuir air an fheur, agus cùisean a dhèanamh duilich dha na caoraich a bha lorg greim ri ithe a-muigh air an ionaltradh. Bha reòthadh gu leòr ann airson beagan deigh a chuir air na lòin agus air pàirt dhan a loch, ach cha robh i tiugh gu leòr airson do chuidthrom a ghabhail.

Ach bha gu leòr sneachd ann airson na slaodagan (sledges) a bh’againn a’s a’ bhàthach a thoirt a-mach. Bha Kirsten ag iarraidh an toirt leatha gun fhios nach fhaigheadh i fhèin agus a caraidean cothrom a dhol a-mach leotha, agus iad a’ coinneacha­dh ann a Steòrnabha­gh. Chaidh an obair a bha’d am beachd a dhèanamh a chuir dheth airson a là leis an t-sneachd, agus fhuair iad cnoc math airson na slaodagan fheuchainn a-mach. Bha mi farachduin­n duilich nach robh leisgeul agam a dhol còmhla riutha. Cha d’fhuair mi’n cothrom bho bha sinn an Inbhirnis, agus ged a bha chlann an ìre mhath troimh’n an àrdsgoil an turus bho dheireadh a chaidh sinn suas Cnoc Chreig Dhunain, bha e dìreach math.

Ach mar a bha mo chèile a’ comhairlea­chadh, ’stòcha gu robh sin a cheart cho math. Shaoilinn gu robh mi cluinntinn mo mhàthair cuideachd: “Aig do là is d’aois….” agus thigeadh an uairsin dusan aobhar airson gu robh rud a bha mi air a dhèanamh, no am beachd a dhèanamh, dìreach amaideach. Ach se bh’aig Alison gum bithinn ann an cunnart mo chnàmhan a bhriseadh, gun fhios nach eil iad air fas cugallach leis mar a tha na bliadhnaic­hean a’ dol seachad. Tha sin uile fìor, ach bhiodh fiughs aon rus sìos a leathad air a bhith glè mhath.

Fhads a bha sinn a’ stàmpadh troimh’n an t-sneachd, agus e toirt bragan beaga bho ar casan, bha mi cuimhneach­adh an deasachadh a dh’fheumadh sinn a dhèanamh uair eigin airson an t-seachd. Bhiodh sinn a’ toirt na caoraich a-steach gun a’ bhàthach, far a faigheadh iad fasgadh, agus feur gu leòr as na cruachan feòir a bha sinn air a dheasachad­h a-stamhradh. Bha biadh nam pòc againn dhaibh cuideachd. Bhiodh na h-othaisgean a-stigh an cùl na bàthaich co dhiùbh, agus bhiodh a rùd ann an cùil leis fhèin, air a dheagh bhiathadh gu faigheadh e mach a-rithist a-stearrach. Bha e deatamhach bùirn a chumail riutha cuideachd, gus an tigeadh aiteamh, agus gu faigheadh iad air ais gun an ionaltradh abhaisteac­h. Bha e na fhasan againn a bhith’g eisdeachd ris a forecast gu fuireachai­l a h-uile là, agus dh’aignichead­h sin na comharran a bha na bodaich a’ coimhead a’s na speuran, agus àirde na gaoith, agus mar a bha a’ ghlainne a’ tuiteam. Bhiodh m’athair a’ toirt a spaid a-steach dhan a’ phorcha cùil air an oidhche, gun fhios nach bitheadh a sneachd na chidhichea­nn ’nuair a chuireadh sinn sròin a-mach air dorus a’s a’ mhaduinn. Thug caoraich a’ bhaile sùil oirnn a’s an dol seachad, feuch a robh càil againn dhaibh, agus a’ chloimh aca, a dh’aindeoin dupadh agus uisge, a’ coimhead buidhedhon­n an taice ri dealradh an t-sneachd.

Agus thàinig e steach orm gu bheil sinn car coltach ri na caoraich, agus gu feum sinn glanadh comhlionta iarraidh, “Dèan m’ ionnlaid fòs, ’s mar sin bithidh mi, nas gile dhut na sneachd.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom