The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

A dh’aindeoin prìs an dealan ag èiridh, agus a dh’aindeoin nach eil sinn fhathast ann a suidheacha­dh far a bheil dealan gu tur glan againn, tha dealan gu leòr againn, a-reir coltais, airson an oidhche thionndadh gu soilleirea­chd a là. Tha a’ bhuil. Mu tha thu’g iarraidh miorbhuile­an adhar na h-oidhche fhaicinn, feumaidh tu àite lorg far nach eil soluis na sràid, no soluis nan tighean dha do dhaladh, agus a’ toirt crìonadh air aireamh na rionnagan a chì thu, gun an dorlach beag a tha tòrr nas soilleire na càch.

Ged a tha soluis na sràid troimh’n a’ bhaile beag againn fhìn a’ dol dheth as deidh aon uair deug, tha e’n uairsin gu math trìc cho ainmoch, agus tu cho sgìth, agus nach eil thu farachduin­n coltach ri dhol a-mach. Saoilidh mi gum biodh e math bho àm gu àm, nan cumadh a’ Chomhairle sùil air an aimsir, agus nam biodh oidhche mhath ann, can oidhche reòite, gun cuireadh iad dheth soluis na sràid aig ochd uairean, gus a faigheadh sinn cothrom a dhol a-mach a dh’fhaicinn na rionnagan.

Canaidh gu leòr riut gu bheil soluis na sràid math airson daoine a chumail sabhailte, mu tha’d nan cois an cliathaich a rathaid. Ach se glè bheag do dhaoine tha dèanamh sin troimh’n an oidhche. Agus a rud is cuidthroma­iche, bho thaobh droibhear dheth co dhiùbh, mu tha iad gu bhith coiseachd, bu choir dhaibh seacaid, no peitean, a bhith orra, a tha falasach, agus a thogas solus nan caraichean agus a tharruinge­as aire an droibhear thuca.

Gu dearbha, tha soluis na sràid gu math trìc dha dhèanamh duilich duine tha’n cliathaich a rathaid fhaicinn, gu h-àraid mu tha aodach dorch orra. Saoilidh tu gu bheil na soluis a slugadh suas càil sam bith a tharruinge­adh d’aire thuca, agus gu math trìc tha thu air a dhol seachad orra mas fhaic thu iad. Carson nach eil riaghailt ann a tha toirt air daoine tha coiseachd an cliathaich a rathaid air an oidhche, le coin no leotha fhèin, aodach falasach a chleachdad­h? Agus gu math trìc, tha e nas fhasa daoine fhaicinn le solus nan caraichean, gun soluis sràid idir.

Co dhiùbh, nam b’e rud e agus gu faigheadh sinn faochadh bho chus solus, bhiodh e na b’fhasa glòir na speuran fhaicinn. Eadar rionnagan soilleir, grioglacha­in do rionnagan air an d’thug na ginealaich­ean a dh’fhalbh ainmeanan a-reir fionnsgeul­an an dualchais fhein, reultan, reultan-siubhlach, a’ ghealach agus rionnagan an earbaill, tha gu leòr a’ tachart a’s na speuran a chumas meòrachadh ruinn fad ar beatha. Ach stòcha os ceann gach nì, tha na Fir-Chlis.

Chan e facal a th’ann an “clis” a bha sinn a cleachdadh trìc. Bithidh an fheadhainn a tha furachd a deas oirnn, ag radha “chlisg mi”, ’nuair a bheireadh iad leam asta leis an eagal, agus tha sin co-cheangailt­e ri brìgh an fhacail, “clis” – luath, abhsanta, ealamh. Agus tha sin a’ dèanamh dealbh ciallach gu leòr do dh’fheadhainn a tha leum sa danns a’s na speuran a-reir mar a chì daoine na soluis annasach a tha sin bho’n an talamh co dhiùbh. Agus ged a tha’n tuigse sin fada bho mhineachad­h de dìreach a th’annta, tha gu leòr mun deidhinn a tha na dhìomhaire­achd fhathast.

Chunnaic mi dealbh a là eile do bhogha-froise, a chaidh a thogail bho àrd a’s na speuran. Agus bha rud is abhaist dhuinne bhith dha choimhead na bhogha, na chearcall slàn. Agus thàinig e steach orm, cho trìc sa tha e milleadh a sealladh a th’againn air cuisean, gu bheil an àite bho bheil sinn dha choimhead cho beag agus cho iosal, an àite bhith strì feuch a faic sinn cùisean bho shealladh Dhè.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom