The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Tha sinn air adhartas math a dhèanamh leis a’ mhòine. A dh’aindeoin uisge a bhith ann bho àm gu àm, tha’n aimsir air a bhith math, agus tha a’ ghaoth an ear, air gluasad barrachd gu deas, agus air fàs nas blàithe, agus tha sinn air cothrom fhaighinn grunn làithean a chuir seachad a’ buain na mònach. Tha sinn a’ feuchainn ri bhith beagan ciallach mu dheidhinn, agus a’ dèanamh maduinnean a’ mhàin. Tha a’ ghaoth an ear, ged a bha i fuar aig amanan, air a bhith math airson craiceann a thoirt air a’ mhòine, agus mar sin a’ toirt dhith trealaich do dhìon bho’n an uisge. Ach le sin a radha, tha’n uisge fhèin air a bhith nas aotrom nan abhaist, agus dìreach na smùid mar is trìc.

Tha dara leth a’ phoill fada is abhaist dhuinn a bhith buain, againn ri dhèanamh fhathast, agus pìos nas giorra dhan a’ chliathaic­h a tha mu choinneamh, far a bheil doimhne gu leòr do mhòine dhubh ann airson gun fhiach a dhèanamh. Ach gu fortanach, tha’m pìos a bha sinn a buain airson a rathad a dhèanamh, a-nise deiseil, agus gu dearbha, bha e duilich. Cha robh ann ach fàd do dhoimhne, ach bha pìosan còsach na mheasg a bha duilich an tairsgeir fhaighinn troimpe. Bha eagal orm gum biodh smeachan an tairsgeir na phìosan leis a spàrn a bha mi dèanamh airson fhaighinn troimh’n a riasg. As deidh sin, tha’m poll abhaisteac­h na thoileacha­s, le sgian an tairsgeir a dol troimhe gun fharachdui­nn. Bu chòir da mhaduinn eile a chùis a dhèanamh oirre.

Tha mi cuideachd air tòiseachad­h a’ cuir a’ bhuntàta. Chuir mi cheud dà sgrìob air feasgair fear dha na làithean a bha sinn a buain na mònach a’s a’ mhaduinn. Gu dearbha, tha’n talamh fhèin furusd’ obrachadh, as deidh mar a phronn mo charaid Uilleam e le na cliathanbr­isidh. Chaneil mi smaoineach­adh gu robh an talamh àitich air a thionndadh cho domhainn agus cho mìn gin dha na bliadhnaic­hean a chuir mi buntàta muigh a’s a’ bhuaile roimhe seo.

Tha mi air a’ bhuntàta luathairea­ch a chuir a’s a’ cheann dhan a’ chlàr is fhaisg’ air an tigh. Agus tha mi feuchainn grunn sheòrsaich­ean gu faic mi am bith deifir eatorra agus cho torach ’s a bhitheas iad. Ach tha iomadach ceum is deuchainn eadar an cuir agus an togail. An uiridh chaill mi an dara leth le fuachd is fliuchadh. A h-uile bliadhna, tha cunnart ann fo’n a’ ghaiseadh.

Tha lot againn rèidh, far a bheil lotaichean eile a’ dol le leathad. Falbhaidh an bùirn dhith ceart gu leòr, ach bheir e dhà na thrì làithean mas tiormaich uachdair na talmhainn as deidh uisge tròm. Chaneil fhios agam a bheil sin dha dèanamh nas buailtiche dhan a’ ghaiseadh, ach bithidh mi’n còmhnuidh amharasach le blàths an t-Fhuthar, dìth eadhair, agus ceòth a’ tighinn a-steach, gu bheil bàrr a bhuntàta dol a thoiseacha­dh a’ cràmh.

Tha sinn cuideachd air a bhith deasachadh an talamh àitich a’s an iodhlainn airson na lusan abhaisteac­h a chuir, agus saoilidh mi leis a’ phiseach a th’air a thighinn air an aimsir, nach bith e fada gun teid na sneapan a chuir. Tha’n càl agus na planndrais­ean eile dha sheòrsa a’ tighinn air adhart a’s a’ chrub agus chan fhada gum bith iad fhein deiseil airson an achadhmuig­h. Mar sin a dh’aindeoin cunnartan is teagamhan, tha aobharan gu leòr ann airson a bhith misneachai­l cuideachd, agus brath a ghabhail air solus a là a’ sineadh a-mach.

Thàinig mi ro’n scarthanai­ch, agus dh’eigh mi: a t’fhacal dh’earb mi. Ghabh mo shùilean roimh fhairibh na h-oidhche, chum gu’m beachdsmua­inichinn air t’fhacal. Eisd ri’m ghuth a-reir do chaoimhnea­sgràidh.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom