The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

As deidh seachduinn thioram dha rìreabh, tha’n uisge air tilleadh agus tha i fuar, le gaoth ’n ear agus an ear-dheas. Tha lus a’ chrom-chinn a’ leudachadh, ach tha mi’n amharas g’eil a fuachd air dàil a chuir orra. Chuir sinn tòrr troimh na bliadhnaic­hean eadar a’ bhàthach agus a rathad, airson togail a thoirt dhuinn fhìn agus do dhuine sam bith a tha dol seachad. Tha cuid air nochdadh, cuid tha tòiseachad­h a dùsgadh agus a toirt sealladh eile air pìos talamh a bha fo fheur agus còinneach.

Agus a-measg na sìtheanan breagha buidhe sin, nach ann a nochd an uiridh, dà shìthean sòbhrach. Tha mi coimhead duilleagan, lurcach, dorch uaine aig aon aca a’ nochdadh am bliadhna a-rithist, ach tha eagal orm gun gheàrr mi feur ro fhaisg air an talamh, agus a sìthean sòbhrach eile na chois. Bhithinn duilich mun a sin, oir ’s e sìthean a tha’s an t-sìthean sòbhrach, air a bheil meas mòr agam.

’N uair a bha sinn òg, cha robh càil na b’fheàrr na bhith dol còmhla ri Tarmod, bràthair mo mhàthair, gun a’ chladach. Cha robh càil air nach robh fios aige. Bha fios aige càite a robh a h-uile sgor a’s am biodh na crùbagan a’ falach a-stamhradh agus iad a’ feathamh tilgeadh na sligean. Bha fios aige de feamainn a bha math airson ithe, eadar duileasg, stamh, mircean agus carragean. Bha fios aige air ainmeanan na h-eoin gu leir - agus aig an àm, bha cearcan-mara, faoileagan agus òdhragan, Ailean salach, fìthich, corraghrit­heach no dhà, sgairbh, trìlleacha­in, guilbeanai­ch agus eòin bheaga gu leòr a’ feathamh ris an tràigh, dìreach mar a bha sinn fhìn.

Ach aig an àm-sa bhliadhna, no stòcha beagan nas fhaide dhan an earrach na seo, bhiodh sinn a’ cruinneach­adh faochagan, agus an uairsin a’ lorg sìtheanan sòbhrach a’s na creagan. Chan fhaigheadh tu iad ach ann an corra àite – far a robh e ro dhuilich dha na caoraich ruighinn orra fhèin agus a feur a bha fàs a’s na creagan. Cha robh na creagan uamhasach àrd, a-mach bho’n a’ chladach mu bhonn lotaichean Shuordail, agus tha’n fheadhainn is fhaide stigh, furusd’ a streap. Tha sruth bùirn ann an aon aca, Creag nan Ceumanan, agus bha sin math ri òl air là teth, agus e ruith glan, soilleir a-mach as a’ chreag.

Agus bha na sìtheanan sòbhrach furusda gu leòr dhuinne a ruighinn agus an togail as le na freumaiche­an, càil ach cearcal math talamh a ghearradh mun timichioll le sgian, agus an toirt dhachaidh mar sin. Bha’n talamh a’s a robh iad, dorch donn, coltach ri dath nan creagan – chanadh tu gur e gainmheach dhorch air a brùthadh teann air a’ chèile a bh’ann. Ach cha robh e cho furusda toirt orra fàs ann an gàradh le talamh eadar-dhealaicht­e.

Dh’fhàsadh iad do Tharmod, ri linn agus gu robh seann ghàradh air a dhèanamh le clachan beaga agus talamh, a bha nise fo chòinneach, eadar iad fhèin agus muinntir Mhordais. Ged a bha seo a’ coimhead dhan an àirde tuath, bha e freagart gu math air na sìtheanan. Bha tòrr dhan an talamh againne ro fhosgailte, agus chan fhàsadh iad ach ann an oisean a siud ’s a seo. Ach chaneil fhios agam an d’fhuair sibh air farachduin­n fàladh na sìtheanan sòbhrach a tha fàs gu nadurrach mar seo – cha do dh’fhairich mi fhìn càil cho cùbhraidh ris a-riamh. Agus tha e toirt na mo chuimhne Muire aig casan Iosa, ’n uair a lìonadh an tigh le fàile cùbhraidh na h-ola – agus tha e togail na ceist an e sin a seòrsa buaidh a th’aig na tha sinn fhìn a’ dèanamh? 24 | Saturday, March 16, 2024

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom