The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

A h-uile càil na òrdugh fhèin

- BY ANGUS MACDONALD

Abair g’eil làithean math air a bhith againn bho chionn seachduinn a seo. Grian, soilleir ach gaoth fhuar bho thuath san ear-thuath ’ sa mhòr-chuid. Ach bha i math airson a bhith ’ g obair a-muigh. Fhuair mi air am buntata chuir, ged a bha beagan do dhragh orm gu robh mi ro thràth. Ach an deidh sin, chaneil fuachd no cail eile deànamh cail a’ chron air a’ bhuntata a dh’fhàgas tu as an talamh gun fhiost. Fàsaidh e dìreach mar gum biodh tu air a chuir a dh’aon ghnothaich, mar is tric as an àite ’ s motha ni e chrois. Co dhiùbh, foighidinn, agus ’ s tocha nach eil na barran fad as. Ach chaneil gu leor uairean sa latha an drasda fiughs le na làithean a’ sìneadh a-mach, le beagan solus ann a-nise suas gu deich uairean. Bha mi fhìn agus fear dha na balaich a’ togail balla beag air cùl an tighe. Tha na staranan mun an tigh beagan nas àirde na rathad a tha mi cuir a-steach ceann an tighe. Tha mi’n duil morghan a chuir air a rathad agus a thoirt suas gu àirde a starain. Ach feumaidh mi balla beag a thogail airson deanamh cinnteach nach sgaoil a morghan air feadh a’ gharaidh a tha ri thaobh.

Thoisich sinn a’ cruinneach­adh clachan a bha na laithe air cùl na bathaich, clachan a bha mo phiuthar air fhaighinn agus e na beachd balla cloich a dheanamh an àit-eigin. Tha feadhainn aca cho mòr ’ s gum biodh iad air clachan-bunait a dheanamh do bhalla tigh-dubh. ’ S mise tha taingeil gu robh Calum na mo chois. Tha mi toirt a chreids orm fhìn gum bithinn air an togail, ach tha iongantach mu na biodh creanadh aig mo dhruim air. Tha sinn air dara leth a’ bhalla dheanamh, agus feumaidh mi aideachadh gu robh mi cuir cement orra. Cha robh mi smaoineach­adh gu robh chlachaire­achd agam math gu leor airson a’ fagail na laithe air a cheile as aonais, agus loda morghan a’ dol air an culaibh. Tha am balla tha fàs air cùl an tighe a’ coimhead beagan garbh ach bha esain ag radha gu robh e ‘rustic’ – agus theid a’ chuid is motha dhan an taobh a-stigh aige a thiodhlaig­eadh fo na mhorghan co dhiùbh.

Ach, mar a bhiodh dùil, thàinig a fuachd ceart a-rithist agus fiughs muill le sneachd annta aig deireadh na seachduinn­each. Tha cuisean a’ togail orra ged tha. Tha feur a’ toiseachad­h a fàs agus tha mi coimhead na h-uain mur tha a’ toiseachad­h dha chriomadh. Tha mi coimhead luibheanac­h a’ fàs far a bheil mi am beachd na lusan a chuir, agus tha sin obair eile feathamh ri dheanamh. Tha a’ mhoine ag eigheachd agus cha bu dùraig dhomh a dhol a-mach fhathast a choimhead de staid as a bheil na poill. Tha’n te tha’n aon tigh rium ag radha gun a bhith cho goireach agus a’ leigeil seachad am bliadhna agus gu leor eile ri dheanamh. ’ S abhaist dhith a bhith gu math ciallach a’s na th’aice ri radha, agus gu cinnteach tha gu leor ri dheanamh. Ach an deidh sin, tha rud eigin mu dheidhinn faicinn cruach mònach aig ceann an tighe bhiodh math dha rìreabh.

Ach cuimhnich air an t-saothair a dh’fheumas tu dheànamh eadar a smuain agus a’ chruach a bhith na h-àite. A bheil thu ciallach aig d’aois agus do latha? Bha na làithean ud math airson rusgadh agus buain. Ach a-nise tha’n aimsir air tionndadh. Fuirich ort ged tha. Chunnaic mi poll a chaidh a bhuain agus mi thall taobh Tholostaid­h an tseachduin­n sa agus ’ s ann gu math ruadh a bha mhòine coimhead – coltas gun d’fhuair i deagh fhluichead­h bho chaidh a buain. De mu dheidhinn feathamh seachduinn no dha eile? Tha fios agam nach e sin an t-àm ceart, ach chaneil uighir a dh’obair àiteachaid­h dha dheànamh a-nise sa chleachd. Nach biodh e na b’fheàrr feathamh gun tig tìde nas blàithe? Fàgaidh sinn a’ mhòine airson seachduinn na dha eile gu faigh sinn cùisean rèidh mun an tigh. Eil fhios agad gu robh cùisean tòrr na b’fhasa ’ n uair a bha na ceistean sin an urra ri’m athair, agus bha rian air a h-uile càil.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom