The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

| Angus Macdonald

-

Tha uisge air a bhith ann a’s na làithean a chaidh seachad a th’air a bhith tròm dha rìreabh, cho tròm gu dearbha agus gu bheil steall ag eiridh as deidh a’ choin a h-uile turus a ruitheas e sìos is suas a lot. Tha grunn thuruis aig an uisge air ar dùsgadh troimh’n an oidhche leis cho tròm ‘s a tha na muill air a bhith. Ach gu toiseach na seachduinn­each sa fhèin tha’n aimsir air furachd blàth agus tha h-uile càil a’ cumail a’ fàs, ach a-nise gu cinnteach tha duilleagan nan craobhan a’ tòiseachad­h a’ tionndadh. Tha mi coimhead feadhainn fhathast a’ gearradh an fheòir, a’ feuchainn ri thiormacha­dh gu leòr eadar na muill airson a chuir na rolachanan mòra cruinn air an còmhdach ann am plastic dubh. ‘S fhada sin bho’n an obair a bhiodh sinne dèanamh airson feur a’ gheamhraid­h a thoirt a-steach. Bha sinn ag obrachadh ceithir lotaichean uile gu lèir. Bha lot a’ Ghogais againn airson a bhith ceangal suas ri leth dusan molt innte air feist troimh’n an t-sàmhradh. Bho àm gu àm dh’fheumadh sin feisteacha­n ùr, agus dheadh mi còmhla ri m’athair suas a’ Bhùth Thearlaich airson grunn aitheamhan ròp. Ghearradh e iad an uairsin gun an fhad cheart, agus shuidheadh e fhèin, neo mo sheanair, a’ splaoisead­h dul aig an dara ceann dhan a ròp troimh’n deadh am bacan. Ghearradh iad an uairsin a ròp na dhà leth agus splaoisead­h iad an uairsin sìbheal eadar an dà cheann a bha’d air a thoirt air a ròp. Bha seo airson dèanamh cinnteach nach tigeadh toinneamh a’s a ròp le gluasad a’ bheathaich air an fheist. Chuireadh iad an uairsin dul eile an ceann shìos a ròp, ach bha fear sa nas fhasa dhèanamh, airson a chuir mu amhaich a’ bheathaich. Dhèanadh iad snaim cruaidh ann an ceann a ròp, agus dul an uairsin le snaim fosgailte mu throigh bho cheann a ròp. ‘N uair a thigeadh e gun a ròp a chuir mu amhaich a’ mhuilt, dheadh a snaim cruaidh a chuir troimh’n an t-snaim agus dheadh a snaim a tharruing teann. Bha sin a’ ciallachad­h nach teannaiche­adh a ròp mu amhaich a’ mhuilt as bith de cho fiathaich ‘s a bha e. Agus an uairsin

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom