The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

Angus Macdonald

-

dheadh am bacan a chuir dhan an dul aig ceann eile ròp agus bhiodh clach againn airson a h-uile bacan airson am bualadh sìos dhan an talamh.

Bha chòrr dha na lotaichean, a bhuineadh do chàirdean dha’m athair aig nach robh caoraich iad fhèin agus nach robh cuir càil ach beagan buntàta, againn airson feur agus a bhith ‘g ionaltradh nan caoraich nach robh sinn a’ cuir gun a’ mhointeach. Bhiodh a lot againn fhìn airson buntàta agus lusan eile a chùl air feur, agus toiseach mo shaoghal bhiodh corc againn cuideachd. Bhiodh Iain Tholostaid­h a’ tighinn leis an tractair agus a speal airson gearradh an fheòir. Thoisichea­dh sinne an uairsin le na ràcain a’ tionndadh ‘s a’ sgaoileadh na ràthan feòir gus an tiormaiche­an a’ ghaoth ‘s a’ ghrian iad. Uaireanan gheibheadh sinn nead seilean air a dèanamh le seann chòineach, agus dh’fheumadh sinn a bhith faicileach gun a’ sgrìobadh no thigeadh na seileanan as ar dheidh. Nam biodh an tìde fabharach, cha bhiodh ach dhà na thrì làithean gum biodh e as a’ ghòc. Le bhith furachail, agus a’ sgaoileadh ‘s a’ gòcadh ‘n uair a bha’n aimsir air a shon, bhiodh e tioram gu leòr airson a thoirt a-steach gu ceann na bàthaich airson cruach no sìg a dhèanamh dheth. Bhiodh sinn a’ cuir lìon-sgadan orra, agus cearcal do bhall, air a cheangal ri ceithir bacanan fiodh air am bualadh dhan an talamh, airson an cumail an aghaidh na stoirmean a thigeadh gu cinnteach. ‘S e gliocas a bh’ann, mar a tha fìor ann a roinnean eile dha’r beatha, a bhith deasachadh airson na stoirmean agus an geamhradh. The Press and Journal | Saturday, September 16, 2017 37

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom