The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

GAELIC COLUMN

- Angus Macdonald

Bha nighean againn, Kirsten, a’ sealltainn troimh seann dheilbh an oidhch’ eile agus i deasachadh leabhar dheilbh dha bràthair is sine, Iain, agus e gu bhith deich bliadhna fichead a dh’aois a dh’aithghearr. Tha e iongantach na rudan a gheibh thu air an eadar-lìon - chaneil aice ach na deilbh a chuir air falbh air post-dealan agus paigheadh air a shon, agus an ceann dhà na thrì làithean tha rud a tha i’g iarraidh deiseil. Ach ’s e bha inntinneac­h ach na deilbh, feadhainn aca air an togail bho chionn còrr is fichead bliadhna, agus a bha fosgladh dorus air saoghal eile. Tha deilbh ann do Iain fhèin, agus e na leanabh beag na chadal an ochd m’athair, ach chaneil cuimhn’ aig duine dhan a’ chlann air m’athair oir bhàsaich m’athair an taobh a-stigh bliadhna do Iain a bhith air a bhreth. Tha deilbh eile ann le Kirsten fhèin còmhla ri mo mhàthair, agus mo mhàthair-cèile, ach mar sin fhèin chaneil ach mo mhàthair-cèile air a’ fàgail a-nise. Tha deilbh ann agus sinn air saor-làithean, leis a’ chlann agus iad na rudan beaga - nach ann againn a bha mheatair - a’s an t-Suain agus a’s an Danmharg. Thòisich sinn an uairsin a’ dol air saorlàithe­an a h-uile darna sàmhradh a’ Phortugal. Feumaidh mi radha gu robh chlann solt agus furusd’ an toirt a dh’àite sam bith. Cho fads gu robh tràigh agus gainmheach agus muir ri làimh, bha iadsan air an dòigh, agus gheibheadh sinne fois. Cha bhiodh sinn a’ dèanamh càil ach sin fhèin airson deich là na cea’ là’ deug, agus bha’m biadh saor agus bhiodh sinn ag ithe muigh a h-uile feasgair. Gach maduinn bhithinn fhìn agus cuid eigin dhan a’ chlann, Iain mar is tric, a’ dol dhan a’ bhùth, a dh’fhaighinn aran ùr agus measan an aran airson ar bracaist, agus na measan airson ar diathad. Bhiodh sinn ag ithe a’s an aon tigh-bidhe a h-uile feasgair, air a ruith le daoine bhuineadh dhan an àite fhèin. Agus bha’m biadh math, coltach ris a’ bhiadh againn fhìn, iasg is maorach, feòl mart is feòl muic. Bha blas air pìos tuna a bha tur eadardheal­aichte ris a’ chaglachan a gheibh thu a’s na canastaire­an, agus bha meaghan iasg a’ chlaidheim­h blasta dha rìreabh. Na bliadhnaic­hean nach robh sinn a’ dol ann a sin, bha sin a’ tighinn dhachaidh, agus bha sin a’ còrdadh riutha a cheart cho math. Bhiodh Kirsten a’ dol timichioll na cailleacha­n, Màiri piuthar m’athair, agus bean Thojan, agus a’ dol a chèilidh air Catriona air a’ cheann a -muigh, a’ faighinn na seann sgeulachda­n agus a’ faicinn a robh càil a bha’d ag iarraidh shuas am baile. Aig amanan bhiodh teaghlach eile a’s an aon eaglais ruinn le triùir chloinne bha cuamhse a’ chlann againn fhìn, a’ tighinn a-null airson seachduinn, agus bhiodh sinn an uairsin a’ dol cuairt a dh’fhaicinn seallaidhe­an Leòdhais agus na Hearadh. Agus ’s ann ’n uair a theid thu air cuairt mar sin a chì thu’n àite troimh shùilean dhaoin’ eile, agus a thuigeas tu cho luachmhor ’s a tha’n dualchas a th’againn.

Ach tha na deilbh cuideachd a’ dearbhadh nach eil tìm na thàmh. Ann an cuid dhan a deilbh tha balachan òg le falt dorch, rud eigin coltach ri Iain a’s an aghaidh, agus bheir e stad orm a’ smaoineach­adh gur e mise tha sin. Càite an deach na bliadhnaic­hean? Feumaidh mi bhith taingeil gur e bliadhnaic­hean math a bh’annta, agus gun d’thug m’obair cothrom dhomh bhith aig an tigh agus a’ chlann a’ fàs. Bha amanan duilich ann cuideachd, agus tha iomadach là far am bith mi miannachad­h gu robh m’athair ri làimh airson a’ chomhairle fhaighinn. Ach tha athair eile againn air nach tig aois no caochladh, a tha na dhìdean, na thearmunn agus na Fhear-cuidich.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom