The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

| Angus Macdonald

- Angus Macdonald

Tha e duilich an diugh dèanamh a-mach de cho dàn ’s is urrain dhut a dhol ann a bhith coimhead as deidh do nàbaidh. Cuin a tha a suim a tha thu gabhail dheth a’ dol thairis air a loine agus a tha thu na do phian a tha cuir do shròin a-steach ann a rud nach e do ghnothaich e? Canaidh iad ann an àite beag, nach fhada gum bith fios aig a h-uile duine air do ghnothaich co dhiùbh, ach an deidh sin tha e furusda do dhaoine dhol a sealladh, agus a bhith tinn, no fiughs air bàsachadh, gun fhiost dha na daoine tha’n ath dhorus. Cha robh riamh uighir a dh’fhiosracha­dh againn, ’s e ceist eile th’ann de feum a th’ann an tòrr dheth, ach an deidh sin tha h-uile siostam conaltraid­h a th’againn a bheir dhuinn ceangail ri daoine air taobh eile an t-saoghail, dha’r sgarradh bho cheile.

Thurchair mi bhith gabhail là dheth toiseach na seachduinn­each, agus abair là. Fhads a bha chòrr do Bhreatainn le fiaclan a’ snagadaich le fuachd an t-sneachd ’s a reòthadh, bha sinne leis a’ ghrian a’ dealradh, agus ged a bha a’ ghaoth an ear-thuath fuar, bha i air socrachadh gu ìre ’s gun d’fhuair mi air a nigheadara­chd a thiormacha­dh a-muigh. Co tha dol a dh’argamaid ri dithis bhoireanac­h ’n uair a bheir iad dhut an òrdugh gu feum a nigheadara­chd a dhol a-mach, agus gu feum suil gheur a chumail air troimh’n a là agus a thoirt a-steach mas tig dealt is reòthadh an fhionnarai­dh? As deidh a’ cheud chuid dha na sin a dhèanamh, dh’fhalbh mi cuairt a-mach a rathad leis a’ chù. An toiseach choinnich mi ri Iain a bha gearradh a’ challaid a th’aige air beulaibh an tighe agus stad mi greiseag ann a sin a’ gabhail a naidheachd. Lean mi orm gu deas agus air fàire, a-muigh an iar mu Bheinn a’ Bhuna, bha mi coimhead falasgair a’ dol na dheann. A-muigh air a’ chuan eadar sinn fhìn agus fearann na Loch, bha tancair mhòr aig acair, agus i feathamh ri fios airson a dhol a-mach gu te do raointean ola a’ Chuain a Tuath airson ola thoirt a-null thairis - nach iongantach a rud, an AIS. Bha na cnuic ’s na beanntan nas fhaide shìos na Gob na Càbaig gorm-ghlas le smùid a’s an eadhair, na glinn ’s na feithean nan cliathaich­ean nas dorra an dèanamh a-mach mar a b’fhaide deas a bha iad.

Chunnaic mi Christie ag obair air an tigh, agus gu dearbha is mòr an obair a tha e air a dhèanamh air, agus tha e fhèin agus Rùt an dòchas a bhith ann mu àm na Càisg. Eadar am bith no nach bith, cha bhith e fad’ a-nise, agus bithidh sin cupal òg eile a’s a’ bhaile. Nas fhaisg air a’ cheann a-muigh thachair mi ris a’ mhinistear, agus e treòrachad­h a’ bhalach is òige nach eil fhathast air a dhol dhan a sgoil, air baidhseaga­l tri-chuibhleac­han. Bha là a’ còrdadh riutha, agus gu fortanach fhads a bha sinn a’ còmhradh bha’n cù modhail agus cha do chuir e cus crois air a leanabh. As deidh a dhol a chèilidh air mo bhràthair, a th’aig an tigh bho’n a’ chlàr-ola, thill mi agus choinnich mi ri Kenon, agus an uairsin stad Alasdair, agus e dol seachad a’s a’ chàr, a ghabhail mo naidheachd. Agus dìreach ’n uair a bha mi gu ruighinn an tighe air ais, bha Jessie Ann a-muigh aig a’ gheat airson facal no dhà. Grian, is tìde mhath, tionndadh na bliadhna is beagan ùine, a’ toirt cothrom ùrachadh càirdeas agus dha’r toirt air ais gu far na chleachd sinn, agus far am bu choir dhuinn, a bhith, ann an coimhearsn­achd nach leigeadh a leas foighneach­d, co e mo nàbaidh?

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom