The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

| Angus Macdonald

- Angus Macdonald

Tha làithean math air a bhith againn gun cheist sam bith, agus fiughs blàths’ a’s an t-seachduinn a dh’fhalbh, agus thug sin misneachd gu leòr dhomh airson tòiseachad­h a’ cuir a’ bhuntàta. Ach ‘s e beannachd cuir na bliadhna sa, gu robh dithis agam mar làimh-chuidich, nach robh agam a-riamh roimhe seo. Tha mo mhac is sine, Iain, agus a’ bhean agus an dithis chloinne aig an tigh, iadsan air saorlàithe­an, agus esain air blaigh saor-làithean agus blaigh làithean obrach. Di-luain a chaidh, thog a là air feasgair, agus bha e farachduin­n blàth.

Bha gaoth an ear ‘s an ear-thuath ann, ach bha i air bàsachadh sìos agus sgaoil blàths na grein na sgòthan. Bha Sophie agus Elia ag iarraidh mo chuideacha­dh, agus lorg mi dà spaid bheag dhaibh a-measg na dèideagan a bha sinn a’ cumail a’s a’ bhàthach. Bhris mi suas beagan dhan an talamh dhaibhsan, agus sheall mi dhaibh mar a bhithinn ag iarraidh orra a chladhadh. As deidh greis, thuirt Sophie gu feumadh i dhol a-steach. Fhuair mi mach as deidh làimh, leis a sgaoinn a bh’oirre tilgeadh na talmhainn, gu robh botunnan làn. Ach cha b’e sin do dh’Elia e, bha esain a’ tilgeadh na talmhainn cuideachd, agus chunnaic mi fras math dheth air a’ cheann agus a-measg fhalt, ach cha robh dragh sam bith aige. Thionndaid­h mi’n talamh airson a’ cheud sgrìob, agus an uairsin rinn mi toill le pùtair. ‘N uairsin, dh’eigh mi air Elia mo chuideacha­dh. Sheall mi dha mar a bhithinn a’ cuir a’ bhuntàta dhan an toll, agus chuir mi fhìn a’ cheud fhear sìos. Thug mi dhasan buntàta na làimh agus sheall mi dha an dara toll, agus chuir e dhan an toll e cho grinn ‘s a dh’iarradh tu. Lean sinn a sgrìob gus na chuir sinn a h-uile buntàta a bha’s a’ cheud phòca beag, fichead sa h-aon uile gu leir. Cha robh sin dona do bhalach beag nach eil builleach dà bhliadhna dh’aois. Agus chan e sin a’ mhàin, ach gàire mòr air aghaidh fhads a bha e dha dhèanamh.

Bha’n t-àm ann an uairsin airson ar diathad a ghabhail agus chaidh sinn a-mach a-rithist. Dhan turus sa, chaidh mi thoirt pòca guana a-mach as a’ bhàthach, agus dhà na thrì rudan eile air a robh feum agam. Chuir mi Elia na shuidhe a’s a’ bhara a-measg a lumaraidh agus bha e na shuidhe ann a sin mun righ. Gu fàbharach bha mhathair dha iarraidh a-steach mas do thòisich mi cuir a’ ghuana air a sgrìob. Bha mi beagan amharasach an tòisichead­h e feuchainn ris a’ ghuana ithe, agus e cho coltach ri clachan-meallain. Fhuair mi air trì sgrìoban a chuir, agus chuir mi beagan feamainn sìos na measg cuideachd, dìreach airson dèanamh cinnteach nach biodh càil a dhìth torachas air an talamh.

Fhuair mi cuideachd air gearradh a’ challaid mhòr a tha ri taobh a rathaid eadar an tigh agus a’ bhàthach. ‘S e cuileann New Zealand a th’innte, agus ged a gheàrr mi pìosan dhith bho chionn grunn bhliadhnai­chean, bha i air fàs àrd agus flagach. An t-seachduinn a chaidh, bha dhà na thrì làithean math ann, agus pìos as deidh pìos, fhuair mi air a’ gearradh. ‘S e rud mun a’ challaid g’eil tòrr dhith marbh air an taobh a-stigh, ged a tha i làn dhuilleaga­n air na cliathaich­ean, ach chaneil i toirt fada gu bheil i fàs gu math garbh.

Tha e toirt na mo chuimhne rabhadh a bhiodh Murdaig a’ toirt dhan a h-eildearan a bha còmhla ris, gun iad a bhith mun na streanaire­an a bha’s an fhence aige. Abair gu robh iad a’ coimhead math pìos air falbh, ach ‘nuair a bheireadh tu sùil gheur orra, bha’d lobht nam broinn agus an àite bhith na neartachad­h ‘s ann a bha’d crochaid air an fhence.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom