The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

GAELIC COLUMN

Angus Macdonald

-

Tha mi’n dòchas nach do mheall an tìde mhath a bha siud mi. Bha mi a’s an iodhlainn fad di-sathurn’ a chaidh, an toiseach a’ cuir sìos leacan eadar an clàr bhuntàta agus a’ chorr dhan an talamh àitich. Tha mi feuchainn ris an talamh àitich a chuir a-mach na chlàran airson gum bith e nas fhasa cumail na deifir lusan bho chèile agus an gluasad timichioll bliadhna as deidh bliadhna.

Bhithinn an dòchas gum biodh e cuideachd nas fhasa na clàran a chumail torach, agus obrachadh a-mach de na lusan is fheàrr a dh’fhasas a’s gach àite a-reir de na tha e faighinn do ghrian agus do dh’fhasgadh. Chuir mi na leacan air muin morghan cuaraidh, an dust a th’air fhagail as deidh dhaibh na clachan a phronnadh. Tha mi smaoineach­adh gu feum mi feadhainn aca atharracha­dh beagan, airson an cuir rèidh as deidh dhaibh laithe far a bheil iad là na dhà.

Fhads a bha mi ’g obair air na leacan, bha agam ri gearradh troimh seann chnap todhair a bha na laithe a’s a rathad. Bha mi air a feur a bha mi gearradh bho na lèanagan timichioll an tighe a chàrnadh suas ann a seo bho chionn dà bhliadhna, a chùl air na duilleagan agus na pìosan is buige dha na callaidean, agus bha sin air a dhol na thodhair dubh. ’N uair a thoisich mi gearradh troimhe leis a spaid, thionndaid­h mi cnap dheth agus ann a sin, air an tiodhlaige­adh fhèin sìos air falbh bho’n an fhuachd, bha cheud chnuimhean a chunnaic mi a’s a’ ghàradh bho chionn bhliadhnai­chean.

Bha’d beag, ach bha’d ann a siud, agus tha mi’n dòchas gu soirbhich leotha. Ruith mi mach a morghan mu mheadhon an fheasgair agus thòisich mi’n uairsin a’ cuir oineanan. Tha clàr agam làimh ris a rùprub, agus na dearcan gorm. Sgaoil mi feamainn air a staobhar a chaidh, agus bha aon rud math mun a sin co dhiùbh, chùm e luibheanac­h gun fàs. Thionndaid­h mi pìos dheth, agus chuir mi todhair eadar na sgrìoban, agus craiteacha­n guana mas do chuir mi na h-oineanan sìos.

Chuir mi’n uairsin cloimh-fhuadain air a’ mhuin airson feuchainn ri’n cumail blàth. Tha’d mar sin fhathast, as bith de mun a theid dhaibh, ged a tha i air tionndadh nas fhuara rithist. Tha na preasan dearcan dubh is dearcan dearg air tòiseachad­h a’ cuir a-mach duilleagan, agus tha na sùbhagan dìreach a’ tòiseachad­h a’ nochdadh cuideachd. Tha rùprub fhèin a’ tòiseachad­h a’ cuir a-mach duilleagan, ach tha na cìp air fàs cho mòr agus ’s iongantach mun a feuch mi ri’n gearradh as deidh dhaibh fas na bliadhna sa a chuir seachad.

Bha Alison a’ glanadh na planndrais­ean sùbh-làr, agus lorg sinn sia planndrais­ean beaga bh’air sgaoileadh a-mach bho na sreathan a chuir sinn an uiridh, agus tha blaigh sreath ùr againn air a thòiseacha­dh leothasan a-nise. Ach saoilidh mi g’eil cùisean fhathast a’ feathamh ri tìde bhlàth shuidhicht­e. Tha feur dìreach a’ tòiseachad­h a’ tighinn troimhe, ach tha h-uile càil a’ coimhead bànghlas, agus a fraoch cho ruadh ’s gu saoil thu nach tig piseach air a chaoidh.

Tha geòidh gu leòr timichioll fhathast, agus chaneil mi smaoineach­adh gu faca mi uighir do starragan a-riamh ’s a chunnaic mi là eile agus iad a’ brath air caoraich nan uan. Agus a là eile cuideachd chunnaic mi dà fhitheach mòr dìreach a-mach bho chùl an tighe. Tha challaid a tha’n cois a rathaid fhathast a’ coimhead lòm far an d’thug mi dhith faileadh, ach ’n uair a sheallas tu gu dlùth, tha duilleagan ùra tòiseachad­h a’ fàs bho’n a’ bhonn far a bheil a solus a’ faighinn a-steach.

Dìreach mun duine a th’air a bhith bho dhorchadas geamhradh anam, ’n uair a bhriseas solus an t-Soisgeul a-steach, a dh’aindeoin fuachd is droch choltas, tòisichidh fàs. Agus far an tòisich fàs thig e gu buil, bho shùil Gàradair air na failich càil.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom