The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

GAELIC COLUMN

Angus Macdonald

-

’S e rud prìseil a th’ann an deagh charaidean, agus prìseil dha rìreabh mu tha an càirdeas a’ seasamh fad do bheatha. An tseachduin­n a chaidh, air feasgair di-haoine bha cruinneach­adh againn dha’n a’ chlass a’s a robh sinn a’s a’ bhun-sgoil. Cha robh ach dithis a dhìth, John Murdo (Dordo) agus Annette, esain ag obair a’s a’ Chuan a Tuath, agus ise le ualaichean co-cheangailt­e ris an teaghlach. Choinnich sinn ann a seann sgoil a’ Chnuic, far a bheil Bùth agus Café a Rudha a-nise agus ghabh sinn biadh a’s a’ Chafé, le còmhradh gu leòr eadar a huile glaim. Agus còmhla ruinn bha Miss Martin, an tidsear òg a thàinig a dh’fheuchainn ri rud eigin a chuir na’r cinn ’n uair a bha sinn air an trìeamh bliadhna. Bha i cho caoimhneil agus cho eireachdai­l ’s a bha i riamh. Cha do lean ach aon duine againn, Joan Ann, a h-eisimpleir airson a dhol a theagaisg, agus bha e iongantach mar a sgaoil sinn a-mach bho na làithean a’s a robh a sgoil bheag a bha sin, a’ coimhead dhuinne mar thogalach mòr a’s a’ faodadh sinn a dhol air chall.

Tha mi creids gur e Torcuil agus Dòmhnall is fhaide shiubhail a’s na dreuchdan a’s a robh iad, an dara fear aig muir, agus a fear eile a’s an airm, agus an dithis aca nise ann an cosnaidhea­n tha ciallachad­h gu bheil iad air ais a’ furachd an Eilean Leòdhais. Tha Margaret a’s na seirbhisea­n cùram ann an Inbhirnis, agus Kathleen, Christine agus John Murdo Mhàgan a’s an ospadal ann a Steòrnabha­gh. Tha Calum agus Mary Margaret ag obair an gnìomhacha­s na h-ola, agus Don agus Kenny aig a’ Chomhairle.

Nise seo a rud annasach, bha na boireanaic­h a’ coimhead tòrr nas òige no na fir. Sinne liath no call an fhuilt, agus iadsan cho breagha ris a là dh’fhàg iad a sgoil. Bha dealbh no dhà againn dha na classaiche­an. An uair ud bha trì classaiche­an a’s a’ cheud rùm, far a bheil a’ bhùth an diugh. Bhiodh teine mòr troimh’n a’ gheamhradh a’s an àite teine tha’n diugh air falach air cùl sgeilfiche­an a’s a’ bhùth. Bha duine no dhithis ann a thàinig dhachaidh, ach nach do dh’fhuirich ach stòcha bliadhna no dhà. Bha feadhainn aca agus an athair a’s an RAF, agus bhiodh iad ag obair aig a’ phort-adhair agus an uairsin dheadh an gluasad a dh’ait-eigin eile. Bha feadhainn eile aig a robh càirdean a’s na bailtean, agus stòcha gun deadh an cuir dhachaidh as na bailtean mòra airson aobharan a bha’r a’ cumail air falach oirnne.

Bha cuimhn’ againn uile air rùm Chrayag - gu cinnteach bha ise dhan an t-seann sgoil, agus ’s iomadh là bha creanadh aig ar làmhan air. Ach an deidh sin, bha fear dha na balaich ag radh nach robh uair a choinniche­adh e i shuas am baile, nach stadadh i bruidhinn ris a dh’fhoighneac­hd dha de mun a bha dol dha. Bha cheart uighir a’ ghoiriseac­hadh a’ dol tromhainn a’ cuimhneach­adh air an dentist. A’ tolladh ar fiaclan, gun fiughs rud a bheireadh faochadh dhuinn bho’n a’ phian. Agus aghaidh a’ chlann eile air uinneag a bhan a bh’aige, air am beòth-ghlacadh le fulang chuid-eigin eile, agus eagal am beatha gur e iadsan a dh’fheumadh a dhol ann as do dheidh.

Ach ann a rùm a’ mhaighstir-sgoile, ’s ann a sin a bha’n t-annas - aquarium. Agus feasgair dha chuir seachad a’s an tràigh a’ lorg portanan, easgainn, maorach do dheifir sheòrsaich­ean agus biastan a dh’itheadh iad. Bha sinn ag ionnsachad­h gun fhiost dhuinn. Agus a Mòd, far na bhuannaich sinn a h-uile duais ach aon dhan a bha dol, air a’ bhliadhna bho dheireadh. Agus a huile càil a bha sin bho stiùir a’ chreidimh a bha cho mòr na phàirt dha’r dualchas.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom