The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

| Angus Macdonald

- Angus Macdonald

Tha sinn air a bhith gur a’ pholycrub bho chionn speil a-nise. Greis mhath a’ beachdacha­dh air an toiseach, greis a’ smaoineach­adh càite an deadh a chuir, de cho mòr ’s a bhitheadh e agus am b’fhiach cosg air. Ach cò dhiùbh, cho-dhùin an te bheag gum b’fhiach a dhèanamh agus thàinig am pasgan air làraidh. Ghlan mo bhràthair làrach leis an digear, agus chuir mo charaid Donaidh, a saor, na puist dhan an talamh. Bha aige ri’n cuir ann a loinichean dìreach, ochd air gach taobh, agus an uairsin an gearradh gus am biodh iad rèidh. ’S math gur e e fhèin a bha dha dhèanamh, oir ’s ann gu math càm a bhiodh iad na’m b’ann an urra riumsa bhiodh iad. Tha Donaidh dha dhèanamh eadar teobaichea­n nas motha air a bheil e’g obair, agus thàinig e maduinn di-sathurn’ a chaidh agus cha mhòr gun fhiost chaidh freuma a’ pholycrub an àirde.

Tha freuma air a dhèanamh le pìoban plastic a chaidh an tilgeadh air falbh bho thuathan èisg. Pìoban a’s a bheil croislin, no diameter, ceithir no coig a dh’oirlich tarsuing. Tha na pìoban fada agus feumaidh gach ceann a chuir air na puist mu choinneamh a chèile. Dh’iarr e orm ola chuir air na puist airson a dhèanamh nas fhasa na pìoban a chuir sìos orra. Bha mise cumail ceann na pìob ris a’ phost air an dara taobh, agus esain a’ togail a’ phìob suas dhan an adhair, agus mise dha treòrachad­h mun a’ phost. Am broinn nam pìoban, tha cnapan fiodh air an cuir aig na fadan ceart airson sailean a cheangal ri na pìoban, agus cuideachd airson gun teid iad sìos dìreach a fad ceart mas stad iad air mullach nam puist. Aon uair ’s gu robh an dara ceann dhan a’ phìob mun a’ phost air an dara taobh, bha againn an uairsin ris a’ cheann eile dhan a’ phìob a’ lùbadh a-steach airson a’ cuir mun a’ phost a bha mu choinneamh. Mas do chrìochnai­ch e cùisean airson a là, chuir Donaidh a’ sàs an t-sail iosal air gach taobh, agus chì thu nise a seòrsa cruth a tha gu bhith air, ach tha pìos ri dhol fhathast.

Adhartas dha dhèanamh leis a sin, ach tha cuid dha na lusan a’s an iodhlainn air a bhith beagan deireannac­h. Gu dearbha, bha pìosan dha na sreathan biatas, na peasairean agus na curanan nach d’thàinig troimhe idir. Chaneil fhios agam an e droch shìol a bh’ann, no an e a’ ghaoth fhuair a bh’ann aig amanan, a dh’aindeoin grian aig amanan eile, a rinn a chuis orra. Tha mi air sìol eile chuir a’s na làraich fhalamh as bith an tig sin troimhe luath gu leòr airson a thighinn gu ìre cheart. Chuir mi leigisean, leeks, di-sathurn’ cuideachd. Bha mi air an cuir a-stigh airson an toirt air adhart, ach fhathast tha’d coltach ri snathlanan caol, uaine. Ceart gu leòr chaneil còir aca thighinn gu ìre gu àm a’ gheamhraid­h, ach tha mi amharasach leis cho meanbh ’s a tha’d a’ coimhead.

Tha na sùbhagan-làir a’ tighinn air adhart, agus tha ultach air an ìre mhath a huile planndrais. Ach mar a tha iadsan a’ fàs ’s ann is dìrisiche tha na h-iseanan a’ fàs a’ feuchainn ri faighinn a-steach bho’n a lìon a th’agam orra. Tha na seileanan na màl air na preasan sùbhagan, agus tha sìtheanan gu leòr orra sin - cho fads nach fhaigh sinn a chòrr a ghèiltean a bheir crathadh orra. Tha’m buntàta a’ tighinn air adhart as deidh a thobhaigea­dh, ged a tha dhà na thrì bharran a dhìth ann a sin cuideachd. Tha’n iodhlainn na dealbh dha’r beatha - as bith de na theid a chuir innte do shaothair, cha toir sinne gu comhlionta­chd i. Tha sin air taobh a-muigh ar comasan ach tha e sàbhailte ann a làmhan Dhè.

 ??  ?? Catherine Czerkawska
Catherine Czerkawska
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom