The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Tha na seilcheaga­n a’s a’ chrub a’ dol thar labhart. Tha grunn math aca a-nise air am bàthadh fhèin ann an crogain beag leann. Ach tha dhà na thrì fhathast, a-reir coltais, air bòideachad­h seachnadh na dimhe, lag no làidir, agus an àite sin tha’d a’ dèanamh an dichioll ithe nas urrain dhaibh do phlanndrai­sean chilli. Fhuair mi trì planndrais­ean a là eile, agus na mullaich air an gearradh dhiabh mu bhàrr na talmhainn a’s na bucais fàs. Agus, direach mar gum bitheadh iad a’ steigeil a-mach an teanganan rium, lorg mi trì cnuimhean neònach dha falach fhein, bho bhonn aon dha na cupanan a’s a robh a leann agam. Chaneil e furusda a bhith na do ghàradair.

Ach tha aon rud air tachart agus tha e toirt togail dha mo chridhe. Tha a’ chraobh oraindsear a th’agam bho bhlàth, agus tha na sìtheanan a’ tòiseachad­h a’ fosgladh agus tha fàladh cubhraidh a’ sgaoileadh troimh’n a’ chrub. ’N uair a dh’fhosglas tu dorus a’ chrub, tha fàladh breagha dha co choinneach­adh, agus chì thu sìtheanan breagha geal air a’ chraobh oraindsear. Agus tha mi air coimhead cuileagan na laithe air na sìtheanan agus mar sin cha leig mi leas a dhol faisg orra airson gum bith iad torrach.

Tha tòrr shìtheanan mu mheadhon na craoibh, agus tha e na cheist orm de thachras mu thig oraindsear a-mach as a h-uile sìthean a tha sin. Am bith sin ro throm airson a’ chraobh, beag ’s ga bheil i? A feum mi barrachd todhair, no rud eigin a chumas maitheas ris a’ chraobh, a chuir dhan a’ phoit a’s a bheil i? Ceistean airson là eile - se cheud rud, co mheud dha na sìtheanan a thig gu bhith na measan?

Nise tha fios agam gur e faoineas a th’ann a bhith fàidheadai­reachd mun an aimsir, gu h-àraid far a bheil sinne a’s na h-Eileanan. Fiughs ged a chanadh ro-shealladh na h-aimsir gu bheil i gu bhith math, glè thrìc chan ann mar sin a bhitheas a’ chùis. Ach tha fàidhean na h-aimsir a’ gealltainn tiormachd airson an ath dhà sheachduin­n, agus gun teagamh tha a’ ghaoth air tionndadh gun ear agus an earthuath. Ged a tha i fuar, tha i tioram agus tha mi tòiseachad­h a’ farachduin­n ain-fhois na mònach. Na faighinn air a’ mhòine a bhuain, agus na faigheadh i seachduinn no dhà do thiormachd bheireadh sin dhith cothrom math. Ach tha mi fhathast gun a rùsgadh, agus bheir sin speil, ach bheir mi beachd ann a là no dhà eile.

Feumaidh mi cuideachd am buntàta a chuir. Leis cho fuar ’s a tha i air a bhith, tha leisg air a bhith orm am buntàta a chuir dhan an talamh. Ach tha h-uile càil deiseil, an talamh air a thionndadh agus am buntàta fhèin a’ tòiseachad­h a’ cuir a-mach barran. Dhèanainn a chùis le poca guana ged tha, agus feumaidh mi dhol a dh’fhaicinn mo charaid Stiùbhart airson sin a cheannachd. Ach bha mo bhràthair-cèile, aig a robh tuath ann a Siorrachd Pheairt, ag radha rium gu robh na balaich acasan air coimhead àrdachadh a thrì uighir a’s a’ phrìs bho thòisich an cogadh ann a Ukraine. Co shaoileadh gu robh rud a tha cuid a’ smaoineach­adh a tha cho fad as, a dol a thoirt buaidh air obair croite ann an eilean air iomaill na Roinn Eorpa?

Ach sin far a robh sinn bho riamh. Chaneil sin nas fheàrr na tha sinn nuair a tha sinn ag obrachadh comhla, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar co-chreutair a’ faighinn na h-aon chothroman ruinn

fhìn.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom