The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

’S e samhradh duilich a th’air a bhith ann gun a seo a’s a’ ghàradh. Tha h-uile càil a’ fàs a-nise, ach a mhàin am buntàta. Tha mi smaoineach­adh gu bheil mi air co dhiùbh trìon, mun a th’eil a dhara leth, a chall. ’N uair a bha mi dha’m priogadh, bha mi tighinn tarsuing air corra fhear nach robh air a thighinn troimh’n an talamh, ach bha gu leòr eile nach robh sgeul orra, no bha’d air lobhadh. Tha mi feathamh ri sìol-cuire eile a thighinn air a’ phost, agus iad ag radha gun tig iad gu ìre mas bith Samhuinn ann - dìreach ’n uair a chleachd sinn a bhith dhan togail.

Fhuair mi seann dhealbh a là eile, a thog mi fhìn dhan a lot, feumaidh e bhith gur ann uair eigin a’s na 70an. Tha clàr mòr buntàta aig ceann a-muigh a lot, agus bhitheadh sinn dha chuir le pùtair - pìos do ràmh eathar, le gob air an dara ceann airson toll a dhèanamh dhan deadh am buntàta a chuir. Bha sin as deidh do thractor Iain Tholostaid­h an talamh a thionndadh. Gu math trìc, bhiodh am buntàta dha chuir ann an talamh far a robh feur a’ fàs a’ bhliadhna roimhe sin. Bha crann aig Iain a thionndaid­headh a sgrìob air a beul foidhpe, a’ ciallachad­h gum biodh a feur gu h-iosal agus a’ lobhadh gun cus crois a dhèanamh dhan a’ bhuntàta.

Bho dh’fhàsadh na barran, a’ dùnadh a-mach solus na greine, as deidh dhuinn am priogadh agus an todhaigead­h a dhèanamh, cha robh cothrom aig a luibheanac­h fàs a bharrachd. Bha uaireanan, agus ’s e each le crann a bha dèanamh an todhaigead­h, agus grunn bhliadhnai­chean, ’s e oifigear polais as an Eilean Dubh, a bha’g obair ann a Steòrnabha­gh, a bhiodh a tighinn le each a bh’aige agus a’ todhaigead­h a h-uile clàr buntàta a bha’s a’ bhaile.

A’s an dealbh cuideachd, tha clàr nas lugha, far a bheil sneapan, curanan, càl agus biatas an cuir. Agus eadar sin agus cùl an tighe, tha gocaichean feòir, agus iad a’ coimhead gu math tioram, agus coltas air an talamh gur e Iain Tholostaid­h a’ speal sin leis an tractor cuideachd. Chanain leis a sin, gun deach an dealbh a thogail gu math a-steach dhan an Iuchair, no fiughs a’s a Lunasdal. Saoilidh mi gu bheil coltas purpaidh air Beinn Phabuil, rud a bhiodh a’ ciallachad­h gu bheil a fraoch bho bhlàth, no gu math faisg air.

Aig oir an deilbh chì mi cruach mhònach ùr, le Aonghas Alasdair, a bha pòsd’ aig Màiri piuthair mo mhàthair, agus tha e co dhiùbh sia no seachd uairean feasgair, a-reir mar a tha a’ ghrian a’ tilgeadh sìos faileas an tighe. Tha’n amar-dupaidh a-muigh air cùl a lot, agus i coimhead ann a sunnd torr nas fheàrr na tha i’n diugh, agus a fensa mun cuairt oirre. Agus seo rud eile, chaneil sgòth a’s an adhair. Agus thainig e steach orm an drasda, gur tocha gur e seo a samhradh math a bh’againn, a bhliadhna chaidh mi dhan an oilthigh, agus gur tocha gur e dealbh a bha seo airson gum biodh cuimhneach­an agam agus mi falbh a Ghlaschu.

Dh’fhalbh mise, agus cha mhòr nach d’thug an cianalas orm tilleadh. Ach cha do dh’fhàg a farachduin­n mi riamh, as bith càite robh mi, rud a bha deuchainne­ach do’m chèile aig amanan, gu robh mi’g iarraidh tilleadh dhachaidh.

Tha sin a cuir na mo chuimhne an eadarthean­gachadh sa do bhriathran a bhitheas sinn a seinn gu math trìc: Agus tillidh mi airson còmhnachad­h an àros Dhè fad mo

làithean.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom