The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Tha an aimsir a’ fàs beagan nas blàithe a-nise ged a tha a’ ghaoth fhathast nas fhuaire aig amanan na bhiodh dùil agus sinn a’ tighinn a-steach dhan an t-samhradh. Leis a’ mhòine air a buain, agus a’ tiormachad­h a dh’aindeoin muill uisge a tha gu math tròm, agus am buntàta air a chuir, tha sinn a-nise a’ feuchainn ris an talamh àitich a dheasachad­h a’s an iodhlainn airson na lusan a chuir.

Tha mi air ceithir drilichean sneapan a chuir, agus chaidh cloimh-fuadain orra sa bhad airson feuchainn ri’n cumail cho blàth ’s a ghabhas. Chuir mi cuideachd leth-dusan tri-chasach cuilc ri taobh na sneapan, airson faicinn a’ fàs pònairean-streap a-muigh, cho math ’s a tha’d a’ fas a’s a’ chrub.

Ann a sin tha’d air streap gu mullach a’ chrub agus tha sitheanan breagha orainds orra, as bith an tig sin gu pònairean rè ùine. Tha’n fheadhainn a th’air an cuir a-muigh gu math beag fhathast, agus tha mi’n dòchas nach dèan na seilcheaga­n call orra.

Bha poit agam a’s a’ chrub a’s a robh planndrais­ean càl-colaig agus buinneagan Bruiseal a’ fàs. Agus bha’d sin air ìre ruighinn far an gabhadh an cuir a-muigh. Chuir mi iad, le colair mu chas a h-uile gin aca. Tha dà bhuannachd ann a seo. Tha’n colair dhan dìon bho chuilleag freumh a’ chàil, no a’ chnuimh a tha tighinn a’s na h-uighean a tha chuileag a’ fàgail dìreach far a bheil cas a’ chàil a’ dol dhan an talamh.

Ach leis a’ cholair, tha chuileag a’ breth nan uighean air a’ cholair an àite an talamh, agus tha’d a’ dèanamh dheth gun tiormaich na h-uighean mas fhaigh a’ chnuimh air fàs. A thuilleadh air a sin, tha copair a’s na colairean, agus tha sin a’ cumail na seilcheaga­n air falbh. Agus tha mi air lìon a chuir orra, airson sclapaidea­n a’ chàil a chumail dhiabh.

Sin agad trì rudan a tha cho beag agus nach mòr gu mothaich thu dhaibh, ach trì rudan a tha calltach dha rìreabh mu gheibh iad gun a’ chàl. Agus tha iad gu math eirmiseach. A’ cheud bhliadhna dh’fheuch mi lìon air a’ chàl, chuir mi an aon sheòrsa lìon orra ’s a chuir mi air na sùbhagan airson an dìon bho na h-iseanan. Ach tha na mogail sin nas motha nan na mogail a tha’s a lìon a th’agam a-nise. Chunnaic mi sclapaid aon là a’ laithe air a lìon, a’ greumachad­h cliathaich aon mhogal, agus dha tionndadh fhèin bunos-ceann troimh’n a’ mhogal, agus bha i stigh. Ach fiughs ’n uair a tha thu smaoineach­adh gu bheil thu air a’ chùis a dhèanamh orra, nochdaidh rud eigin ùr air nach do smaoinich thu idir.

Chuir mi dà shreath do pheasairea­n, ged a tha’d gu math iosal ris an talamh fhathast – stòcha gu bheil sin a cheart cho math leis cho làidir ’s a tha ghaoth aig amanan fhathast. Agus ri’n taobh chuir mi grunn shreathan do dh’oineanan, agus sreathan eile do bhiatas do dheifir sheòrsaich­ean, agus ri taobh sin a-rithist, dà shreath do liatas. Bha an talamh cho tioram agus gum b’fheudar dhomh bùirn a chuir orra feuch an cuireadh iad freumaiche­an làidir sìos airson bùirn a ruighinn iad fhèin.

Chaneil freumh a’ nochdadh a talamh tioram a’ coimhead gealltanac­h, agus gu dearbha tha cunnart ann nach soirbhich e idir.

Ach chaneil aige ach cothrom fhaighinn air bùirn agus maitheas na talamhainn agus fàsaidh e gu làn ìre, dìreach mar a freumh a talamh tioram a thug dhuinn craobh na beatha a fàs air gach taobh do dh’abhainn làn do dh’uisge na beatha a tha soilleir mar chriostal, agus na craobhan torrach fad na bliadhna.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom