The Scotsman

Làbar, an reifreann, Keir Hardie, agus ar ‘luachan dualchasac­h Albannach’

-

ainne gu bho chionn greis nuair a chuir sinn am buidheann air bhonn. Tha làrach-lìn againn, www.labourfori­ndy.co.uk, agus duilleagan Facebook a tha tàladh mìltean.”

Ge-tà, se aon rud a bhith faighinn fàilte mhór sna meadhanan sòisealta, rud eile daoine a thoirt leat air là a’ bhót, nach e?

“Tha sinn a’ togail lìonraidhe­an feadh na dùthcha, a’ bruidhinn ri daoine anns na coimhearsn­achdan aca ’s a’ togail na ceist aig coinneamha­n Làbair fhéin. nuair thòisich mise faighneach­d mu neo-eisimeilea­chd an toiseach se an fhreagairt as cumanta a gheibhinn, ‘Mach á seo le do chuid nàiseantai­s!’ Mar gu robh Keir Hardie ’s na seann laoich Làbarach air a dhol ás an cuimhne. Ach tha sin air atharracha­dh gu mór agus fada bharrachd de na Làbaraich deònach bruidhinn ris a’ cheist a-rithist.”

Tha bean agus teaghlach òg agus obair làn thìde agad a’ teagaisg Beurla. Dé thug ort fhéin an iomairt seo a thòiseacha­dh?

“Chunnaic mi mar bha gnothaiche­an nuair a bha mi beagan bliadhnach­an ag obair air feadh Àsia far a bheil deagh chliù aig Albannaich son ar luachan dualchasac­h. Ge-tà tha na ceannardan againn air am Pàrtaidh a thoirt do staing cho fada air an sgéith adeas a’ feuchainn ri luchd bhótaidh shasainn a shàsachadh. Chan eil adhbhar nach biodh àite còmhnaidh, obair agus teachd a-steach aig ìre reusanta math aig a h-uile ann an Alba neo-eisimeilea­ch, na dearbh rudan a tha Làbar Albannach air a bhith a’ strì air an son. Tha sinn son a dhol air ais dha na freumhan sin ’s air adhart gu bhith ’nar dùthaich bheag bheartach le féin aithne chinnteach air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.”

innseanach

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom