The Scotsman

Càirdeas nam prèiridhea­n

-

Saturday 23 March 2013 CHAiDH Companaidh Bàgh Hudson a stèidheach­adh ann an 1670. Bha am pailteas de bheathaich­ean le bèin anns na sgìrean timcheall a’ Bhàigh. Bha aodaichean a bha air an deanamh air bian, neo air an sgeadachad­h le bian, fasanta. Bha mathain, bìobhairea­n, eich mhara, sionnaich artach agus eile ann ’nam mìltean. Bha na h-innseanaic­h sgileil air an trapadh agus air na bèin a thiormacha­dh, agus bha iad toilichte iomlaid a dheanamh air son bathar saor, mar sgianan, sgàthain agus grìogagan.

Bha feum air tuilleadh de thrapairea­n. seach gun robh eileanaich an taobh an-iar eòlach air fuachd, droch shìde agus cruadal, cha robh e ’na iongnadh gun deach grunn fhastadh. Tha am prògram Fuilnan

ag innse an sgeul aig iain Moireastan á Barbhas a’ siubhal gu prèiridh Chanada agus e a’ fiachainn ri lorg fhaighinn air càirdean a shìn shìn sheanmhair, boireannac­h innseanach a thàinig, anns an naoidheamh linn deug, thar a’ chuain còmhla ri a shìn shìn sheanair, trapair a bha ag obair aig a’ Chompanaid­h.

Tha am prògram a’ leantainn iain, aig a bheil companaidh bhusaichea­n ann an Leòdhas, agus a’ sealltainn mar a thachair e ri a cho-ogha, innseanach a bha air a sgeadachad­h ann an aodach an treubh ’s a bha a’ cluich ceòl nach cluinnear ann am Barbhas. Tha e furasta aithneacha­dh gun robh faireachda­innean domhain tiamhaidh aca nuair a rug iad air làmh air a-chèile. Bhiodh toileachas ann gun d’fhuair iad cothrom tachairt, agus aithreacha­s gun tug e cho fada.

Bha sìn sìn seanmhair iain air tè de na boireannai­ch innseanach a thàinig a-nall anns an ochdamh linn deug còmhla ri balaich á Leòdhas. is cinnteach gum biodh feadhainn dhiubh, aig uairean, ’nan seasamh air cladaichea­n taobh an-iar an eilein agus iad ag amharc gu dùrachdach thar a’ chuain.

Bu chòir BBC Alba a mholadh air son prògram cho inntinneac­h a chur ri chèile. Ged a tha e air a bhith air an èadhar ceithir tursan mar-thà, tha fèill fhathast air. torMod e dòMhnallac­h

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom