The Scotsman

Boinne ann am beul na gaoithe

- Alasdair h caimbeul

Tha an neach-togail dhealbh alex Boyd, á Irvine ann an Siorrachd Àir, ag iarraidh ceangal a dhèanamh ri àite : dàimh, gum bi tuigse aige air an àite agus na daoine, gun cuir e eòlas orra. Chan e seo neach-ealain a tha a’ dol a thogail a chuid dhealbhan agus teicheadh, tha e air son gum bi càirdeas eadar e fhèin ’s an tìr ’s gum faigh e sealladh air dualchas agus dùthchas na sgìre cho math ri a h-àrainneach­d fhèin.

Tha e air seo a dhèanamh mar-thà ann an Gaidhealta­chd na h-Èireann nuair a chuir e seachad ùineachan am measg nan daoine ’s e a’ togail dhealbhan camara timcheall air àite sònraichte, Pointe a’ Tárrthaidh, ann an Contae Mhaigh Eo, air taobh siar na dùthcha. Tha e a-nis am measg muinntir Shlèite san Eilean Sgitheanac­h far a bheil e ’na “Neach-Ealain na Colaiste” aig Sabhal Mòr Ostaig. “Tha mi an dòchas tadhal air diofar àiteachan san Eilean,” tha e ag ràdh. “Bidh e mar phàirt de shreath nas motha de dhealbhan air a bheil mi ag obair a nì ‘mapa’ de na h-àiteachan air an ‘oir’ far a bheil iad a’ bruidhinn Gàidhlig.

“Is dòcha do dhaoine ann an ceann a-deas na h-alba no am meadhan na dùthcha, tha na hàiteachan seo air an iomall, ach tha mise ga fhaicinn mar theismeadh­an saoghal aig a bheil cultar brìoghmhor. Tha mi feuchainn ri toirt air daoine gun a bhith coimhead air a’ chosta seo mar àite tha iomallach agus falamh. Nuair a smaoiniche­as mi fhìn air àiteachan a tha air an iomall bhon t-saoghal agamsa, bidh mi a’ smaoineach­adh air Lunnainn.

“Tha mi son coinneacha­dh ri daoine nuair a bhios mi siubhal, agus tha mi air son coluadair a dhèanamh riutha. Bu thoigh leam cluinntinn mu’m beatha an seo, no dè dh’fhàg an seo iad. Chan eil dad cho dona ri luchd ealain a tha tighinn gu coimhearsn­achd agus a’ feuchainn ri dealbh gun doimhneach­d a tharraing de bheatha na coimhearsn­achd. Tha mi son eòlas a chur air na daoine ’s an tìr ann an dòigh shusbainte­ach tron t-seann ealain seo.”

agus gu dearbh se sgeulachd inntinneac­h a th’ anns an dòigh sa bheil alex a’ togail nan dealbhan aige an-dràsta – le leacanfliu­ch collodion, no wet place collodion process. Thòisichea­dh a’ cleachdadh a’ phròiseis sna 1850an agus chan e an dòigh as fhasa dealbhan a thogail. Feumaidh tu “seòmar dorcha” a thoirt leat, oir feumaidh tu an dealbh a leasachadh taobh a-staigh 15 mionaidean bho thog sibh e, ’s tha tòrr cheimigean gan cur an sàs son an dealbh a thogail ’s a leasachadh. Cuideachd, tha e ’na dhòigh shlaodach air dealbhan a thogail, agus tha an camara ’s an seòmar no bogsa dorcha a bhios ■ ThuG muinntir mosque ann an Siorrachd Iorc cupannan tea agus briosgaide­an a-mach gu buill den English Defence League a bha a’ togail fianais. ■ Tha an Ruis a’ reic siostam dìon-adhair do riaghaltas Siria a bhios air a chur an aghaidh feachdan an iar ma ghabhas iad anns a’ chogadh air an taobh eile. ■ Ma théid speuradair­ean gu Mars tha e coltach gum bi aca ri tòrr a bharrachd réididheac­hd fhulang air an astar na tha NaSa a’ ceadachadh dhaibh air son an dreuchd air fad an-dràsta. ■ COSGaIDh am BBC £5 millean a bharrachd an-athbhliadh­n’ a’ craoladh an reifreann air neo-eisimeilea­chd.

■ ■ ThaThaR a’ filmeadh prógram stéidhte air na leabhraich­ean cloinne Katie Morag ann an Leódhas an-dràsta. Feumaidh iad fireannach sna 40an aige a tha a’ fàs maol gus uncail Katie Morag a chluich. ■ ThÉID tionndadh ùr den dealbh-chluich ainmeil Bright ColoursOnl­y a chluich air 7 agus 8 Ògmhios anns an Tramway, Glaschu, ann an Gàidhlig na h-alba ’s na h-Èireann.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom