The Scotsman

Gaidhlig@scotsman.com

- Www.alexboyd.co.uk

alex a’ cleachdadh air leth trom. ach tha i toirt dhut dealbhan sònraichte agus mionaideac­h. Se fìor ealainiche th’ ann an alex – bidh e a’ deanamh sgeidsiche­an le peansail de na h-àiteachan dhe bheil e a’ togail dealbh, agus sin uaireannan a’ cur ri dreach nan dealbhan camara a bhios e a’ togail ’s a’ leasachadh. Thuirt e: “Se an t-adhbhar a tha mi ga dhèanamh mar seo gu bheil e toirt dhut sealladh àraid air an tìr, ’s gu bheil e a’ toirt orm gabhail air mo shocair. Tha am pròiseas air fad gu math slaodach, tha gach dealbh a’ toirt cairteal na h-uarach bho bhith a’ dòrtadh nan stuthan chun a bhith a’ togail dealbh agus ga leasachadh. agus seach gu bheil a leithid a dh’obair anns gach dealbh, bidh thu a’ meòrachadh ùine fhada air do chuspair. Tha seo cho eu-coltach ri dealbhan didseatach far an urra dhut ceudan a thogail ann an ùine glè ghoirid. Bidh mi fortanach ma nì mi ceud dealbh ann an sia mìosan, no bliadhna fiùs.”

a thuilleadh air cho mionaideac­h ’s a tha na dealbhan collodion (seach gu bheil iad air an togail le leacan mòra glainne), faodaidh alex tòrr a dhèanamh nuair a tha e gan leasachadh – rudan a dhèanamh le solas agus dorchadas, agus na ceimigean a chur an sàs gus na h-ìomhaighea­n atharracha­dh.

Tha seo uile gus faireachad­h agus “brìgh” gach àite a thoirt dhuinn. “Chan eil mi dìreach air son nochdadh ann an àite agus dealbh a thogail. Tha mi air son ùine a chur seachad an sin gus greimeacha­dh ris,” tha alex ag ràdh agus e a’ sealltainn dhomh dealbh de Dhùn Briste ann an Èirinn. “Bha an t-uisge ann, sneachd, grian, ’s bha mi air son sin a shealltain­n nuair a thòisich mi a’ leasachadh an deilbh. Tha seòrsa de dheàrrsadh dealanaich ann.

“Se àite fìor spioradail tha seo, far a bheilear ag ràdh gun do chuir an Naomh Pàdraig ruaig air na nathraiche­an. Rinn mi foleasacha­dh air an dealbh gus am biodh e dorcha ’s caran eagallach. Leasaich mi dà thuras e, agus chaith mi ceimigean air feuch am faighinn an loidhne gheal.”

Bidh alex cuideachd ga bhogadh fhèin ann an eachdraidh, ainmean-àite, sgeulachda­n agus dualchas nan àiteachan far a bheil e togail dhealbhan. Tha e dol a dh’ionnsachad­h beagan Gàidhlig fhad ’s tha e an seo. Tha ùidh aige ann an cànanan, oir sann ás a’ Ghearmailt a tha a mhàthair agus cha robh ach Gearmailti­s aige gus an robh e sia nuair a ghluais an teaghlach a dh’alba. “Tha ùidh agam ann an cultar nan Gaidheal ’s an dòigh sa bheil agus san robh iad a’ coimhead air an tìr ’s a’ toirt ainmean dhi.

“Tha gach ainm ag innse sgeulachd na tìre. Tha mi ’n dòchas gun innis na dealbhan agamsa beagan den sgeulachd sin.”

ThÉID bile a chur an gnìomh an ceann mìos gus pòsadh géidh a cheadachad­h ann an alba. ■ Tha mu leth-mhillean ann am Breatainn a-nis a’ cleachdadh nam “bancaichea­n bìdh” air son an t-acras a chumail thall.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom