The Scotsman

Se crois na Gàidhlig cion spéis nan Gaidheal fhéin

- Seonaidh caimbeul a’ bruidhinn ri . . .

. . . DÒMhNaLL MaCNÈILL, ceannard Chomunn na Gàidhlig (CnaG), a’ phrìomh bhuidheann leasachaid­h chànanach a tha ag obair aig ìre choimhears­nachd. S i Gàidhlig taobh siar Leódhais a th’ aige mar chiad chainnt, ged a chaidh a thogail ann an Inbhir Nis. an robh sin doirbh dha no dh’a phàrantan?

“Cha robh idir. Bha Gàidhlig aig m’ athair agus dh’ionnsaich mo mhàthair i gu math sgiobalta gus an robh i stéidhte mar chànan na dachaigh. Mar sin cha robh mise air a’ Bheurla ionnsachad­h mun deach mi dhan sgoil.”

Nach tù a bha beannaicht­e, ma-tà!

“Tha cuimhne mhath agam a’ dol chun na sgoil àraich Bheurla aig aois ceithir bliadhna agus mi smuaineach­adh: ‘Dé tha dol ann a sheo? Tha iad a’ bruidhinn cànan neònach nach eil agam.’ ach cha chreid mi gun do chuir e maille sam bith orm. Thog mi Beurla na sgoile agus chuidich mi mo phiuthar ’s mo bhràthair ga togail.”

an robh móran cothrom agad Gàidhlig a bhruidhinn taobh amuigh na dachaigh ge-tà?

“Bha sinn fortanach gun robh Murchadh MacLeòid, Murchadh hMI nach maireann, ’s Màrtainn Dòmhnallac­h am fear naidheachd a’ fuireach faisg oirnn, a rinn dachannan gu math Gaidhealac­h sa bhaile mhór. Bha clann acasan mun aon aois rinne ’s bha seòrsa choimhears­nachd bhig Ghàidhlig againn. Bhiodh Gaidhil gu leòr air feadh a’ bhaile cuideachd, céilidhean a chuir an Comunn Gaidhealac­h air dòigh, ’s bha iad uile eòlach air a-chéile.”

tormod e dòmhnallac­h

Bhiodh e math rudeigin mar sin fhaicinn sa h-uile àite. Dé na rudan bu thoigh leat fhéin fhaicinn a’ tachairt a bhiodh cuideachai­l don chànan agus i a’ fàs?

“Barrachd spéis aig muinntir na h-alba air fad dhan Ghàidhlig agus mas e amas ro àrd a tha siud, se co-dhiù nach biodh iad a’ dèanamh dìmeas oirre cho tric, on se caitheamh ùine ’s caitheamh misneachd a tha siud. Tha móran fhathast a’ smuaineach­adh gur ann air iomall ghnothaich­ean a bu chòir a’ Ghàidhlig a bhith, gur e cùis mhagaidh a tha anns na Gaidhil ’s an cànan. Se dìreach aineolas a tha sin ach ma tha thu ag obair ann an coimhearsn­achdan far a bheil sin ri cluinntinn cha mhór a h-uile latha, tha thu dìreach a’ fàs sgìth dheth. Feumaidh sinn a dhol a mach thuca tro na meadhanan uile le teachdaire­achd làidir ag innse dhaibh car son a tha a’ Ghàidhlig cudromach.”

 ??  ?? MacNèill: dìmeas don chànain ri chluinntin­n a h-uile latha
MacNèill: dìmeas don chànain ri chluinntin­n a h-uile latha

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom