The Scotsman

Sgoil nan cuileanan

-

Saturday 1 June 2013 NuaIR bha mi òg bha cù againn, collie, a bha anabarrach glic, gleusda. Nuair thigeadh crodh a’ bhaile thall thairis air na crìochan cha robh againn ach a ràdh, “Fan a-mach Fly, null iad!” Rachadh i sìos agus sgiùrsadh i air ais iad. an sin air do na caoraich againne a dhol suas cliathach na Beinne Mòire cha robh againn ach a ràdh, “Fan a-mach Fly, nuas iad,” agus bheireadh i nuas iad, gu socair, gu baile. Gu mì-fhortanach leum i seachad air feansa uèir stobach, gheàrr i a sliasaid gu dona ’s bhàsaich i le cion na fala. Cha robh i ach sia bliadhna.

an-dràsta tha sreath phrògraman mu thrèanadh coin air crìochnach­adh air BBC alba ach is ann mu pheataiche­an a bha a’ faotainn ionnsachad­h mu chleasan neònach, mar choiseachd tro thunailean agus gheataiche­an, a tha iad. B’ fheàrr leam sgoil far am biodh coin ag obair le crodh agus caoraich. ach gun teagamh bha ’m prògram feumail le bhith sealltainn mar a bu chòir coin a bhith air an trèanadh. Bha iad a’ faotainn ionnsachad­h a bhith umhail agus gabhail ri òrdain. Feumaidh an cù tighinn air ais gu sàil a’ mhaighisti­r agus suidhe air a chasan deiridh nuair a thèid iarraidh air. aon rud tha cinnteach, feumaidh an cù a bhith ag obair gu cunbhalach, ’s tha sin gu h-àraidh fìor mu choin chaorach.

Bha an sgoil air a cumail anns an Eilean Dubh. Bha coin ann, beag agus mòr, bho abhag an Eilein gu cù cumhachdac­h Labrador. Bu mhath a chluinntin­n gun robh ainmean Gàidhlig air feadhainn de na coin – Brìghde, Brèagha, Cailleach, Gille-Dubh.

Feumar coimhead as dèidh cù, oir mar a chanas an seanfhacal, ”Ge b’e nach beathaich na coin, cha bhi iad aige latha na seilge.”

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom