The Scotsman

Am buidhe as prìseile na ’n t-òr

- Steaphan.macrisnidh@outlook.com

THA e air aithris gur e treubhan a bhiodh air ghluasad, nomads, a rinn càise an toiseach. Bhiodh iad a’ cumail bainne ann an stamagan chaorach agus ghobhar. Tha seòrsa de dheasgainn ann an lìnigeadh nan stamagan, ’s eadar sin ’s an crathadh a bhiodh am bainne a’ faotainn, dh’fhàsadh e goirt, agus ás a-sin thigeadh seòrsa de iògart. Mu dheireadh, nuair thigeadh sgaradh eadar an gruth agus am meang, thigeadh càise.

Sann bho na Ròmanaich a thàinig an càise a gheibhear ann an Sasainn, ach se gruth a bhiodh iad a’ deanamh ann an Alba, agus tha sin a’ dol air ais gu àm nan Lochlannac­h. Cha robh guth air càise ann an Alba gus an deach a dheanamh an Dùn Lùib, Dunlop, anns an 18mh linn. Cha b’ fhada gus an robh an seòrsa seo cumanta air feadh na dùthcha, ach bha e caran cruaidh, ’s cha robh e idir cho blasta ris an Cheddar a bha ri fhaighinn ann an Sasainn.

An sin chuir Comann Àiteachais Inbhir Àir buidheann sìos gu Somerset gus rannsachad­h ciamar a dheanadh iad càise coltach ri Cheddar. Sann as a-sin a thàin- ig “Scottish Cheddar”. An-diugh Tha càise ’na ghnìomhach­as cudromach ann an Alba. Thatar ga reic air feadh an t-saoghail, gach aon air ainmeachad­h air an àite far an deach a dhèanamh. Gheibhear diofar sheòrsacha­n á Logarbaidh, ás an t-Sròin Reamhair, agus á eileanan Bhòid, ÌIe, Arainn, Ghiogha, Muile agus Arcaibh. Tha ploughman’slunch anns gach àite.

Bhiodh mo mhàthair a’ deanamh càise agus se bha blasta. Càise Sanndach? TORMOD E DÒMHNALLAC­H

le Eric R Cregeen (Grace Note, £14.99). Se leagan còmhdaich-bhuig tha seo – thàinig a’ chiad fhear (còmhdach-cruaidh) a-mach bho John Donald ann an 2004.

Bha Eric Cregeen (1921–83) ’na Mhanainnea­ch a thàinig a dh’obair a dh’Earra-Ghaidheal ann an 1954, a’ cur chlasaiche­an-oidhche air dòigh ás leth Oilthigh Ghlaschu air feadh na siorrachd. Ghabh e ann an Sgoil Eòlais na hAlba ann an 1966. Bha a bhàs aig aois 62 ’na chall uabhasach, oir bha e cho sgileil le pheann ’s a bha e le teip-recòrdair agus dh’fhoillsich e tòrr, eadar leabhraich­ean agus airtigeala­n.

Tha Recollecti­ons… ’na chruinneac­hadh sgoinneil de chuid de na sgrìobhaid­hean as giorra aige, foillsicht’ an toiseach an diofar àiteachan eadar 1957 agus 1998. Tha dà airtigeal ann mu na clasaichea­n-oidhch’ ud, ’s a dhà mu dhiofar sheòrsacha­n de dh’obair thradisean­ta – dròbhairea­chd cruidh agus bualadh arbhair le sùist.

Os cionn gach nì eile ge-tà bha Cregeen ’na fhear-eachdraidh sòisealta: se sin, b’i a’ phrìomh ùidh aige beatha nan daoine cumanta san àm a chaidh. Tha dà rathad ann gu faighinn a-mach mu dheidhinn seo – sgrùdadh sheann phàipearan agus faighneach­d dha na daoine fhéin. Tha dà airtigeal san leabhar far a bheil e a’ cleachdadh a’ chiad dhòigh: ‘The Tacksmen and their Successors’, stéidhte air pàipearan oighreachd ann an Caisteal Inbhir Aora, agus ‘Tradition and Change in the West Highlands’.

Ach sann ann an cuimhneach­ain nan daoine, agus anns a’ bhuntanas fhrionasac­h eadar beul-aithris agus eachdraidh, a bu mhotha a bha an tarraing do Chregeen. Tha trì airtigeala­n ann far a bheil e a’ cnuasachad­h an dàimh sin, a’ tarraing eisimpleir­ean á Tiriodh ’s á àiteachan eile, agus trì a tha déiligeadh ri tùsan sònraichte : Dòmhnall Chaluim Bàin á Tiriodh; Dòmhnall Moireasdan á Àird Tuna anns an Ros Mhuileach; bàird agus bàrdachd Thiriodh.

B’e talamh riaslach a bha Cregeen a’ treabhadh. Bha e a’ feuchainn ri thoirt a chreidsinn air luchd-eachdraidh gun robh luach anns a’ chuimhne thradisean­ta – gun robh pàirt chudromach de dh’eachdraidh ri fhaotainn taobh a-muigh pàipearan an ama. Gus an t-atharracha­dh seo a thoirt gu buil, rinn e trì rudan. An toiseach, nochd e gun robh esan cho comasach ri gin acasan ann a bhith a’ làimhseach­adh seann phàipearan ’s a’ tuigsinn an luach. An uair sin, dhearbh e gun robh fiosrachad­h cudromach ann an cuimhne nan daoine nach robh anns na pàipearan idir, leithid: “The fact of tenants or crofters participat­ing in a form of agrarian democracy . . . which emerges from oral testimony is a valuable corrective to the impression given by estate papers and most written sources that the whole of society in the Highlands was controlled by laird, factor and minister.”

Leis gun do nochd e gum faodadh pàipearan a bhith aontaobhac­h, dh’aidich e gum faodadh cuimhne nan daoine a bhith aon-taobhach cuideachd, agus sheall e gum feumar an dà sheòr- sa a chur còmhla mus bi eachdraidh shlàn air a sgrìobhadh. “There is little point in asking which is more ‘true’, for not only does each have its own validity and use, but in written sources and unwritten alike one can make out strands that can be described as objective and others which are interwoven with the values, beliefs and myths of a community or class.”

Mu dheireadh, leig e fhaicinn gu bheil seòrsa de chód ri bhristeadh mus dèanar ciall dhen chuimhne thradisean­ta. Gu mìfhortana­ch chan eil an cód air fad air a thoirt seachad ann an Recollecti­ons . . . , ach tha pàirtean dheth air an ainmeachad­h ’s air an dearbhadh an siud ’s an seo: mar eisimpleir, bidh an guth tradiseant­a a’ cur pròiseas fada an céill mar aon tachartas luath, ag innse mu na dh’éireas do dh’aon duine (a tha gu tric càirdeach dhan neach-innse) seach do mhóran, agus uaireannan, nuair as miosa an t-uabhas, “the folk memory is faulty, or chooses to forget” – leithid mu àm na gorta an Tiriodh, nuair bha aig treas cuid de na daoine ris an t-eilean fhàgail. Bu ghann a dh’fhàg siud comharradh sam bith anns a’ chuimhne, fiùs aig na seanchaidh­ean as fheàrr.

Leabhar luachmhor. Agus anabarrach inntinneac­h.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom