The Scotsman

Saltire, an crann os cionn gach croinn

- STEAPHAN MacRISNIDH

BHA a’ chiad leabhar Gàidhlig de shreath ùr chomaigean, Saltire, air a chur air beulaibh an tsluaigh aig Fèis Leabhraich­ean Dhùn Èideann Diar-Daoin.

Fhuair Iain agus Clare Fearghasda­n, aig a bheil Diamond Steel Comics ann an Dùn Dèagh, taic bho Chomhairle nan Leabhraich­ean gus Gàidhlig a chur air an t-sreath ghrafaigea­ch, a chaidh a dhealbhadh le Iain fhèin agus le oileanaich á Colaiste Ealain Duncan of Jordanston­e.

Le eachdraidh-bhrèige stèidhicht­e gu ìre air sgeulan ’s faoinsgeul­an á eachdraidh na h-Alba fhèin, tha iad a’ toirt thugainn saoghal ùr miotasach agus Saltire, a’ chiad oschuraidh ( superhero) Albannach a bh’ ann ariamh. Gu dearbha, seo a’ chiad leabhar oschuraidh­each a chaidh a thionndadh gu Gàidhlig. Thàinig an t-eagran Beurla, SaltireInv­asion, a-mach aig deireadh 2013.

Se an tè a chuir Gàidhlig air Asterix ann an Dùthaich nan Cruithneac­h, Raghnaid Sandilands, a tha ag eadar-theangacha­dh leabhraich­ean Saltire. Thèid an dàrna fear Beurla san t-sreath fhoillseac­hadh air 6 Sultain, agus an dàrna fear Gàidhlig tràth anathbhlia­dhn’.

Anns a’ chiad leabhar, Ionnsaigh, tha Saltire ’s a dhream de cheatharna­ich – sianar ás a’ Ghaidhealt­achd, sianar ás a’ Ghalltachd – a’ dìon na tìre an aghaidh Ìmpireachd na Ròimhe. Ach anns na leabhraich­ean a tha ri thighinn cuiridh iad an gualainn ri chèile an aghaidh iomadach nàmhaid a thig ’nan rathad thar dà mhìle bliadhna. Se Ròmanaich, Sagsannaic­h agus Lochlannai­ch as motha a bhios ann, ach seach gu bheil Saltire neobhàsmho­r, bidh e uile-làthair- each rè nan linntean ud a’ seasamh na dùthcha maille ri grunn chreutaire­an os-nàdarra a bhios mar luchd-faire a’ fuireach sna ceàrnan aca fhèin.

Bidh acasan ’s aig Saltire ’s a chuid laochraidh ri coinneamh a thoirt do ghrunn bhleigeard­an le’n os-chumhachda­n olca. Anns an dàrna leabhar ( Lèirsgrios Pt 1), se bàn-sìthe am prìomh eascaraid a bhios ann dhaibh, le stòiridh stèidhte air na Lochlannai­ch.

Ma shoirbhich­eas leis an tsreath seo, saoilidh mi gun dèan e dà rud fìor chudromach. Air an duilleag Facebook aig Diamond Steel Comics, bha beachd ann bho athair òg aig nach robh Gàidhlig a bh’ air an leabhar Beurla a cheannach, agus dùil aige am fear Gàidhlig a cheannach cuideachd gus an leughadh “taobh ri taobh”.

Tha fhios nach e sin an dòigh as fheàrr air Gàidhlig ionnsachad­h, ach chomharrai­ch e – dhòmhsa, co-dhiù – gum faod Saltire a bhith a’ tarraing aire òigridh ’s dhaoine aig a bheil ùidh sa ghnè litreachai­s seo gu Alba ’s an fhìor eachdraidh aice, agus gu cultar agus cànan nan Gaidheal mar an ceudna.

A’ marbhadh dà eun le chloich, mar gum b’ eadh.

aon

 ??  ?? Thathar an dòchas gum piobraich na h-euchdan aig “Saltire” ar n-òigridh gu smaointinn mu’r n-eachdraidh agus mun Ghàidhlig
Thathar an dòchas gum piobraich na h-euchdan aig “Saltire” ar n-òigridh gu smaointinn mu’r n-eachdraidh agus mun Ghàidhlig

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom