The Scotsman

Bliadhna Sheumais, Bliadhna Theàrlaich agus Bliadhna Ailig

-

An uair a bhios sinn a’ siubhal coitheacsa eachdraidh­eil an Reifrinn air neo-eisimeilea­chd, se Mrs Thatcher as trice a thig gu inntinn. Anns an aiste seo tha RAGHNALL MacilleDHU­IBH a’ dol rud beag nas fhaide air ais . . . THA mi a’ sgrìobhadh leabhar an-dràsta mu na Gaidhil a chuir an aghaidh a’ Phrionnsa Teàrlach anns an 18mh linn, na Caimbeulai­ch gu sònraichte – “Nòbhotaire­an” an ama sin. Tha mi fhìn ’na mo Dheasbhota­ir ’s tha mi feuchainn fhathast ri Nòbhotaire­an a thuigsinn. Mar sin tha mi a’ rannsachad­h nam freumhan aca. Aon rud a dh’ionnsaich mi, se nach do dh’atharraich móran ann an 300 bliadhna. Chaidh a’ chuibhle mun cuairt, tha gach nì mar a bhà.

Is tric a chuala sinn ri linn iomairt an Reifrinn gun robh sinn ag iarraidh tilleadh chun na neo-eisimeilea­chd a chaill sinn ann an 1707. Ach tha e gòrach a ràdh gun robh Alba neo-eisimeilea­ch a-nuas gu 1707. Mar eisimpleir, cha robh Arm Albannach ann as déidh 1688, cha robh ann ach Arm Breatannac­h.

Co-dhiù, a-riamh bho 1603 bha sinn fon spòig aig rìghrean cumhachdac­h ann an Lunnainn. Cha ghairmeadh iadsan pàrlamaid ach ma bha iad ag iarraidh rudeigin, mar bu thrice airgead. Sann tro “Chomhairle Dhìomhair” neo Privy Council a bha iad a’ riaghladh Alba.

Mar sin, bha seòrsa de sgaoileadh-cumhachd neo devolution againn, le rìgh san àite th’ aig Pàrlamaid Westminste­r an-diugh – ach a-mhàin ri linn an deachdaire Oilibhear Crombal, nach do dh’aithnich gun robh diofar eadar Alba agus Sasainn idir. Fhuair sinn air ais a’ bhìdeag de chumhachd a chaill sinn ann an 1707 mar-thà, ann an 1999. Le Reifreann 2014, bha sinn a’ sireadh a’ chumhachd a chaill sinn ann an 1603 – a’ bhliadhna a chaidh ceann agus guailnean ar stàite, an Rìgh Seumas VI, a Lunnainn.

Bha ar-a-mach 1715 (“Bliadhna Sheumais”) agus ar-a-mach 1745 (“Bliadhna Theàrlaich”) ’nan oidhirp air cur ás dhan Aonadh. Air a’ bhrataich ghuirm a chaidh a thogail am Bràighe Mhàrr air 6 Sultain 1715 bha cluaran rìoghail na h-Alba. Os a chionn bha NEMO ME IMPUNE LACESSIT agus fodha bha NO UNION. Gu mì-fhortanach bha ùghdarras Stàit na h-Alba air a riochdacha­dh ann an Seumas Stiùbhart, “Rìgh Seumas VIII”, a bha aig an aon àm a’ cumail a-mach gur e Rìgh Shasainn a bh’ ann, ’s gu dearbha bha e ’na adhbhar pròis aig iomadh Albannach gun robh e ’na rìgh air Sasainn cuideachd.

Thachair an aon rud san dà ara-mach: mheàrrs arm Albannach a-staigh do Shasainn a dh’fhaicinn an éireadh na Sasannaich air taobh Rìgh Sheumais. Ann am “Bliadhna Sheumais” b’e Gaidheal a bh’ air an ceann – Uilleam Mac an Tòisich, tighearna Bhòrlainn. Ann am “Bliadhna Theàrlaich” b’e Teàrlach mac Rìgh Sheumais a bh’ ann.

Ann an 1715 chaidh an t-arm a sgaoileadh le feachd Sasannach aig Preston ann a Lancashire. Ann an 1745 ràinig iad Derby agus thill iad. Ann an 2014 cuideachd, fhuair na h-Albannaich amach nach robh na Sasannaich ag iarraidh na bha iadsan ag iarraidh. Shìos an siud tha tòrr taice aig UKIP ’s na Tóraidhean; shuas an seo tha tòrr taice aig Làbar ’s an SNP. Agus anns na trì bliadhnach­an uile, ’15, ’45 agus ’14, chaidh a dhearbhadh gun robh na Sasannaich a’ faicinn an Aonaidh ’na rud math a b’ fhiach a dhìon gu làidir.

Aon nì a bha diofraicht­e eadar na trì bliadhnach­an b’i ceannardac­hd nan “Deasbhòtai­rean”. Ann an 1715 chan fhaodadh i bhith na bu mhiosa. Air ceann an ar-a-mach ann an Alba bha Iarla Mhàrr. Mar fhear-poileataig­s bha e ’na shliomaire (“Bobbing John” a chanadh iad ris) agus mar sheanalair bha e ’na chulaidh-thruais. Nuair a nochd Rìgh Seumas bho thall thairis, ro fhadalach, thuig gach duine gun robh an t-adhbhar caillt’ an darìribh, oir bha esan ’na iasg fliuch. Duine cùramach, onarach, sòbarra, ach gun teine ’na chom.

Ri linn Bliadhna Theàrlaich bha a’ cheannarda­chd tòrr na b’ fheàrr. Bha am Morair Seòras Moireach ’na shàr sheanalair ’s bha Teàrlach ’na phrionnsa gu chùl – calma, uasal, bòidheach, tròcaireac­h, blàth-chridheach. Mar sin shaoileadh duine sam bith gun robh a h-uile gibht ann a dh’fheumadh a’ Chùis. Ach bha Teàrlach ’na dhroch bhreitheam­h air caractar. Ghabh e comhairle nan daoine ceàrr, thug iadsan a chreidsinn air gun robh e ’na dheagh sheanalair, chaill e Cùil Lodair, theich e, chaidh e ’na dhrongair ’s cha do thill e riamh. Bha Cumberland ’na sheanalair a b’ fheàrr, tha mi duilich a ràdh.

’S có bh’ againn ann an 2014? Dithist eile, Ailig agus Nicola. Arithist, eatarra bha na gibhtean air fad a bha a dhìth, ach bha an còrr ann – rinn iad ullachadh math ro làimh, ghabh iad deagh chomhairle, agus dh’obraich iad gu math le chéile. Bha Ailig ’na shàr cheannard.

Mar sin, dh’atharraich dà nì tron eachdraidh: ghéill an claidheamh ’s am peilear ris a’ bhogsa baileat, dh’fhàs a’ cheannarda­chd na b’ fheàrr. Ach cha do dh’atharraich dad eile. Tha 45 ás a’ cheud de mhuinntir na h-Alba ag iarraidh neo-eisimeilea­chd? Chanainn gun robh e faisg air a-sin ann an 1715 agus 1745 cuideachd. Beagan na b’ àirde ’s dòcha ann an 1715, beagan na b’ ìsle ann an 1745. A-rithist, anns na trì bliadhnach­an b’iad an sluagh cumanta bu mhotha, agus na hurracha-móra bu lugha, a chuir an taice ri neo-eisimeilea­chd.

A-rithist cuideachd, ged a chluinneas sinn mu “Mhì-Rùn Mór nan Gall” cha b’e siud a bh’ againn riamh ach “Mì-Thuigse Muinntir Shasainn”. Tha mi amach gu sònraichte air an luchdriagh­laidh agus na meadhanan, nach eil gar tuigsinn idir. Tha iad a’ creidsinn gu bheil muinntir na h-Alba air an sgoltadh gu dubh an aghaidh a-chéile. Chan eil idir, oir, ann an 2014 mar ann an 1715 agus 1745, air feadh Alba tha diofar bheachdan mu neo-eisimeilea­chd ri am faotainn san aon teaghlach. Tha meas agus gaol againn air a-chéile agus tha facal ùr againn a-nist “Sgioba na h-Alba.”

Air an làimh eile, tha an aon bheachd aig luchd-riaghlaidh Shasainn ’s a bh’ aca ann an ’15 agus ’45: tha sinn ’nar reubaltaic­h ’s ’nar ceannairci­ch chun na h-ìre nach eil còireannan againn. Aig Cùil Lodair ann an 1746 cha robh ar gaisgich airidh air tròcaire; air telebhisea­n á Lunnainn ann an 2014 cha robh ar beachdan airidh air cothromach­d. Tha fios a’m a-nis mar a tha na Curdaich a’ faireachda­inn anns an Tuirc.

Cuideachd, ann an 1745 agus 2014 gu sònraichte, leig urrachamór­a Shasainn orra nach robh iad a’ déileadh ri sluagh ach ri aon cheannard craicte. Ann an 1745 chuir iad duais £30,000 (luach dà mhillean not an-diugh) air ceann a’ Phrionnsa Teàrlach, marbh no beò. Cha do bhrath duin’ e. Ann an 2014 bhiodh leithid an Daily Mail a’ toirt ionnsaighe­an a bha nimheil – agus pearsanta – air Ailig Salmond ’s air “a’ bhruadar a bh’ aige” ar dùthaich a sgaradh ás a-chéile. Ann an sùilean an DailyMail cha robh an còrr againn ann.

A-rithist ’s a-rithist anns na seann phàipearan a tha mi a’ sgrùdadh, tha mi a’ tighinn tarsainn air rud a tha dùsgadh mactalla bho Reifreann 2014. Mar eisimpleir, ann an iomradh dìomhair a sgrìobh e ann an 1744 tha Gilleasbai­g Caimbeul, Siorram

air

a

shon. Earra-Ghaidheal, a’ cumail fios ri mhaighstir­ean mu na diofar chinn-chinnidh Ghaidheala­ch. Sìofort agus Cromba: “These lords are sway’d intirely by their interest.” Buannachd phearsanta, mar bho riamh. Mac Shimidh: “A good bait would make him desert his Jacobite ffriends.” Tuilleadh chumhachda­n gan gealltainn? Tighearna Shléite: “Sir Alexander himself has pick’d up a collection of stories relating to injustice, oppression &ca.” An seòrsa rud a sgrìobhadh Brian Wilson mu na Nats anns a’ Phàipear Bheag!

Agus “Pròiseact Eagail”? Arithist ’s a-rithist leughaidh sinn an òrdain Chumberlan­d na facail “under pain of military execution.” Bha a bhuil aige. Ann an 1747 sgrìobh fear-bratha, Pàdraig Caimbeul, gun robh muinntir na Gaidhealta­chd gun taighean, gun mhin, gun airgead agus “frighted for the redcoats”. Deich latha ron Reifreann chuala mi bho charaid an saoghal na h-ealain ann an Lunnainn nach robh an taisbeanad­h “The First Georgians” a’ dol a ghluasad bho Ghailearai­dh na Banrigh (Lùchairt Buckingham) gu Gailearaid­h na Banrigh (Lùchairt Holyrood) a dh’aindeoin na chaidh a ràdh roimhe. An t-adhbhar? “It was not deemed politic, at the present time,” arsa mo charaid, “to remind the Scots of the Duke of Cumberland.”

 ??  ?? A’ tighinn nas fheàrr: Rìgh Seumas VIII, iasg fliuch gun teine ’na chom; a mhac Teàrlach, prionnsa gu chùl a bha ’na dhroch bhreitheam­h air caractar; agus Ailig Salmond, a bha ’na shàr cheannard
A’ tighinn nas fheàrr: Rìgh Seumas VIII, iasg fliuch gun teine ’na chom; a mhac Teàrlach, prionnsa gu chùl a bha ’na dhroch bhreitheam­h air caractar; agus Ailig Salmond, a bha ’na shàr cheannard
 ??  ??
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom