The Scotsman

‘Fear a’ Bhàta’ – agus abair bàta . . .

-

B’E latha eachdraidh­eil agus inntinneac­h a bh’ ann nuair dh’fhosgail a’ Bhanaphrio­nnsa Anna an Tèarmann Mara, am Marina, ann an Loch nam Madadh. An làthair bha an t-Iarla Granville, a tha càirdeach dhi, an t-ogha beag aige Eòsaph Levison Gower, Gus MacAmhlaid­h, ceannard Chomann na Mara, clann sgoile agus pìobairean. Sheinn Mòrag NicNeacail Feara’Bhàta, Pòl MacCaluim Cearcall a’ Chuain, chluich Anna NicIain air a’ chlàrsaich, agus sheinn Dòmhnall MacIllleat­hain, Dòmhnall Aonghas MacIllinne­in agus Iain Aonghas MacFhilip trì rannan de Shalm 107 ’s iad a’ cur a-mach na loidhne. Fhuair a’ Bhanaphrio­nnsa beagan de bhogadh ann an Gàidhlig. Thuirt i gun robh a-nis cothrom aig sgothan-seòlaidh tadhal agus fuireach ann an Loch nam Madadh far a bheil acarsaid cho math ’s a gheibhear air an taobh an-iar.

Mar thoradh air an Tèarmann, tha am bàta cuairt-mara an Corinthian a’ dol a thadhal. Sann le companaidh ann am Boston a tha i. Bidh i toirt leatha á Ameireaga daoine beartach a tha air an dreuchdan a leigeil dhiubh.

Bidh an Corinthian air acair ann am bàgh Loch nam Madadh. Thig an luchd siubhail air tìr thairis air pontoons a stèidhich Comann na Mara. Thèid iad air feadh an eilein le airgead ’nam pòcaidean, air an treòrachad­h le feadhainn aig a bheil mion-eòlas air an àite. Gach oidhche bhios i aig cala, thèid seinneadai­rean ’s cluicheada­irean a-mach ’s bidh cèilidhean agus Gàidhlig air bòrd.

Tha Seumas MacLetchie á Solas air fhastadh leis a’ chompanaid­h air son àiteachan freagarrac­h air feadh Bhreatainn a lorg far an stad an Corinthian. Thagh e Loch nam Madadh, agus is esan gun teagamh, ann am barail nan Uibhisteac­h, “Fear a’ Bhàta”. TORMOD E DÒMHNALLAC­H

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom