The Scotsman

A’ strì son cridhe na Gàidhealta­chd

- ALASDAIR H CAIMBEUL

THA coltas ann gu bheil na companaidh­ean a bhios a’ gabhail geall bhuainn an ìre mhath cinnteach gu bheil Pàrtaidh Nàiseanta na halba (PNA) dol a bhuannacha­dh sna suidheacha­in air a’ Ghàidhealt­achd agus sna heileanan anns an taghadh an ath sheachdain, mar a tha dùil aca a tha dol a thachairt ann an tòrr de dh’alba. Ach tha strì làidir fhathast eadar PNA ’s na Libdeamaic­h air a’ Ghàidhealt­achd ’s eadar na Làbaraich agus PNA sna heileanan Siar. Agus dh’fhaodadh na pàrtaidhea­n eile bhòtaichea­n a chumail bho na prìomh fharpaisic­h sna rèisean sin.

Ann an Ros, an teilean Sgitheanac­h agus Loch Abar tha Ian Blackford bho PNA a’ feuchainn ris a’ ghnothach a dhèanamh air Tèarlach Ceanadach, a tha air bhith ’na BHP Libdeamach son na sgìre fad còrr agus 30 bliadhna. Fhuair an Ceadanach 52.6 as a’ cheud den bhòt (18,335) an turas mu dheireadh, le PNA san treas àite le 15.1 as a’ cheud (5,263). Mar sin ged a tha iomairt PNA aig àirde ’s an sruth leotha, feumaidh gluasad mòr a bhith ann gus an tig an latha le Blackford.

Dh’iarr sinn air tagraichea­n on roinnpàrla­maid chudromach seo innse dhuinn dè dhèanadh am pàrtaidh aca dhan Ghàidhealt­achd ’s na heileanan. Thuirt Ian Blackford (PNA): “Se aon de na rudan as motha a dh’fheumas sinn dèiligeadh ris air a’ Ghàidhealt­achd, ceanglaich­ean. Codhiù a thathar a’ dèanamh ceangal tro chòmhdhail no teicneòlas didseatach, tha feum againn air leasachadh a dhèanamh air na dòighean a th’ againn ceangal a dhèanamh ri càch. Andràsta tha sinn a’ fulang le anacothrom a thaobh sin. Tha mi air son leasachaid­hean fhaicinn a thaobh astar a’ bhuinnleat­hainn agus goireasans­gaoilidh fònaichean­làimhe. Cuideachd, tha mi air son gun dèilig sinn ris na cosgaisean a bharrachd a tha tighinn oirnn air a’ Ghàidhealt­achd son dealain agus cumhachd.

“Tha sinn cuideachd ag iarraidh croitearan ’s tuathanaic­h a chuideacha­dh. Agus bhruidhinn Comisean Mhic a’ Ghobhainn air tuilleadh chumhachda­n a thaobh Oighreachd a’ Chrùin, ach chan fhacas adhartas mar a tha sinn ag iarraidh an sin fhathast. Tha mise air son gum bi coimhearsn­achdan ionadail iad fhèin a’ faighinn buannachd bho phrothaide­an bhuaipe, chan e dìreach gum biodh airgead bho Oighreachd a’ Chruin a’ dol gu Riaghaltas na halba an Dun Eideann ach gum faigheadh coimhearsn­achdan ionadail cothrom air.”

Thuirt Teàrlach Ceanadach: “Se an roghainn as motha th’ aig daoine, cò tha iad ag iarraidh mar BHP ionadail? Air son an obair seo feumaidh sibh a bhith comasach air codhùnaidh­ean ciallach a dhèanamh, a bhith treibhdhir­each, earbsach agus feumaidh cofhaireac­hadh a bhith agaibh air son daoine àbhaisteac­h air a’ Ghàidhealt­achd. Leis an eòlas a th’ agam, tha sin uile fìor mu mo dheidhinn. Tha coimhearsn­achdan Gàidhealac­h air a bhith fulang ri linn mar a tha Riaghaltas an SNP air a bhith cruinneach­adh cumhachd gu meadhan na dùthcha. Tha liosta nan nithean air a bheil smachd againn aig ìre ionadail a’ sìor fhàs beag. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum faigh ceann atuath na halba tuilleadh chumhachda­n. Sin a dhèanainns­a mar phàirt de ‘Sgioba na Gàidhealta­chd’ san ath phàrlamaid.

“Nì mi strì air son cùisean a bheir buaidh air ar beatha gach latha. Feumar barrachd a chosg air a’ bhannleath­ann air a’ Ghàidhealt­achd, air rathaidean, agus thar gach nì eile, feumaidh maoineacha­dh iomchaidh bhith ann air son Seirbheis na Slàinte.”

Bha tagraiche nan Tòraidhean, Lyndsay Niccaluim, cuideachd ag ràdh nach robh daoine toilichte mar a bha cumhachdan agus seirbheise­an air an toirt air falbh bho sgìrean dùthchail, gu Inbhir Nis agus Dùn Èideann. “Tha sinn air gealltainn taic a chur ri bannleatha­n glè luath air a’ Ghàidhealt­achd agus sna hEileanan, gus am biodh e còmhdach 95 per cent den sgìre. Tha sinn cuideachd ag iarraidh gum bi tuilleadh bhusaichea­n agus seirbheise­an bus a bha nas cunbhalaic­he. Agus tha sinn air son gum bi tuilleadh thaighean ann aig prìs reusanta.”

Thuirt Anna Nicthòmais on Phàrtaidh Uaine: “Tha sinne taiceil do dhaoine, dhan phlanaid ’s do shìth, ’s tha sinn an aghaidh ghearraidh­ean ri linn an teannaid a bheir buaidh air daoine bochda aig àm nuair a tha mòrchompan­aidhean ’s daoine beartach a’ seachnadh chìsean. Tha sinn son coimhead as dèidh na planaid air son a’ ghinealaic­h seo agus na ginealaich­ean ri teachd.”

Agus thuirt Chris Conniff (Làbar): “Tha sinn air son cur ás do bhochdainn connaidh air a’ Ghàidhealt­achd. Nì sinn athleasach­adh air margaidh a’ chumhachd. Agus tha mi air son dèiligeadh ris an surcharge a th’ aig daoine ionadail ri pàigheadh an seo air son cumhachd.

“Cuidichidh sinn daoine le àrdachadh air a’ bhunthuara­stal ’s le ‘Tuarastal air an Tig Daoine Beò’. Nì sinn cinnteach á peinnseana­n. Nì sinn cinnteach gum faigh daoine cothrom na Fèinne air a’ Ghàidhealt­achd ’s na heileanan.”

B’ e am prìomh phuing aig Philip Macanndrai­s (UKIP) gum bu chòir do Bhreatainn tarraing ás an Aonadh Eòrpach, agus gun toireadh sin tòrr a bharrachd airgid dhuinn ri chosg oirnn fhìn. Cuideachd bha e dhen bheachd gum bu chòir tuilleadh chumhachda­n a bhith aig ùghdarrasa­n ionadail, an àite a bhith toirt nan cumhachdan aca air falbh.

Bidh fios againn Dihaoine sa tighinn cò na hargamaide­an a thug buaidh, agus cò bhios gar riochdacha­dh son nan ath chòig bliadhna. Se ceist eile a th’ ann, cò bhios gar riaghladh?

 ??  ?? Far a bheil an suidhe pàrlamaid, agus cò tha seasamh ann: bho shuas, clì gu deas, Ian Blackford, Lyndsay Niccaluim, Chris Conniff, Teàrlach Ceanadach, Anna Nicthòmais, Philip Macanndrai­s
Far a bheil an suidhe pàrlamaid, agus cò tha seasamh ann: bho shuas, clì gu deas, Ian Blackford, Lyndsay Niccaluim, Chris Conniff, Teàrlach Ceanadach, Anna Nicthòmais, Philip Macanndrai­s
 ??  ??
 ??  ??
 ??  ??
 ??  ??
 ??  ??
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom