The Scotsman

A’ dùnadh doras air dòchas

-

’S IAD a tha trang andràsta, na tagraichea­n agus an luchd taic a’ feuchainn ri tighinn thairis mar gu bheil iad dìreach coltach ri daoine eile. Chunnaic mi Danaidh Alexander a’ dol mun cuairt dorsan spaideil Inbhir Nis na bu tràithe san tseachdain, coltas car gruamach air ged a bha a chompanaic­h a’ coimhead stòlda gu leór gus an do nochd fear òg amach á taigh a chuir ruaig orra uile le fearg agus mionnain.

Ghlac mi dalladh de Theàrlach Ceanadaich an Loch Abar san dol seachad, sùilean suaithte ann an aodann dearg. Thuirt té den luchd leantainn aige, ’s i car searbh mu dheidhinn, gu bheil Teàrlach air an Eilean Sgitheanai­ch a thréigsinn gus taic a thairgsinn do Jo Swinson an Dùn Bhreatainn anear far a bheil codhiù cothrom gun gléidh na Lib Dems rud air choreigin.

Do chuid tha an tàm ann do na pàrtaidhea­n móra nàiseantac­h Breatannac­h/ Sasannach, se sin ri ràdh na Tóraidhean, na Làbaraich agus na Libdeamaic­h, ri thighinn còmhla gus an doras a dhùnadh air na halbannaic­h.

A réir na thuirt e air Question Time Diardaoin, b’ fheàrr le Ed Miliband gun a dhol ’na phrìomhair­e idir ma tha sin a’ ciallachad­h déiligeadh ris an SNP. Ach an e sin a thuirt e darìreabh? Chuir briathran cheannard nan Làbarach na meadhanan sòisealta air goil le leithid “An turramach” Stiùbhart Caimbeul bho làrach lìn Wings Over Scotland a’ sealltainn nach d’ thuirt Ed nì sam bith ùr. Tha Wings air fianais a chruinneac­hadh gu bheil na Làbaraich air a’ chùis a thoirt suas an Alba gu ìre ’s gu bheil cuid dhiubh ag iarraidh air an luchd taic bhótadh Lib Dem neo fiù’s Tóraidh gus an SNP a chumail sìos.

Thuirt luchd obrach an SNP rium ceart gu leór nach bi e furasta faighinn cuidhteas na Lib Dems air Ghàidhealt­achd. Poileasaid­hean ann no ás, se pearsantac­hd a tha cunntadh. Tha Teàrlach agus Danaidh codhiù aithnichte am measg an tsluaigh. A’ bruidhinn ri buidheann bheag de bhoireanna­ich cruinnicht­e mun cuairt postair mór mór de Nicola Sturgeon air trèilear ann am Port Ruighe, fhuair mi blasad de phoileatai­gs ùr dòchasach. Car son mathà a tha an SNP air uiread de thagraiche­an fireann a chur an àird a tha coimhead coltach ri luchd reic seann chàraichea­n? SEONAIDH CAIMBEUL

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom