The Scotsman

An cumhachd a tha uile thimcheall oirnn

-

CUMHACHD am pailteas, ach air a chasg bhon mhòrshluag­h. Sin mar tha tachairt sna heileanan. Chan eil duine a chunnaic na tonnan a’ beucadh ’nan turtar ’s a’ ghaoth a’ sèideadh ’na gailleann nach creid gu bheil cumhachd an seo ann am pailteas. Cha ghabh e thoirt gu tirmòr o nach eil càball tarsainn a’ chuain, ach se an tàmailt nach tèid aig eileanaich air a chur gu feum. Thig orra pàigheadh gu daor son connadh a thoirt air astar ged tha gu leòr timcheall orra. Seo mar their iad carrying coals to Newcastle. Ach anis tha Absolute, companaidh aig a bheil speisealai­chean ann an cumhachd athnuadhac­hail, a’ fosgladh oifis ann am Beinn a’ Bhaoghla. Tha iad am beachd sealltainn do chroiteara­n ’s do luchd gnìomhacha­is an tadhartas a tha iad air a dheanamh son cumhachd athnuadhac­hail a chleachdad­h. Bidh an oifis, ann am Baile Mhanaich, fo stiùireadh Cailean Macdhòmhna­ill agus Dàibhidh Macaoidh, a tha air a bhith ag obair aig companaidh a tha air a bhith leis an aon obair ann am Monadh Rois. Seallaidh iad mar tha e comasach cumhachd na mara, na grèine ’s na gaoithe a chur gu feum le goileadair­ean, rothuidhea­man agus pannalan grèine. Chan eil sinn a’ faicinn ach pannalan mòra, ach nì feadhainn bheaga mòran feum.

Chaidh Absolute a steidheach­adh ann an 2007. Tha iad air còrr agus 10,000 inneal a chur an sàs, agus tha iad an dùil oifisean fhosgladh air feadh na dùthcha. TORMOD E DÒMHNALLAC­H

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom