The Scotsman

Tha feum aig bile an fhearainn air fiaclan

-

Tha bile athleasach­adh fearainn a’ dol tro Phàrlamaid na halba andràsta. Am beachd ALASDAIR H CAIMBEUL, tha fuaim math agus coltas gealltanac­h air “Comisean Fearainn na halba” a tha am bile a’ moladh. Ach dè dìreach na cumhachdan a bhios aige? Mus tèid e ’na lagh, a rèir a’ Chaimbeula­ich, bu chòir na tha anns a’ bhile a dheanamh an dà chuid nas soilleire ’s nas làidire

THATHAR den bheachd gur ann fo shealbh dìreach 432 duine a tha leth den talamh phrìobhaid­each ann an Alba. Tha e mar àireamh bho na Meadhan Aoisean nuair a bha siostam fiùdalach aig àirde. Agus ged a tha anis mu 500,000 acair de dh’fhearann fo shealbh agus stiùir choimhears­nachdan an Alba, chan eil sin ach ’na sgrìob bheag an coimeas ris na rèidhleana­n agus monaidhean farsaing th’ aig daoine fa leth agus buidhnean prìobhaide­ach.

Tha fianais ann, gu hàraidh bho am measg nan coimhearsn­achdan fhèin, gu bheil iomairt an fhearainn a thòisich le craitearan ann an Asainte ann an 1993 air diofar mòr a dhèanamh sna ceàrnaidhe­an a tha nis fo smachd nan coimhearsn­achdan. Ach ’s dòcha gun robh an spion

nadh ’s an lùths a bha cho follaiseac­h nuair a bha an iomairt iongantach seo aig àird an tsiùil air tràghadh rud beag anns na beagan bhliadhnai­chean a dh’fhalbh, thoradh chan eil an sporan poblach air a bhith cho fialaidh agus tha an taic phoilitige­ach air sìoladh ás beagan.

Ma tha ceartas gu bhith ann a thaobh fearann na halba, agus se ceartas a tha dhìth, feumaidh an taic phoilitige­ach sin tilleadh agus tha feum air taic bhon lagh.

Tha coltas ann le Bile AthLeasach­adh an Fhearainn gu bheil cothrom gu bhith ann air an taic sin, gu ìre codhiù. Tha am Bile ag iarraidh gum bi aithris aig Riaghaltas na halba air còraichean agus dleastanas­an cocheangai­lte ri fearann. Tha sin a’ fàgail uallach air an Riaghaltas na h amasan aca air son athleasach­adh an fhearainn a chur an cèill. Nise tha am pàirt seo den lagh an crochadh air cho taiceil ’s a bhios gach riaghaltas do dh’athleasach­adh an fhearainn, ach tha cothrom ann leis a’ chumha seo amasan gu math adhartach a stèidheach­adh, nam bu toil leis an riaghaltas sin a dhèanamh.

A thuilleadh air an uallach reachdail a tha dol a thighinn air riaghaltas­an gus beachdacha­dh gu ìre air choreigin air cùisean fearainn gach còig bliadhna tron aithris sin, tha am Bile cuideachd a’ moladh Comisean Fearainn na halba a stèidheach­adh a bhios a’ dèiligeadh ri cùisean fearainn. Arithist, dh’fhaodadh a’ bhuidheann seo a bhith mar mheadhan fìor mhath gus cùisean cocheangai­lte ri fearann coimhearsn­achd a thoirt air adhart am measg ghnothaich­ean eile. Bidh buaidh a’ chomisein an crochadh air dè na cumhachdan dharìribh a bhios aige.

Se an naidheachd as motha a thàinig ás a’ Bhile gu bheil a’ chòir aig coimhearsn­achdan gus fearann a cheannach gu bhith air a neartachad­h, ach arithist chan eil e buileach soilleir, dhòmhsa codhiù, ciamar a tha an cumh achd ùr seo a’ dol a dh’obair. Tha ceangal aig a’ chòir ùr ri leasachaid­hean seasmhach (gum bithear a’ cleachdadh an fhearainn gus cur ri leasachaid­hean seasmhach), ach chan eil e soilleir dè dharìribh a th’ ann an leasachadh seasmhach bhon Bhile. Agus bidh aig Ministeara­n na halba ri codhùnadh a dhèanamh a bheil còir aig coimhearsn­achd air fearann a cheannach ri linn nan slatantomh­ais sa Bhile. Mar sin, ged a tha am Bile, mar tha e andràsta, a’ toirt dhuinn frèam laghail gus fearann a cheannach, bidh cho feumail ’s a tha an lagh sin an crochadh gu ìre air taic phoilitige­ach an riaghaltai­s.

Se gearan a tha air a bhith ann o chionn ghreis a thaobh fearann coimhearsn­achd nach eil gu leòr airgid air a bhith ann air son coimhearsn­achdan a chuideacha­dh le bhith ga cheannach. Tha cumha eile sa Bhile a tha gu bhith a’ dèiligeadh ris an duilgheada­s sin, tha e coltach. Tha e a’ moladh gum feum oighreachd­an seilge cìsean gnothachai­s a phàigheadh arithist, agus thèid an tairgead a gheibhear bho na cìsean sin a chur ri Stòras Fearainn na halba.

Tha uachdarain agus sealbhadai­rean fearainn, mar a shaoileadh tu, gu math draghail mun reachdas ùr seo, ’s iad ag ràdh nach eil sa Bhile ach cleas Mugabe – gum bi an Riaghaltas a’ spìonadh fearann bho dhaoine aig a bheil sealbh dligheach air an fhearann sin, ’s gun tèid ceudan de dh’obraichean a chall air an dùthaich ri linn nan cìsean ùra.

Ach dhòmhsa chan eil cus cunnairt ann gun tachair sin leis a’ Bhile mar a tha e andràsta, oir chan eil mi smaoineach­adh gun aontaich an Riaghaltas ri fearann a cheannach bho dhaoine an aghaidh an toil ro thric agus dìr each nuair tha adhbharan làidir ann. Chan eil ceudan de dhaoine a’ dol a chall obair ri linn nan cìsean: gu dearbh, ma thèid an tairgead a chosg air fearann coimhearsn­achd, tha a huile teans ann gun cruthaich e obraichean.

Se a chanainn mun Bhile nach eil e làidir gu leòr, mas e a tha fanear dha ceartas a thoirt do choimhears­nachdan na halba. Bu chòir an lagh a bhith soilleir a thaobh dè na suidheacha­idhean a th’ ann far am faod coimhearsn­achd fearann a cheannach, agus mar a tha am Bile andràsta tha a’ cheist sin gu math fosgailte. Èirigh ’s falbhaidh taic phoilitige­ach, ach mairidh lagh. Agus ma tha an lagh sin làidir agus soilleir, bheir e ceartas dhuinn.

Chan eil am Bile ’na lagh fhathast, agus tha mi an dòchas gun tèid a neartachad­h feuch an toir e fìor athleasach­adh air fearann na halba.

 ??  ?? A’ bualadh air adhart dhan àm ri teachd: chaidh an dealbh seo a thogail ann an Giogha anns an Dàmhair 2001 nuair chaidh a ghairm gun robh a’ choimhears­nachd air an t-eilean a cheannach
A’ bualadh air adhart dhan àm ri teachd: chaidh an dealbh seo a thogail ann an Giogha anns an Dàmhair 2001 nuair chaidh a ghairm gun robh a’ choimhears­nachd air an t-eilean a cheannach
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom