The Scotsman

Seachdain a’ bhuidseit

- SEONAIDH CAIMBEUL

BHA e doirbh do na Buill Pàrlamaid a bha an làthair an Taigh nan Cumantan òraid bhuidsead Sheòrais Osborne a chluinntin­n Diciadain oir tha fada bharrachd buill na tha àiteansuid­he ann dhaibh. Bha aig cuid dhiubh ri coimhead ri aithrisean air Twitter ’s air a’ BHBC fhad ’s a bha an Seannsalai­r a’ bruidhinn gus móran a dhèanamh de na briathran aige.

An uair sin bha e doirbh brìgh a’ bhuidsead fhéin obrachadh amach. Osborne ag agairt, ri torr “hearhear” bho beingidhea­n nan Tóraidhean gun cumadh e ri prógram de ghearraidh­ean ann an seirbheise­an poblach ach gun toireadh e àrdachadh teachdantì­r tro ìsleachadh cìsean do mhóran a tha nas fheàrr dheth codhiù; na Làbaraich gu ìre mhath balbh ’s iad air a bhith ag aontachadh ann am prionnsaba­l le austerity cho fada anis gum biodh e doirbh dhaibh an suidheacha­dh sin atharracha­dh, gu hàraidh nuair nach eil ceannard ùr aca fhathast.

Lìon Pàrtaidh Nàiseanta na h Alba (PNA) am beàrn le bhith sònrachadh amach mar a tha na buannachda­n a thig, mas fhìor, do chuid tron bhuidseat a’ tighinn bho ionnsaighe­an air an fheadhainn as miosa dheth. Ged a gheall Osborne “tuarastal bithbeò” a thoirt asteach anathbhlia­dhna aig £7.20 san uair, ìre nas àirde na bha an dàrna cuid na Làbar no PNA fhéin air moladh, ghearain na Nàiseantai­ch nach e fìor àrdachadh a bhiodh ann agus geàrraidhe­an ann an Creideas Cìsean Obrach a’ tighinn aig a’ cheart àm. Mar sin, chan e tuarastal bithbeò a tha na Tóraidhean a’ toirt asteach ach gearraidhe­an ann an taic do theaghlaic­hean ann an obair.

Bha deasbad éiginneach air “bhotaichea­n Sasannach do laghan Sasannach” an latha roimhe a chaidh le na pàrtaidhea­n dùbhlanach nuair a dhiùlt an Riaghaltas bhòtadh idir agus feadhainn de na reubaltaic­h aca fhéin, leithid Sir Eideard Leigh, ag iarraidh barrachd thìde do bhuill air son meòmhracha­dh air atharracha­idhean bunreachda­il a dh’fhaodadh reifreann eile adhbharach­adh.

AN déidh don Ghrèig diùltadh a fiachan a phàigheadh agus muinntir na Gréige a’ dol leis a’ chodhùnadh sin ann an reifreann, tha e coltach gun do ghabh an riaghaltas ris a’ mhórchuid de dh’iarrtasan nan creidearan aca gus nach bi aca ri “Sòn an Iùro” fhàgail.

BHÀSAICH dràibhear, 28, agus chaidh a bhràmair, 25, a dhroch leòn ann an tubaist aonacharba­id taobh Loch Éireann, Siorrachd Pheairt. Ged a fhuair Police Scotland fón mu dheidhinn, cha do rannsaich iad e, agus bha a’ chàraid trì latha sa chàr mun robh iad air an lorg.

NOCHD Bile na halba air liosta chuspairea­n a chaidh a dheasbad bho chionn ghoirid a bhiodh an urra ri buill phàrlamaid Shasannach agus Chuimreach amhàin – se sin, fo “Bhotaichea­n Sasannach do Laghan Sasannach” cha bhiodh cead aig buill Albannach bhòtadh orra. Thuirt Ceannard Taigh nan Cumantan gur e mearachd rianachd a bh’ ann.

THÉID éisteachd a thoirt san tsultain don tagradh air son Alasdair Macgillemh­ìcheil a chur far a dhreuchd mar bhall pàrlamaid Arcaibh is Shealtainn ann an cùirttagha­idh Dhùn Éideann. Tha an luchdiomai­rt a’ cur ás a leth gur e breug a rinn e mu dheidhinn fhéin mar thagraiche poilitigea­ch agus gur e briseadh an lagha a tha sin.

BITHEAR a’ cumail 15mh Còmhdhail Eadarnàise­anta na Ceiltis an ath sheachdain ann an Oilthigh Ghlaschu.

CHA nochd colbh Brian Wilson tuilleadh anns a’ West Highland Free Press, pàipear a stéidhich e fhéin. Thug e taic dhan Oll. Dòmhnall Macleòid, a chaill an colbh aigesan mar fhreagairt ri gearanan mun bheachd aige gum biodh uiread de dh’fhògarraic­h Ioslamach bho cheann atuath Afraga ’nam bagairt ri Crìostaidh­eachd na heòrpa. Chan eil Magaidh Choineagan deònach sgrìobhadh dhan phàipear arithist oir tha i mìthoilich­te le làimhseach­adh na cùise.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom